bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 19
Deuteronomy 19
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 20 →
1
Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich, aig an robh am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam bailtean, agus nan taighean;
2
Cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean am meadhon d’fhearainn, a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh.
3
Deasaichidh tu dhut fhèin slighe, agus roinnidh tu crìochan d’fhearainn, a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh, nan trì earrannan, a‑chum gum faod gach marbhaiche teicheadh an sin.
4
Agus is e seo cor a’ mharbhaiche, a theicheas an sin, a‑chum gum bi e beò: Ge bè a mharbhas a choimhearsnach gun fhios dha, do nach robh fuath aige roimhe:
5
Mar a tha nuair a thèid duine maille ra choimhearsnach don choille a ghearradh fiodha, agus a bheir a làmh buille leis an tuaigh a ghearradh sìos na craoibhe, agus a leumas an ceann bhàrr na coise, agus a thuiteas e air a choimhearsnach, air chor is gum bàsaich e; teichidh e a‑chum aoin de na bailtean sin, agus bidh e beò:
6
Air eagal gun lean dìoghaltair na fala am marbhaiche, am feadh is a tha a chridhe teth, agus gum beir e air, a chionn gu bheil an t‑slighe fada, agus gum marbh e e, ged nach robh e toillteanach air bàs, do bhrìgh nach robh fuath aige dha anns an àm a chaidh seachad.
7
Uime sin tha mi ag àithneadh dhut, ag ràdh, Cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean.
8
Agus ma leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a mhionnaich e dod athraichean, agus ma bheir e dhut am fearann uile a gheall e a thoirt dod athraichean;
9
Ma bheir thu an aire na h‑àitheantan sin uile a dhèanamh, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, agus gluasad a‑ghnàth na shlighean; an sin cuiridh tu air leth dhut fhèin trì bailtean eile a thuilleadh air na trì sin;
10
A‑chum nach dòirtear fuil neochiontach ad fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd, agus nach bi mar sin fuil ort.
11
Ach ma tha aig duine sam bith fuath da choimhearsnach, agus gun laigh e am plaid air a shon, agus gun èirich e suas na aghaidh, agus gum buail e gu marbhtach e, air chor is gum faigh e bàs, agus gun teich e gu aon de na bailtean sin;
12
An sin cuiridh seanairean a bhaile fhèin fios uapa, agus bheir iad as a sin e, agus bheir iad thairis e do làimh dìoghaltair na fala, a‑chum gum bàsaich e.
13
Cha ghabh do shùil truas ris: ach cuiridh tu air falbh cionta fala neo-chiontaich o Israel, a‑chum is gun èirich gu math dhut.
14
Chan atharraich thu crìoch fearann do choimhearsnaich, a shuidhich na sinnsirean ad oighreachd a shealbhaicheas tu, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh.
15
Chan èirich aon fhianais a‑mhàin suas an aghaidh duine airson eucoir sam bith, no airson peacaidh sam bith, ann am peacadh sam bith a pheacaicheas e: aig beul dà fhianais, no aig beul trì fianaisean daingnichear a’ chùis.
16
Ma dh’èireas fianais bhrèige suas an aghaidh duine sam bith, a thoirt fianais na aghaidh air an euceart;
17
An sin seasaidh an dithis dhaoine aig a bheil an connsachadh, am fianais an Tighearna, an làthair nan sagart, agus nam britheamhan a bhios anns na làithean sin:
18
Agus nì na britheamhan rannsachadh geur; agus, feuch, mas fianais bhrèige an fhianais, agus gun tug e fianais bhrèige an aghaidh a bhràthar,
19
An sin nì sibh ris, mar a shaoil esan a dhèanamh ra bhràthair: mar sin cuiridh tu air falbh an t‑olc as ur measg.
20
Agus cluinnidh iadsan a mhaireas agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad o sin a‑mach a shamhail seo de olc nur measg.
21
Agus cha ghabh do shùil truas; ach thèid anam airson anama, sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34