bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 31
Deuteronomy 31
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 32 →
1
Agus chaidh Maois agus labhair e na briathran seo ri Israel uile.
2
Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo.
3
Thèid an Tighearna do Dhia e fhèin a‑null romhad; sgriosaidh esan na cinnich sin od làthair, agus sealbhaichidh tu iad: agus thèid Iosua a‑null romhad, mar a thubhairt an Tighearna.
4
Agus nì an Tighearna riu mar a rinn e ri Sihon, agus ri Og, rìghrean nan Amorach, agus ri fearann na muinntir sin a sgrios e.
5
Agus bheir an Tighearna thairis iad ro ur gnùis, a‑chum gun dèan sibh riu a rèir gach àithne a dh’àithn mise dhuibh.
6
Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.
7
Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a thèid a‑steach leis an t‑sluagh seo don fhearann a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhaibh; agus bheir thu orra a shealbhachadh mar oighreachd.
8
Agus thèid an Tighearna e fhèin romhad; bidh esan maille riut, cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort.
9
Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.
10
Agus dh’àithn Maois dhaibh, ag ràdh, Aig ceann gach seachd bliadhna, ann an àm òrdaichte bliadhna an fhuasglaidh, aig fèill nam pàillean,
11
Nuair a thig Israel uile gan taisbeanadh fhèin an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; leughaidh tu an lagh seo an làthair Israeil uile, nan èisdeachd.
12
Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh;
13
Agus gun cluinn an clann do nach b’aithne a’ bheag, agus gum fòghlaim iad eagal an Tighearna ur Dia a bhith orra, am fad agus as beò dhuibh anns an fhearann da bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh.
14
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, tha do làithean a’ dlùthachadh anns am feum thu bàs fhaghail: gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh fhèin ann am pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun toir mise àithne dha. Agus chaidh Maois agus Iosua, agus nochd iad iad fhèin ann am pàillean a’ choitheanail.
15
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin anns a’ phàillean ann am meall neòil: agus sheas am meall neòil os cionn doras a’ phàillein.
16
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, caidlidh tusa maille rid athraichean; agus èiridh an sluagh seo suas, agus thèid iad le strìopachas an dèidh diathan na tìre coimhich sin da bheil iad a’ dol a‑steach gu fantainn na meadhon, agus trèigidh iad mise, agus brisidh iad mo choicheangal a rinn mi riu.
17
Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn?
18
Agus gu cinnteach falaichidh mise mo ghnùis anns an là sin, airson gach uilc a dh’obraich iad, a chionn gun do thionndaidh iad an dèidh dhiathan eile.
19
A‑nis uime sin sgrìobhaibh-se dhuibh fhèin an laoidh seo, agus teagaisgibh i do chloinn Israeil: cuir i nam beul, a‑chum gum bi an laoidh seo mar fhianais dhòmhsa an aghaidh chloinn Israeil.
20
Oir nuair a bheir mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi dan athraichean, a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, agus a dh’itheas iad agus a shàsaichear iad, agus a dh’fhàsas iad reamhar; an sin tionndaidhidh iad gu diathan eile, agus nì iad seirbhis dhaibh, agus brosnaichidh iad mi, agus brisidh iad mo choicheangal.
21
Agus tàrlaidh, nuair a thig mòran olc agus àmhgharan orra, gun labhair an laoidh seo mar fhianais nan aghaidh; oir cha dìochuimhnichear i à beul an sliochd: oir is aithne dhomh an smuaintean a tha iad a’ dealbh an‑diugh fhèin, mun tug mi a‑steach iad don fhearann a mhionnaich mi.
22
Sgrìobh uime sin Maois an laoidh seo air an là sin fhèin, agus theagaisg e i do chloinn Israeil.
23
Agus dh’àithn e do Iosua mac Nuin, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil don fhearann a mhionnaich mi dhaibh; agus bidh mise maille riut.
24
Agus nuair a chuir Maois crìoch air sgrìobhadh briathran an lagha seo ann an leabhar, gus an do chrìochnaicheadh iad;
25
An sin dh’àithn Maois do na Lèbhithich, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, ag ràdh,
26
Gabhaibh leabhar an lagha seo, agus cuiribh e aig taobh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, a‑chum gum bi e an sin mar fhianais ad aghaidh.
27
Oir is aithne dhomh do cheannairc, agus do mhuineal rag: feuch, am feadh is a tha mi fhathast beò maille ribh an‑diugh, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna; agus cia as mò na sin a bhios sibh an dèidh mo bhàis?
28
Cruinnichibh am ionnsaigh seanairean ur treubhan uile, agus ur luchd-riaghlaidh, a‑chum is gun labhair mi nan cluasan na briathran seo, agus gun gairm mi na nèamhan agus an talamh mar fhianaisean nan aghaidh.
29
Oir tha fhios agam, an dèidh mo bhàis gun truaill sibh sibh fhèin gu tur, agus gun tèid sibh a thaobh on t‑slighe a dh’àithn mi dhuibh; agus thig olc oirbh anns na làithean deireannach, a chionn gun dèan sibh olc ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair ur làmh.
30
Agus labhair Maois ann an cluasan uile cho-chruinneachadh Israeil briathran na laoidhe seo, gus an do chrìochnaicheadh iad.
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 32 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34