bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Deuteronomy 12
Deuteronomy 12
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 13 →
1
Is iad seo na reachdan agus na breitheanais a bheir sibhse fa‑near gun dèan sibh anns an fhearann a tha an Tighearna, Dia d’athraichean, a’ toirt dhut ga shealbhachadh, uile làithean ur beatha air an talamh.
2
Lèirsgriosaidh sibh na h‑àiteachan uile anns an do rinn na cinnich, a shealbhaicheas sibh, seirbhis dan diathan, air na beanntan àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh ghlais.
3
Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an diathan, agus sgriosaidh sibh an ainm a‑mach as an àite sin.
4
Cha dèan sibh mar sin ris an Tighearna ur Dia.
5
Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite-còmhnaidh-san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.
6
Agus bheir sibh gu sin ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, agus ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus ur bòidean, agus ur saor-thabhartasan, agus ciad-ghin ur cruidh agus ur caorach.
7
Agus ithidh sibh an sin an làthair an Tighearna ur Dia, agus nì sibh gàirdeachas anns gach nì ris an cuir sibh ur làmh, sibh fhèin agus ur teaghlaichean, anns an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu.
8
Cha dèan sibh a rèir nan uile nithean a tha sinn a’ dèanamh an seo an‑diugh, gach duine an nì a tha ceart na shùilean fhèin.
9
Oir cha tàinig sibh fhathast a dh’ionnsaigh na foise, agus a dh’ionnsaigh na h‑oighreachd a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhuibh.
10
Ach nuair a thèid sibh thar Iòrdan, agus a ghabhas sibh còmhnaidh anns an fhearann a bheir an Tighearna ur Dia dhuibh ra shealbhachadh, agus nuair a bheir e fois dhuibh o ur naimhdean uile mun cuairt, agus a ghabhas sibh còmhnaidh gu tèarainte,
11
An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.
12
Agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia, sibh fhèin, agus ur mic, agus ur nigheanan, agus ur n‑òglaich, agus ur banoglaich, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh de ur geatachan; do bhrìgh nach eil roinn no oighreachd aige maille ribh.
13
Thoir an aire dhut fhèin, nach ìobair thu d’ìobairtean-loisgte anns gach àit a chì thu.
14
Ach anns an àit a thaghas an Tighearna as aon ded threubhan, an sin ìobraidh tu d’ìobairtean-loisgte, agus an sin nì thu na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhut.
15
Gidheadh, faodaidh tu feòil a mharbhadh agus ithe ad gheatachan uile, ge bè nì air a bheil miann aig d’anam, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia a thug e dhut: faodaidh an neòghlan agus an glan ithe dheth; mar den bhoc-earba, agus den fhiadh.
16
A‑mhàin chan ith sibh an fhuil; air an talamh dòirtidh sibh i mar uisge.
17
Chan fhaod thu deicheamh d’arbhair ithe an taobh a‑staigh ded gheatachan, no d’fhìona, no d’ola, no ciad-ghin do chruidh no do chaorach, no aon air bith ded bhòidean a bhòidicheas tu, no do shaor-thabhartasan, no tabhartasan-togte do làimhe:
18
Ach an làthair an Tighearna do Dhia ithidh tu iad anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan: agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia anns gach nì ris an cuir thu do làmhan.
19
Thoir an aire dhut fhèin, nach trèig thu an Lèbhitheach am feadh as beò thu air d’fhearann.
20
Nuair a leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a gheall e dhut, agus a their thu, Ithidh mi feòil (a chionn gu bheil d’anam a’ miannachadh feòil ithe), a rèir uile mhiann d’anama faodaidh tu feòil ithe.
21
Ma bhios an t‑àit a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, ro‑fhada uat, an sin marbhaidh tu ded bhuar, agus ded threud, a thug an Tighearna dhut, mar a dh’àithn mise dhut, agus ithidh tu an taobh a‑staigh ded gheatachan gach nì as miannach led anam.
22
Eadhon mar a dh’ithear an ruadh-bhoc, agus am fiadh, mar sin ithidh tu e; ithidh an neòghlan agus an glan dheth air an aon dòigh:
23
A‑mhàin thoir an ro‑aire nach ith thu an fhuil: oir is i an fhuil a’ bheatha; agus chan fhaod thu a’ bheatha ithe maille ris an fheòil.
24
Chan ith thu i; air an talamh dòirtidh tu i mar uisge.
25
Chan ith thu i, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, nuair a nì thu an nì a tha ceart ann an sùilean an Tighearna.
26
A‑mhàin gabhaidh tu do nithean naomha a tha agad, agus do bhòidean, agus thèid thu don àit a thaghas an Tighearna.
27
Agus ìobraidh tu d’ìobairtean-loisgte, an fheòil agus an fhuil, air altair an Tighearna do Dhia; agus dòirtear a‑mach fuil d’ìobairtean air altair an Tighearna do Dhia, agus ithidh tu an fheòil.
28
Thoir an aire, agus èisd ris na briathran sin uile a tha mi ag àithneadh dhut, a‑chum gun èirich gu math dhut fhèin, agus dod chloinn ad dhèidh gu bràth, nuair a nì thu an nì a tha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna do Dhia.
29
Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich romhad, a tha thu a’ dol a‑steach an siud a‑chum an sealbhachadh, agus a thig thu nan àite, agus a ghabhas tu còmhnaidh nam fearann;
30
Thoir an aire dhut fhèin nach ribear thu len leantainn, an dèidh dhaibh a bhith air an sgrios as do làthair, agus nach fiosraich thu mu thimcheall an diathan, ag ràdh, Cionnas a rinn na cinnich sin seirbhis dan diathan? Nì mise mar sin mar an ceudna.
31
Cha dèan thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd don Tighearna as fuathach leis, rinn iadsan dan diathan; oir eadhon am mic agus an nigheanan loisg iad anns an teine dan diathan.
32
Gach nì a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gun dèan sibh e: cha chuir thu ris, cha mhò a bheir thu nì sam bith uaithe.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34