bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 29
Deuteronomy 29
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 30 →
1
Is iad sin briathran a’ choicheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dhèanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr Mhòaib, a thuilleadh air a’ choicheangal a rinn e riu ann an Hòreb.
2
Agus thug Maois gairm do Israel uile, agus thubhairt e riu, Chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna fa chomhair ur sùl ann an tìr na h‑Eiphit, ri Phàraoh, agus ra sheirbhisich uile, agus ra fhearann uile;
3
Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, na comharraidhean agus na h‑iongantasan mòra sin;
4
Gidheadh cha tug an Tighearna dhuibh cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh’fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn, gus an là‑an‑diugh.
5
Agus threòraich mise sibh dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach; cha do chaitheadh ur n‑aodach dhibh le aois, agus cha do chaitheadh do bhròg le aois bhàrr do choise.
6
Cha d’ith sibh aran, cha mhò a dh’òl sibh fìon, no deoch làidir; a‑chum gum biodh fios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.
7
Agus nuair a thàinig sibh don àite seo, thàinig Sihon rìgh Hesboin, agus Og rìgh Bhasain, a‑mach nar n‑aghaidh a‑chum catha, agus bhuail sinn iad.
8
Agus ghlac sinn am fearann, agus thug sinn e mar oighreachd do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.
9
Gleidhibh uime sin briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad, a‑chum gun soirbhich leibh anns gach nì a nì sibh.
10
Tha sibh uile nur seasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ur Dia; ceannardan ur treubhan, ur seanairean, agus ur luchd-riaghlaidh, fir Israeil uile,
11
Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear-gearraidh d’fhiodha gu fear-tarraing d’uisge;
12
A‑chum gun rachadh tu ann an coicheangal ris an Tighearna do Dhia, agus na mhionnan-san, a tha an Tighearna do Dhia a’ dèanamh riut air an là‑an‑diugh:
13
A‑chum gun daingnich e thu an‑diugh mar shluagh dha fhèin, agus gum bi esan dhutsa na Dhia, mar a thubhairt e riut, agus mar a mhionnaich e dod athraichean, do Abrahàm do Isaac, agus do Iàcob.
14
Agus chan ann ribhse a‑mhàin a tha mise a’ dèanamh a’ choicheangail seo, agus nam mionnan seo;
15
Ach ris-san a tha an seo maille rinn na sheasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ar Dia, agus mar an ceudna ris-san nach eil an seo maille rinn an‑diugh:
16
(Oir is aithne dhuibh cionnas a bha sinn a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, agus cionnas a thàinig sinn tro mheadhon nan cinneach air an deachaidh sibh seachad:
17
Agus chunnaic sibh an gràinealachdan, agus an iodhalan, fiodh agus clach, airgead agus òr, a bha nam measg:)
18
Air eagal gum biodh nur measg fear, no bean, no teaghlach, no treubh, a chlaonas a chridhe air falbh an‑diugh on Tighearna ar Dia, a dhol a dhèanamh seirbhis do dhiathan nan cinneach sin; air eagal gum biodh nur measg freumh a bheir uaithe mar thoradh nimh agus searbhas;
19
Agus nuair a chluinneas e briathran a’ mhallachaidh seo, an sin gum beannaich e e fhèin na chridhe, ag ràdh, Bidh sìth agam, ged a ghluais mi ann an ana-miann mo chridhe fhèin, a chur misge ri pathadh:
20
Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh.
21
Agus sgaraidh an Tighearna e a‑chum uilc, a‑mach à treubhan Israeil uile, a rèir uile mhallachdan a’ choicheangail, a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha seo:
22
Air chor is gun abair an ginealach ri teachd, ur clann a dh’èireas suas nur dèidh, agus an coigreach a thig o thìr fada o làimh, nuair a chì iad plàighean an fhearainn sin, agus a eucailean a leig an Tighearna air;
23
Agus gu bheil a thalamh uile na phronnasg, agus na shalann, agus na losgadh, nach eil e air a chur, no a’ toirt toraidh uaithe, agus nach eil feur sam bith a’ fàs ann, cosmhail ri sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, Admah agus Sheboim, a sgrios an Tighearna na fheirg, agus na chorraich;
24
Their eadhon na h‑uile chinnich, Carson a bhuin an Tighearna mar seo ris an fhearann seo? Ciod as ciall do theas na corraich mhòir seo?
25
An sin their daoine, A chionn gun do thrèig iad coicheangal an Tighearna Dia an athraichean, a rinn e riu, nuair a thug e a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit:
26
Oir chaidh iad agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile, agus rinn iad adhradh dhaibh, diathan nach b’aithne dhaibh, agus nach tug esan dhaibh:
27
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh an fhearainn seo, a thoirt nam mallachdan sin uile air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo:
28
Agus spìon an Tighearna a‑mach iad as am fearann ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an lasan ro‑mhòr, agus thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an là‑an‑diugh.
29
Buinidh na nithean diamhair don Tighearna ar Dia, ach na nithean a tha foillsichte dhuinne agus dar cloinn a‑chaoidh, a‑chum is gun dèan sinn uile bhriathran an lagha seo.
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 30 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34