bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 18
Deuteronomy 18
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 19 →
1
Cha bhi aig na sagartan, na Lèbhithich, eadhon uile threubh Lèbhi, roinn sam bith no oighreachd maille ri Israel: ithidh iad tabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, agus a oighreachd-san.
2
Uime sin cha bhi oighreachd sam bith aca am measg am bràithrean: is e an Tighearna fhèin an oighreachd, mar a thubhairt e riu.
3
Agus is e seo dlighe nan sagart on t‑sluagh, uapasan a dh’ìobras ìobairt, mas tarbh no caora e; agus bheir iad don t‑sagart an slinnean, agus na gialan, agus a’ mhaodal.
4
Mar an ceudna ciad-thoradh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad lomradh do chaorach bheir thu dha:
5
Oir thagh an Tighearna do Dhia e a‑mach as do threubhan uile, gu seasamh a‑chum frithealaidh ann an ainm an Tighearna, e fhèin agus a mhic gu bràth.
6
Agus ma thig Lèbhitheach o aon ded gheatachan a‑mach à Israel uile, far a bheil e air chuairt, agus ma thig e le uile thogradh a inntinn don ionad a thaghas an Tighearna;
7
An sin frithealaidh e ann an ainm an Tighearna a Dhia, mar a bhràithrean uile na Lèbhithich, a tha nan seasamh an sin an làthair an Tighearna.
8
Bidh aca uiread ri chèile ra ithe, a bhàrr air na thig air o reiceadh cuid a chloinne.
9
Nuair a thig thu don fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, chan fhòghlaim thu a dhèanamh a rèir gràinealachd nan cinneach sin.
10
Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,
11
No seunadair, no neach a dh’fhiosraicheas de leannan-sìdh, no draoidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh.
12
Oir is gràinealachd don Tighearna iadsan uile a nì na nithean sin; agus airson nan gràinealachd sin, tha an Tighearna do Dhia gam fuadachadh a‑mach romhad.
13
Bidh tusa coileanta maille ris an Tighearna do Dhia.
14
Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.
15
Togaidh an Tighearna do Dhia suas fàidh dhut od mheadhon fhèin, od bhràithrean, cosmhail riumsa: ris-san èisdidh sibh;
16
A rèir nan uile nithean a dh’iarr thu on Tighearna do Dhia ann an Hòreb, ann an là a’ cho-chruinneachaidh, ag ràdh, Na cluinneam-sa a‑rìs guth an Tighearna mo Dhia, agus na faiceam an teine mòr seo nas mò, a‑chum nach bàsaich mi.
17
Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Is math a labhair iad an nì a labhair iad.
18
Togaidh mise suas fàidh dhaibh o mheasg am bràithrean, cosmhail riutsa, agus cuiridh mi mo bhriathran na bheul, agus labhraidh e riu gach nì a dh’àithneas mi dha.
19
Agus tàrlaidh, an duine nach èisd rim bhriathran-sa a labhras e am ainm, iarraidh mi uaithe e:
20
Ach am fàidh aig am bi de dhànadas facal a labhairt am ainm, nach d’àithn mise dha a labhairt, no a labhras ann an ainm dhiathan eile, gu cinnteach bàsaichidh am fàidh sin.
21
Agus ma their thu ann ad chridhe, Cionnas a dh’aithnicheas sinn am facal nach do labhair an Tighearna?
22
Nuair a labhras fàidh ann an ainm an Tighearna, mura tachair an nì, agus mura tig e gu crìch, is e sin an nì nach do labhair an Tighearna; gu h‑an‑dàna labhair am fàidh e: cha bhi eagal ort roimhe.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34