bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 14
Deuteronomy 14
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 15 →
1
Is sibhse clann an Tighearna ur Dia: cha gheàrr sibh sibh fhèin, cha mhò a nì sibh lomadh air bith eadar ur sùilean airson mairbh:
2
Oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia, agus thagh an Tighearna thu gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, thar gach uile chinneach a tha air aghaidh na talmhainn.
3
Chan ith thu nì gràineil sam bith.
4
Is iad seo na beathaichean a dh’itheas sibh: an damh, a’ chaora, agus a’ ghobhar.
5
Am fiadh, agus an ruadh-bhoc, agus an dathais, agus a’ ghobhar fhiadhaich, agus an t‑earr-gheal, agus an damh fiadhaich, agus an somar.
6
Agus gach beathach a roinneas an ionga, agus aig a bheil an ionga na dà roinn, agus a chnàmhas a’ chìr am measg nan ainmhidhean, sin ithidh sibh.
7
Gidheadh, iad seo chan ith sibh dhiubhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiubhsan a roinneas an ionga sgoilte, mar an càmhal, agus a’ mhaigheach, agus an coinean; oir cnàmhaidh iad a’ chìr, ach cha roinn iad an ionga: neòghlan tha iad dhuibh.
8
Agus a’ mhuc, a chionn, ged a roinneas i an ionga, nach cnàmh i a’ chìr, tha i neòghlan dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh.
9
Iad seo ithidh sibh dhiubhsan uile a tha anns na h‑uisgeachan: gach nì air a bheil itean agus lannan, ithidh sibh;
10
Agus gach nì air nach eil itean agus lannan, chan ith sibh: tha e neòghlan dhuibh.
11
Gach eun glan ithidh sibh.
12
Ach is iad seo iadsan de nach ith sibh: an iolair, agus an cnàimh-bhristeach, agus an iolair-uisge.
13
Agus an croman-gòbhlach, agus an clamhan, agus am fang a rèir a ghnè,
14
Agus gach fitheach a rèir a ghnè,
15
Agus a’ chailleach-oidhche, agus an t‑seabhag-oidhche, agus a’ chuach, agus an t‑seabhag a rèir a gnè,
16
Agus a’ chailleach-oidhche bheag, agus a’ chailleach-oidhche mhòr, agus an eala,
17
Agus am pelican, agus an iolair-fhionn, agus an sgarbh,
18
Agus a’ chorra-bhàn, agus a’ chorra-ghlas a rèir a gnè, agus an t‑adharcan-luachrach, agus an ialtag.
19
Agus tha gach nì snàigeach a dh’itealaicheas neòghlan dhuibh: chan ithear iad.
20
Gach eun glan ithidh sibh.
21
Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.
22
Bheir thu seachad gu ceart deicheamh uile chinneas do shìl, a bheir am fearann uaithe o bhliadhna gu bliadhna.
23
Agus ithidh tu am fianais an Tighearna do Dhia, anns an àit a thaghas e a‑chum a ainm a chur an sin, deicheamh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad-ghin do chruidh, agus do chaorach; a‑chum gum fòghlaim thu eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort a‑ghnàth.
24
Agus ma bhios an t‑slighe ro‑fhada dhut, air chor is nach urrainn thu a ghiùlan, a chionn an t‑àit a bhith fada uat, a thaghas an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, nuair a bheannaicheas an Tighearna do Dhia thu;
25
An sin nì thu airgead dheth, agus ceanglaidh tu suas an t‑airgead ad làimh, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia:
26
Agus bheir thu an t‑airgead sin airson gach nì a mhiannaicheas d’anam, airson buair, no airson chaorach, no airson fìona, no airson dibhe làidir, no airson gach nì a mhiannaicheas d’anam: agus ithidh tu an sin an làthair an Tighearna do Dhia, agus nì thu gàirdeachas, thu fhèin, agus do theaghlach.
27
Agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, cha trèig thu e: oir chan eil roinn no oighreachd aige maille riut.
28
Aig crìch trì bliadhna bheir thu a‑mach uile dheicheamh do chinneis air a’ bhliadhna sin fhèin, agus taisgidh tu suas e an taobh a‑staigh ded gheatachan:
29
Agus thig an Lèbhitheach (a chionn nach eil roinn no oighreachd aige maille riut), agus an coigreach, agus an dìlleachdan agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus ithidh iad agus sàsaichear iad; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe a nì thu.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34