bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 6
Deuteronomy 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 7 →
1
A‑nis is iad seo na h‑àitheantan, na reachdan, agus na breitheanais, a dh’àithn an Tighearna ur Dia a theagasg dhuibh, a‑chum gun dèanadh sibh iad anns an fhearann da bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh:
2
A‑chum gum biodh eagal an Tighearna do Dhia ort, gun gleidheadh tu a reachdan uile, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic, uile làithean do bheatha, agus a‑chum gum buanaichear do làithean.
3
Eisd uime sin, O Israeil, agus thoir an aire gun dèan thu seo, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus gum fàs sibh ro‑lìonmhor, mar a gheall an Tighearna Dia d’athraichean dhut, ann am fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.
4
Eisd, O Israeil: An Tighearna ar Dia-ne, is aon Tighearna e.
5
Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart.
6
Agus bidh na briathran seo, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, ann ad chridhe;
7
Agus teagaisgidh tu iad dod chloinn, agus labhraidh tu orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.
8
Agus ceanglaidh tu iad mar chomharradh air do làimh, agus bidh iad mar aodannain eadar do shùilean.
9
Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnean do thaighe, agus air do gheatachan.
10
Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu don fhearann a mhionnaich e dod athraichean, do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, gun tugadh e dhut bailtean mòra agus matha, nach do thog thu fhèin,
11
Agus taighean làn de gach nì math nach do lìon thu, agus tobraichean cladhaichte nach do chladhaich thu, fìonliosan agus liosan-ola nach do shuidhich thu, nuair a dh’itheas tu agus a bhios tu air do shàsachadh;
12
An sin thoir an aire air eagal gun dìochuimhnich thu an Tighearna, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.
13
Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort, agus nì thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air a ainm.
14
Cha tèid sibh an dèidh dhiathan eile de dhiathan an t‑sluaigh a tha mun cuairt oirbh;
15
(Oir tha an Tighearna do Dhia na Dhia eudmhor nur measg;) air eagal gun las fearg an Tighearna do Dhia ad aghaidh, agus gun sgrios e thu o aghaidh na talmhainn.
16
Cha bhrosnaich sibh an Tighearna ur Dia, mar a bhrosnaich sibh e ann am Masah.
17
Gleidhidh sibh gu dìcheallach àitheantan an Tighearna ur Dia, agus a theisteis, agus a reachdan, a dh’àithn e dhut.
18
Agus nì thu an nì sin a tha ceart agus math ann an sealladh an Tighearna; a‑chum is gun èirich gu math dhut, agus gun tèid thu a‑steach, agus gun sealbhaich thu am fearann math a mhionnaich an Tighearna dod athraichean;
19
A thilgeadh a‑mach do naimhdean uile romhad, mar a labhair an Tighearna.
20
Nuair a dh’fhiosraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na teisteis, agus do na reachdan, agus do na breitheanais a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuibh?
21
An sin their thu rid mhac, Bha sinn nar tràillean aig Phàraoh anns an Eiphit, agus thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich.
22
Agus nochd an Tighearna comharraidhean agus iongantasan mòra agus doilgheasach anns an Eiphit, air Phàraoh, agus air a theaghlach uile, fa chomhair ar sùl;
23
Agus thug e a‑mach sinn as a sin, a‑chum gun tugadh e sinn a‑steach, a thoirt dhuinn an fhearainn a mhionnaich e dar n‑athraichean.
24
Agus dh’àithn an Tighearna dhuinn na reachdan sin uile a dhèanamh, eagal an Tighearna ar Dia a bhith oirnn a‑chum ar maith a‑ghnàth, a‑chum gun gleidheadh e beò sinn, mar air an là‑an‑diugh.
25
Agus bidh e na fhìreantachd dhuinn, ma bheir sinn fa‑near na h‑àitheantan seo uile a dhèanamh, an làthair an Tighearna ar Dia, mar a dh’àithn e dhuinn.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34