bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 25
Deuteronomy 25
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 26 →
1
Ma bhios connsachadh eadar daoine, agus gun tig iad gu breitheanas, a‑chum is gun toir na britheamhan breith orra; an sin saoraidh iad an t‑ionracan, agus dìtidh iad an ciontach.
2
Agus tàrlaidh, mas airidh an duine aingidh a bhith air a bhualadh, gun toir am britheamh air laighe sìos, agus a bhith air a bhualadh na làthair, a rèir a choire, le àireamh àraidh de bhuillean.
3
Dà‑fhichead buille bheir e dha: cha tèid e thairis, air eagal nan rachadh e thairis, agus gum buaileadh e e os an cionn sin le mòran bhuillean, an sin gum biodh do bhràthair tàireil ad shùilean.
4
Cha chuir thu ceangal air beul an daimh nuair a tha e a’ saltairt an arbhair.
5
Nuair a ghabhas bràithrean còmhnaidh maille ri chèile, agus gum faigh aon dhiubh bàs, agus gun duine cloinne aige, cha phòs bean a’ mhairbh a‑mach ri coigreach: thèid a bràthair-cèile a‑steach da h‑ionnsaigh, agus gabhaidh e dha fhèin i na mnaoi, agus nì e dlighe bràthar-chèile rithe.
6
Agus èiridh an ciad-ghin mic a bheireas i suas ann an ainm a bhràthar a tha marbh, a‑chum nach dubhar a‑mach a ainm à Israel.
7
Agus mura toigh leis an duine bean a bhràthar a ghabhail, an sin thèid bean a bhràthar suas don gheata a‑chum nan seanairean, agus their i, Tha mo bhràthair-cèile a’ diùltadh ainm a thogail suas da bhràthair ann an Israel, chan àill leis dlighe bràthar-chèile a dhèanamh rium.
8
An sin gairmidh seanairean a’ bhaile air, agus labhraidh iad ris: agus ma sheasas e a‑mach, agus gun abair e, Chan àill leam a gabhail;
9
An sin thig bean a bhràthar da ionnsaigh an làthair nan seanairean, agus fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus tilgidh i smugaid na aodann, agus freagraidh agus their i, Mar seo nìthear ris an duine nach tog suas taigh a bhràthar.
10
Agus goirear a ainm ann an Israel, Taigh an fhir aig a bheil a bhròg fuasgailte.
11
Nuair a bhios daoine ri còmhstri cuideachd, neach ri neach eile, agus gun tig bean aoin dhiubh am fagas a dh’fhuasgladh a fir-phòsda à làimh an fhir a tha ga bhualadh, agus gun sìn i a‑mach a làmh, agus gun gabh i greim air a bhuill dhiamhair,
12
An sin gearraidh tu dhith a làmh: cha ghabh do shùil truas rithe.
13
Cha bhi agad ann ad mhàla aon chothrom agus cothrom eile, cothrom mòr agus beag.
14
Cha bhi agad ann ad thaigh aon soitheach agus soitheach eile tomhais, soitheach mòr agus beag.
15
Cothrom iomlan agus ceart bidh agad, soitheach-tomhais iomlan agus ceart bidh agad, a‑chum gum buanaichear do làithean anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut.
16
Oir tha iadsan uile a nì na nithean sin, iadsan uile a nì gu h‑eucorach, nan gràinealachd don Tighearna do Dhia.
17
Cuimhnich ciod a rinn Amalec ort anns an t‑slighe, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit:
18
Cionnas a choinnich e thu anns an t‑slighe, agus a bhuail e a’ chuid a bu deireannaiche dhìot, eadhon iadsan uile a bha lag ad dhèidh, nuair a bha thu fann agus sgìth, agus nach robh eagal Dhè air.
19
Uime sin nuair a bheir an Tighearna do Dhia fois dhut od naimhdean uile mun cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd ra shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh; cha dìochuimhnich thu e.
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 26 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34