bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 24
Deuteronomy 24
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 25 →
1
Nuair a ghabhas fear bean, agus a phòsas e i, agus gun tachair nach faigh i deagh-ghean na shùilean, a chionn gun d’fhuair e neòghlaine-eigin innte; an sin sgrìobhadh e litir-dhealachaidh dhi, agus thugadh e na làimh i, agus cuireadh e a‑mach as a thaigh i.
2
Agus nuair a dh’fhalbhas i a‑mach as a thaigh, faodaidh i dol agus a bhith na mnaoi aig fear eile.
3
Agus ma dh’fhuathaicheas am fear-pòsda mu dheireadh seo i, agus gun sgrìobh e litir-dhealachaidh dhi, agus gun toir e na làimh i, agus gun cuir e a‑mach as a thaigh i; no ma gheibh am fear mu dheireadh bàs, a ghabh i na mnaoi dha fhèin;
4
Chan fhaod a ciad fhear-pòsda a chuir uaithe i, a gabhail a‑rìs gu bhith na mnaoi dha, an dèidh dhi a bhith air a truailleadh; oir is gràinealachd sin an làthair an Tighearna: agus cha toir thu air an fhearann peacachadh, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd.
5
Nuair a ghabhas duine bean nuadh, cha tèid e a‑mach gu cogadh, cha mhò a chuirear cùram gnothaich sam bith air: fanaidh e saor aig a thaigh fhèin aon bhliadhna, agus bheir e subhachas da mhnaoi a ghabh e.
6
Cha ghabh duine sam bith a’ chlach-mhuilinn ìochdarach no uachdarach mar gheall: oir tha e a’ gabhail anam duine mar gheall.
7
Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg.
8
Thoir an aire, ann am plàigh na luibhre, gun toir thu fa‑near gu dùrachdach, agus gun dèan thu a rèir nan uile nithean a theagaisgeas na sagartan, na Lèbhithich, dhuibh: a rèir mar a dh’àithn mi dhaibh, bheir sibh fa‑near gun dèan sibh.
9
Cuimhnich ciod a rinn an Tighearna do Dhia ri Miriam air an t‑slighe, an dèidh dhuibh teachd a‑mach as an Eiphit.
10
Nuair a bheir thu dod choimhearsnach nì sam bith an coingheall, cha tèid thu a‑steach da thaigh a ghabhail a ghill.
11
A‑muigh seasaidh tu, agus bheir an duine da bheil thu a’ toirt an coingheall, an geall a‑mach dhut.
12
Agus ma bhios an duine bochd, cha chaidil thu le a gheall.
13
Air gach aon chor bheir thu air ais dha an geall a‑rìs, nuair a thèid a’ ghrian fodha, a‑chum gun caidil e na aodach fhèin, agus gum beannaich e thu: agus bidh seo na ionracas dhut an làthair an Tighearna do Dhia.
14
Cha dèan thu fòirneart air seirbhiseach tuarasdail a tha bochd agus uireasbhaidheach, co‑dhiù a tha e ded bhràithrean, no ded choigrich, a tha ann ad fhearann an taobh a‑staigh ded gheatachan.
15
Air a là bheir thu dha a thuarasdal, agus cha tèid a’ ghrian sìos air, oir tha e bochd, agus a’ suidheachadh a chridhe air; air eagal gun glaodh e ad aghaidh ris an Tighearna, agus gum bi e na pheacadh dhut.
16
Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson na cloinne, cha mhò a chuirear a’ chlann gu bàs airson nan athraichean: cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.
17
Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall.
18
Ach cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit, agus gun do shaor an Tighearna do Dhia thu as a sin: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.
19
Nuair a bhuaineas tu d’fhoghar ad achadh, agus a dhìochuimhnicheas tu sguab anns an achadh, cha till thu ga togail: airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh i; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làmh.
20
Nuair a chrathas tu do chrann-ola, cha tèid thu thairis air na geugan a‑rìs: airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh e.
21
Nuair a chruinnicheas tu fìon-dhearcan d’fhìonlios, cha ghlan thu gu buileach ad dhèidh e; airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh e.
22
Agus cuimhnichidh tu gu robh thu ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34