bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 8
Deuteronomy 8
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 9 →
1
Na h‑àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, bheir sibh an aire gun dèan sibh iad, a‑chum gum bi sibh beò, agus gum fàs sibh lìonmhor, agus gun tèid sibh a‑steach, agus gun sealbhaich sibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean.
2
Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.
3
Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.
4
Cha do chaitheadh d’aodach dhìot le aois, cha mhò a dh’at do chas rè an dà‑fhichead bliadhna seo.
5
Bheir thu mar an ceudna fa‑near ann ad chridhe, mar a smachdaicheas duine a mhac, gur ann mar sin a tha an Tighearna do Dhia gad smachdachadh-sa.
6
Uime sin gleidhidh tu àitheantan an Tighearna do Dhia, a‑chum gun gluais thu na shlighean, agus gum bi a eagal-san ort.
7
Oir tha an Tighearna do Dhia gad thabhairt gu fearann math, fearann shruthan uisgeachan, thobraichean, agus dhoimhneachdan a tha ag èirigh suas air feadh ghleann agus air feadh bheann;
8
Fearann cruithneachd, agus eòrna, agus fhìonainean, agus chraobhan fìgis, agus phomgranat, fearann ola na craoibh-ola, agus meala;
9
Fearann anns an ith thu aran gun ghainne, cha bhi uireasbhaidh nì sam bith ort ann; fearann aig a bheil a chlachan nan iarann, agus as a bheanntan cladhaichear umha.
10
Nuair a dh’itheas tu agus a shàsaichear thu, an sin beannaichidh tu an Tighearna do Dhia airson an fhearainn mhaith a thug e dhut.
11
Thoir an aire nach dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, air chor is nach glèidh thu a àitheantan agus a bhreitheanais, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh:
12
Air eagal, nuair a dh’itheas tu, agus a shàsaichear thu, agus a thogas tu taighean matha, agus a chòmhnaicheas tu annta:
13
Agus a dh’fhàsas do bhuar agus do chaoraich, agus a mheudaichear d’airgead agus d’òr, agus a mheudaichear gach nì a tha agad;
14
Gum bi an sin do chridhe air a thogail suas, agus gun dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, agus à taigh na daorsa;
15
A threòraich thu tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin, far an robh nathraichean loisgeach, agus sgorpionan, agus ionadan tartmhor far nach robh uisge; a thug a‑mach dhut uisge as a’ charraig ailbhinn;
16
A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;
17
Agus gun abair thu ann ad chridhe, Fhuair mo chumhachd, agus neart mo làimhe, an saoibhreas seo dhomh.
18
Ach cuimhnichidh tu an Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhut beartas fhaghail, a‑chum is gun daingnich e a choicheangal a mhionnaich e dod athraichean, mar air an là‑an‑diugh.
19
Agus tàrlaidh, ma dhìochuimhnicheas tu air chor sam bith an Tighearna do Dhia, agus gun gluais thu an dèidh dhiathan eile, agus gun dèan thu seirbhis dhaibh, agus gun dèan thu adhradh dhaibh, tha mi a’ toirt fianais nur n‑aghaidh an‑diugh, gun sgriosar gu tur sibh.
20
Mar na cinnich a tha an Tighearna a’ sgrios ro ur gnùis, is amhail sin a thèid as dhuibhse; a chionn nach b’àill leibh a bhith umhail do ghuth an Tighearna ur Dia.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34