bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 11
Deuteronomy 11
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 12 →
1
Air an adhbhar sin, gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, agus gleidhidh tu a chùram, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, agus a àitheantan a‑ghnàth.
2
Agus biodh fhios agaibhse an‑diugh: oir cha labhair mi ri ur cloinn do nach b’aithne, agus nach faca, smachdachadh an Tighearna ur Dia, a mhòrachd, a làmh chumhachdach, agus a ghàirdean sìnte a‑mach,
3
Agus a chomharraidhean, agus a ghnìomharan, a rinn e ann am meadhon na h‑Eiphit, ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ra fhearann uile;
4
Agus ciod a rinn e ri armailt nan Eiphiteach, rin eich, agus rin carbadan; cionnas a thug e air uisge na mara ruaidhe dol tharta nuair a bha iad an tòir oirbh, agus cionnas a sgrios an Tighearna iad gus an là‑an‑diugh;
5
Agus ciod a rinn e dhuibhse anns an fhàsach, gus an tàinig sibh don àite seo;
6
Agus ciod a rinn e ri Datan agus Abiram, mic Eliaib mhic Reubein: cionnas a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e sìos iad, agus an teaghlaichean agus am bùthan, agus a’ mhaoin uile a bha nan seilbh, am meadhon Israeil uile.
7
Ach chunnaic ur sùilean-se gnìomharan mòra an Tighearna uile, a rinn e.
8
Uime sin, gleidhidh sibh na h‑àitheantan sin uile a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, a‑chum gum bi sibh làidir agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann, gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh;
9
Agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.
10
Oir chan eil am fearann da bheil thu a’ dol a‑steach ga shealbhachadh mar fhearann na h‑Eiphit, on tàinig sibh a‑mach, far an robh thu a’ cur do shìl, agus ga uisgeachadh led chois, mar lios lusan:
11
Ach am fearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh, is fearann bheann agus ghleann e: de fhrasachd nèimh òlaidh e uisge:
12
Fearann de a bheil an Tighearna do Dhia a’ gabhail cùraim; tha sùilean an Tighearna do Dhia air a‑ghnàth, o thoiseach na bliadhna eadhon gu deireadh na bliadhna.
13
Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas sibh gu dùrachdach rim àitheantan-sa a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam;
14
Gun toir mise dhuibh uisge ur fearainn na àm fhèin, an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach, agus cruinnichidh tu a‑steach d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola.
15
Agus cuiridh mi feur ad mhachair dod sprèidh, agus ithidh tu, agus sàsaichear thu.
16
Thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal gum meallar ur cridhe, agus gun claon sibh a lethtaobh, agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun dèan sibh adhradh dhaibh;
17
Agus gun las fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus gun druid e suas nèamh, air chor is nach bi uisge sam bith ann, agus nach toir am fearann a thoradh uaithe, agus gun sgriosar gu grad sibh as an fhearann mhath a tha an Tighearna a’ tabhairt dhuibh.
18
Uime sin taisgidh sibh suas iad seo mo bhriathran nur cridhe, agus nur n‑anam, agus ceanglaidh sibh iad mar chomharradh air ur làimh; agus bidh iad mar aodannain eadar ur sùilean.
19
Agus teagaisgidh sibh iad dur cloinn, a’ labhairt orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.
20
Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnean doras do thaighe, agus air do gheatachan:
21
A‑chum is gum bi ur làithean lìonmhor, agus làithean ur cloinne, anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean a thoirt dhaibh, mar làithean nèimh air an talamh.
22
Oir ma ghleidheas sibh gu dùrachdach na h‑àitheantan seo uile a tha mise ag àithneadh dhuibh a dhèanamh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, gluasad na uile shlighean, agus dlùth-leantainn ris;
23
An sin tilgidh an Tighearna a‑mach na cinnich sin uile romhaibh, agus sealbhaichidh sibh cinnich as mò agus as cumhachdaiche na sibh fhèin.
24
Gach àit air an saltair buinn ur cas, is leibhse: on fhàsach, agus Lebanon, on abhainn, an abhainn Euphràtes, eadhon gus an fhairge as fhaide a‑mach, bidh ur crìoch.
25
Cha seas duine nur n‑aghaidh; air gach fearann air an saltair sibh, cuiridh an Tighearna ur Dia eagal agus geilt-chrith romhaibh, a rèir mar a thubhairt e ribh.
26
Feuch, tha mise a’ cur fa ur comhair air an là‑an‑diugh beannachadh agus mallachadh;
27
Beannachadh, ma bheir sibh gèill do àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh;
28
Agus mallachadh, mura toir sibh gèill do àitheantan an Tighearna ur Dia, ach gun claon sibh on t‑slighe a tha mi ag àithneadh dhuibh an‑diugh, a dhol an dèidh dhiathan eile nach b’aithne dhuibh.
29
Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, gun cuir thu am beannachadh air sliabh Gheridsim, agus am mallachadh air sliabh Ebail.
30
Nach eil iad air an taobh eile de Iòrdan, leth ri slighe dol fodha na grèine, ann an tìr nan Canàanach, a tha ag àiteachadh a’ chòmhnaird fa chomhair Ghilgail, làimh ri còmhnardan Mhòreh?
31
Oir thèid sibh thar Iòrdan, a dhol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh, agus sealbhaichidh sibh e, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann.
32
Agus bheir sibh an aire gun dèan sibh na reachdan uile agus na breitheanais, a tha mi a’ cur romhaibh air an là‑an‑diugh.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34