bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 9
Deuteronomy 9
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 10 →
1
Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;
2
Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic?
3
Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut.
4
Na labhair ann ad chridhe, an dèidh don Tighearna do Dhia an tilgeadh a‑mach romhad, ag ràdh, Airson m’fhìreantachd fhèin thug an Tighearna a‑steach mi a shealbhachadh an fhearainn seo; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna gam fògradh a‑mach od làthair.
5
Chan ann airson d’fhìreantachd, no airson ionracas do chridhe, a tha thu a’ dol a shealbhachadh am fearainn; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna do Dhia gam fògradh a‑mach od làthair-sa, agus a‑chum gun coilean e am facal a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob.
6
Tuig, uime sin, nach ann airson d’fhìreantachd-sa, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut an fhearainn mhaith seo ra shealbhachadh; oir is sluagh rag-mhuinealach thu.
7
Cuimhnich, na dìochuimhnich cionnas a bhrosnaich thu an Tighearna do Dhia gu feirg anns an fhàsach: on là anns an deachaidh tu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an tàinig sibh don àite seo, bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna.
8
Mar an ceudna ann an Hòreb bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg, air chor is gu robh corraich air an Tighearna ribh a‑chum ur sgrios.
9
Nuair a chaidh mise suas don t‑sliabh a ghabhail nan clàr cloiche, eadhon clàir a’ choicheangail a rinn an Tighearna ribh, an sin dh’fhan mi anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge:
10
Agus thug an Tighearna dhomh dà chlàr chloiche, sgrìobhte le meur Dhè; agus orra bha sgrìobhte a rèir nan uile bhriathran a labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, ann an là a’ cho-chruinneachaidh.
11
Agus thàrladh, an ceann dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, gun tug an Tighearna dhòmhsa an dà chlàr chloiche, eadhon clàir a’ choicheangail.
12
Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich sìos gu luath as a seo; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach as an Eiphit, iad fhèin: chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh; rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte.
13
A bhàrr air seo, labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Chunnaic mi an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.
14
Leig dhomh, a‑chum is gun sgrios mi iad, agus gun dubh mi a‑mach an ainm o bhith fo nèamh; agus nì mi dhìotsa cinneach as cumhachdaiche agus as mò na iadsan.
15
Mar sin thill mi, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus bha an sliabh a’ losgadh le teine; agus bha dà chlàr a’ choicheangail am dhà làimh.
16
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, bha sibh air peacachadh an aghaidh an Tighearna ur Dia, rinn sibh laogh leaghte dhuibh fhèin: bha sibh air tionndadh a thaobh gu grad as an t‑slighe a dh’àithn an Tighearna dhuibh.
17
Agus ghlac mi an dà chlàr, agus thilg mi as mo dhà làimh iad, agus bhris mi iad fa chomhair ur sùl.
18
Agus thuit mi sìos am fianais an Tighearna, mar air tùs, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge, airson ur peacaidhean uile a pheacaich sibh, le olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
19
(Oir bha eagal na feirge orm, agus na ro‑chorraich leis an robh an Tighearna feargach nur n‑aghaidh-se a‑chum ur sgrios.) Ach dh’èisd an Tighearna rium anns an àm sin mar an ceudna.
20
Agus bha ro‑fhearg air an Tighearna ri Aaron a‑chum a sgrios: agus rinn mi ùrnaigh, mar an ceudna, airson Aaroin anns an àm sin fhèin.
21
Agus ghabh mi ur peacadh, an laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, eadhon gus an do rinneadh mìn e mar dhuslach; agus thilg mi a dhuslach anns an t‑sruth a thàinig a‑nuas on t‑sliabh.
22
Agus air Taberah, agus aig Masah, agus aig Cibrot-hataabhah, bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg.
23
Mar an ceudna nuair a chuir an Tighearna sibh o Chadeis-barnea, ag ràdh, Rachaibh suas, agus sealbhaichibh am fearann a thug mise dhuibh; an sin rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna ur Dia, agus cha do chreid sibh e, cha mhò a dh’èisd sibh ra ghuth.
24
Bha sibh ceannairceach an aghaidh an Tighearna on là a b’aithne dhòmhsa sibh.
25
Mar seo, thuit mi sìos am fianais an Tighearna dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs: a chionn gun dubhairt an Tighearna gun sgriosadh e sibh.
26
Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich.
27
Cuimhnich do sheirbhisich, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob; na amhairc air reasgachd an t‑sluaigh seo, no air an aingidheachd, no air am peacadh;
28
Air eagal gun abair am fearann as an tug thu a‑mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearna an toirt a‑steach don fhearann a gheall e dhaibh agus a chionn gu robh fuath aige dhaibh, thug e a‑mach iad gu am marbhadh anns an fhàsach.
29
Gidheadh is iad do shluagh iad, agus d’oighreachd, a thug thu a‑mach led threun neart, agus led ghàirdean sìnte a‑mach.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34