bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 17
Deuteronomy 17
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 18 →
1
Chan ìobair thu don Tighearna do Dhia tarbh, no caora, anns a bheil gaoid, no mì‑mhaise sam bith: oir is gràinealachd sin don Tighearna do Dhia.
2
Ma gheibhear nur measg, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fear no bean a rinn aingidheachd ann an sùilean an Tighearna do Dhia, le a choicheangal a bhriseadh,
3
Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise;
4
Agus gun d’innseadh dhut e, agus gun cuala tu e, agus gun do rannsaich thu gu math, agus, feuch, gur fìor e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin ann an Israel;
5
An sin bheir thu a‑mach am fear sin no a’ bhean sin, a rinn an nì aingidh sin, a‑chum do gheatachan, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachan gus am bàsaich iad.
6
Aig beul dà fhianais, no trì fianaisean, cuirear gu bàs esan a tha toillteanach air bàs: cha chuirear gu bàs e aig beul aon fhianais.
7
Bidh làmhan nam fianaisean air an toiseach, ga chur gu bàs; agus na dhèidh sin làmhan an t‑sluaigh uile: mar sin cuiridh tu an t‑olc air falbh o ur measg.
8
Ma dh’èireas cùis a bhios ro‑chruaidh ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil, eadar breith agus breith, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean connspaid an taobh a‑staigh ded gheatachan; an sin èiridh tu, agus thèid thu suas don ionad a thaghas an Tighearna do Dhia:
9
Agus thig thu a‑chum nan sagart, nan Lèbhitheach, agus a‑chum a’ bhritheimh a bhios anns na làithean sin, agus fiosraichidh tu; agus nochdaidh iad dhut facal a’ bhreitheanais:
10
Agus nì thu a rèir na breithe a nochdas muinntir an àite sin (a thaghas an Tighearna) dhut, agus bheir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a theagaisgeas iad dhut:
11
A rèir breith an lagha a theagaisgeas iad dhut, agus a rèir a’ bhreitheanais a dh’innseas iad dhut, nì thu: cha chlaon thu on bhreith a nochdas iad dhut, a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe.
12
Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel.
13
Agus cluinnidh an sluagh uile, agus bidh eagal orra, agus cha dèan iad gu h‑an‑dàna nas mò.
14
Nuair a thig thu a‑chum an fhearainn a bheir an Tighearna do Dhia dhut, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnaidh ann, agus a their thu, Cuiridh mi rìgh os mo chionn, mar na cinnich uile a tha mun cuairt orm:
15
Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut.
16
Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.
17
Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.
18
Agus nuair a shuidheas e air rìgh-chathair a rìoghachd, an sin ath-sgrìobhaidh e dha fhèin an lagh seo ann an leabhar, as an leabhar sin a tha an làthair nan sagart, na Lèbhithich.
19
Agus bidh e aige, agus leughaidh e ann, uile làithean a bheatha: a‑chum gum fòghlaim e eagal an Tighearna a Dhia a bhith air, uile bhriathran an lagha seo a ghleidheadh, agus na reachdan seo, a‑chum an dèanamh:
20
A‑chum nach bi a chridhe air a thogail suas os cionn a bhràithrean, agus nach claon e on àithne a‑chum na làimhe deise no na làimhe clìthe; air chor is gum buanaich e a làithean na rìoghachd, e fhèin agus a chlann ann am meadhon Israeil.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34