bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 23
Deuteronomy 23
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 24 →
1
Cha tèid esan aig a bheil a chlachan air am bruthadh, no a bhall diamhair air a ghearradh dheth, a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna.
2
Cha tèid fear dìolain a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna; eadhon gu ruig an deicheamh ginealach cha tèid e a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna.
3
Cha tèid Amonach no Mòabach a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna; eadhon gus an deicheamh ginealach cha tèid iad a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna a‑chaoidh;
4
A chionn nach do choinnich iad sibh le aran agus le uisge air an t‑slighe, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, agus a chionn gun do thuarasdalaich iad ad aghaidh Balàam mac Bheoir, o Phetor na Mesopotamia, a‑chum do mhallachadh.
5
Gidheadh, chan èisdeadh an Tighearna do Dhia ri Balàam; ach thionndaidh an Tighearna do Dhia dhut am mallachadh gu beannachadh, a chionn gum bu toigh leis an Tighearna do Dhia thu.
6
Chan iarr thu an sìth no an sonas rè d’uile làithean gu bràth.
7
Cha ghabh thu gràin de Edomach, oir is e do bhràthair e: cha ghabh thu gràin de Eiphiteach, a chionn gu robh thu ad choigreach na fhearann.
8
Thèid a’ chlann a ghinear leòsan a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna, nan treas ginealach.
9
Nuair a thèid d’fheachd a‑mach an aghaidh do naimhdean, an sin glèidh thu fhèin o gach droch nì.
10
Ma bhios nur measg duine sam bith nach eil glan, a‑thaobh neòghlaine a thàrlas dha anns an oidhche, an sin thèid e a‑mach as a’ champ, cha tig e a‑steach do mheadhon a’ champa:
11
Ach nuair a bhios e dlùth don fheasgar, an sin nighidh e e fhèin le uisge, agus nuair a thèid a’ ghrian fodha, thig e a‑steach do mheadhon a’ champa.
12
Bidh agad àite mar an ceudna an taobh a‑muigh den champ, far an tèid thu a‑mach.
13
Agus bidh pleadhag agad air do chrios, agus nuair a shuidheas tu a‑muigh, cladhaichidh tu leatha, agus tionndaidhidh tu air d’ais, agus falaichidh tu an nì a thig uat.
14
Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat.
15
Cha toir thu suas da mhaighistir an seirbhiseach a chaidh as ad ionnsaigh o a mhaighistir.
16
Maille riut gabhaidh e còmhnaidh nur measg, anns an àit a thaghas e, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan far an taitniche leis: cha dèan thu fòirneart air.
17
Cha bhi strìopach air bith de nigheanan Israeil, cha mhò a bhios Sòdomach de mhic Israeil.
18
Cha toir thu tuarasdal strìopaich, no luach coin, do thaigh an Tighearna do Dhia airson bòid sam bith; oir tha iad sin eadhon le chèile nan gràinealachd don Tighearna do Dhia.
19
Cha toir thu nì sam bith an coingheall dod bhràthair air riadh; riadh airgid, riadh bìdh, riadh nì sam bith a bheirear an coingheall air riadh.
20
Do choigreach faodaidh tu nì a thoirt an coingheall air riadh, ach dod bhràthair cha toir thu nì sam bith an coingheall air riadh; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu anns gach nì ris an cuir thu do làmh anns an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.
21
Nuair a bheir thu bòid don Tighearna do Dhia, cha dèan thu moille na h‑ìocadh: oir gu cinnteach iarraidh an Tighearna do Dhia uat i; agus bhiodh e na pheacadh dhut.
22
Ach ma dh’fhanas tu gun bhòid a thabhairt, cha bhi e na pheacadh dhut.
23
An nì sin a chaidh a‑mach as do bhilean, coimheadaidh agus coileanaidh tu; a rèir mar a bhòidich thu don Tighearna do Dhia, eadhon tabhartas saor-thoile, a gheall thu led bheul.
24
Nuair a thèid thu a‑steach do fhìonlios do choimhearsnaich, an sin faodaidh tu fìondhearcan ithe mar as miann leat, eadhon do shàth; ach cha chuir thu a’ bheag ad shoitheach.
25
Nuair a thèid thu a‑steach do arbhar do choimhearsnaich, an sin faodaidh tu na diasan a spìonadh led làimh, ach corran cha chuir thu ann an arbhar do choimhearsnaich.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34