bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 27
Deuteronomy 27
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 28 →
1
Agus dh’àithn Maois agus seanairean Israeil don t‑sluagh, ag ràdh, Gleidhibh na h‑àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhuibh an‑diugh.
2
Agus tàrlaidh, air an là anns an tèid sibh thar Iòrdan don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, gun cuir thu suas dhut fhèin clachan mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad.
3
Agus sgrìobhaidh tu orra uile bhriathran an lagha seo, nuair a thèid thu thairis, a‑chum is gun tèid thu a‑steach don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; mar a gheall an Tighearna Dia d’athraichean dhut.
4
Uime sin nuair a thèid sibh thar Iòrdan, cuiridh sibh suas na clachan sin, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, ann an sliabh Ebail, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad.
5
Agus an sin togaidh tu suas altair don Tighearna do Dhia, altair de chlachan: cha tog thu suas inneal iarainn sam bith orra.
6
De chlachan slàna togaidh tu altair an Tighearna do Dhia, agus bheir thu suas oirre ìobairtean-loisgte don Tighearna do Dhia.
7
Agus ìobraidh tu ìobairtean-sìthe, agus ithidh tu an sin, agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia.
8
Agus sgrìobhaidh tu air na clachan uile bhriathran an lagha seo gu ro‑shoilleir.
9
Agus labhair Maois, agus na sagartan, na Lèbhithich, ri Israel uile, ag ràdh, Thoir an aire, agus èisd, O Israeil; air an là‑an‑diugh rinneadh thu ad shluagh don Tighearna do Dhia.
10
Uime sin èisdidh tu ri guth an Tighearna do Dhia, agus nì thu a àitheantan, agus a reachdan, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh.
11
Agus dh’àithn Maois don t‑sluagh air an là sin fhèin, ag ràdh,
12
Seasaidh iad seo air sliabh Gheridsim a bheannachadh an t‑sluaigh, nuair a thèid sibh thar Iòrdan: Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Iòseph, agus Beniàmin:
13
Agus seasaidh iad seo air sliabh Ebail a mhallachadh: Reuben, Gad, agus Aser, agus Sebulun, Dan, agus Naphtali.
14
Agus labhraidh na Lèbhithich, agus their iad ri daoine Israeil uile le guth àrd:
15
Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair-làmh an fhir-cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen.
16
Mallaichte gu robh esan a nì tàir air a athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen.
17
Mallaichte gu robh esan a dh’atharraicheas crìoch fearann a choimhearsnaich: agus their an sluagh uile, Amen.
18
Mallaichte gu robh esan a chuireas an dall air seachran anns an t‑slighe: agus their an sluagh uile, Amen.
19
Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen.
20
Mallaichte gu robh esan a laigheas le mnaoi a athar, a chionn gu bheil e a’ leigeadh ris còmhdach a athar: agus their an sluagh uile, Amen.
21
Mallaichte gu robh esan a laigheas le ainmhidh sam bith: agus their an sluagh uile, Amen.
22
Mallaichte gu robh esan a laigheas le a phiuthair, nighean a athar, no nighean a mhàthar: agus their an sluagh uile, Amen.
23
Mallaichte gu robh esan a laigheas le a mhàthair-chèile: agus their an sluagh uile, Amen.
24
Mallaichte gu robh esan a bhuaileas a choimhearsnach gu h‑uaigneach: agus their an sluagh uile, Amen.
25
Mallaichte gu robh esan a ghabhas duais airson duine neo-chiontach a mharbhadh: agus their an sluagh uile, Amen.
26
Mallaichte gu robh esan nach daingnich uile bhriathran an lagha seo a‑chum an dèanamh: agus their an sluagh uile, Amen.
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 28 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34