bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 16
Deuteronomy 16
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 17 →
1
Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche.
2
Uime sin ìobraidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia, den treud agus den bhuar, anns an ionad a thaghas an Tighearna a‑chum a ainm a chur an sin.
3
Chan ith thu aran gortaichte sam bith leatha: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte leatha, eadhon aran àmhghair; (oir le cabhaig thàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit;) a‑chum gun cuimhnich thu an là air an tàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, uile làithean do bheatha.
4
Agus chan fhaicear agad aran gortaichte ad chrìochan uile rè sheachd làithean: cha mhò a mhaireas a’ bheag den fheòil a dh’ìobras tu air feasgar anns a’ chiad là, rè na h‑oidhche gu madainn.
5
Chan fhaod thu a’ chàisg ìobradh an taobh a‑staigh aoin air bith ded gheatachan, a bheir an Tighearna do Dhia dhut:
6
Ach aig an àit a thaghas an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann, an sin ìobraidh tu a’ chàisg air feasgar, aig dol fodha na grèine, anns an àm anns an tàinig thu a‑mach as an Eiphit.
7
Agus ròistidh agus ithidh tu i anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia: agus tillidh tu anns a’ mhadainn, agus thèid thu dod bhùthan.
8
Sia làithean ithidh tu aran gun ghortachadh; agus air an t‑seachdamh là bidh àrd cho-chruinneachadh don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith air.
9
Seachd seachdainean àirmhidh tu dhut fhèin: on àm anns an tòisich thu air a’ chorran a chur anns an arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachdainean àireamh.
10
Agus cumaidh tu fèill nan seachdain don Tighearna do Dhia, le tìodhlac saor-thoil tabhartas do làimhe a bheir thu seachad a rèir mar a bheannaich an Tighearna do Dhia thu.
11
Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.
12
Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit: agus coimheadaidh tu, agus nì thu na reachdan seo.
13
Cumaidh tu fèill nam pàillean seachd làithean an dèidh dhut d’arbhar a chruinneachadh a‑steach, agus d’fhìon.
14
Agus nì thu gàirdeachas ad fhèill, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan.
15
Seachd làithean cumaidh tu fèill àraidh don Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas an Tighearna: a chionn gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ad chinneas uile, agus ann an obraichean do làmh uile; uime sin nì thu gu deimhinn gàirdeachas.
16
Trì uairean anns a’ bhliadhna taisbeinear d’fhireannaich uile an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; ann am fèill an arain neo-ghortaichte, agus ann am fèill nan seachdain, agus ann am fèill nam pàillean: agus cha taisbeinear iad an làthair an Tighearna falamh.
17
Bheir gach duine seachad mar as urrainn e, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia, a thug e dhut.
18
Britheamhan, agus uachdarain nì thu dhut fhèin, an taobh a‑staigh ded gheatachan uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhut, air feadh do threubh: agus bheir iad breith air an t‑sluagh le ceart bhreitheanas.
19
Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.
20
An nì sin a tha uile-cheart leanaidh tu, a‑chum gum bi thu beò, agus gun sealbhaich thu am fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut.
21
Cha suidhich thu dhut fhèin doire chraobhan sam bith làimh ri altair an Tighearna do Dhia, a nì thu dhut fhèin.
22
Cha mhò a chuireas tu suas dhut fhèin dealbh sam bith, nì as fuathach leis an Tighearna do Dhia.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34