bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 13
Job 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 14 →
1
Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e.
2
Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse.
3
Ach labhrainn‐sa ris an Uile‐chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.
4
Oir is luchd‐cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile.
5
O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.
6
Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean.
7
An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon‐san an labhair sibh gu cealgach?
8
An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri?
9
A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?
10
Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan.
11
Nach cuir a òirdhearcas‐san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann‐san oirbh?
12
Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp.
13
Bithibh nur tosd am thaobh‐sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas.
14
Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh?
15
Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.
16
Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair.
17
Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus rim sgeul le ur cluasan.
18
Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.
19
Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.
20
A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin.
21
Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.
22
An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.
23
Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh.
24
Carson a tha thu a’ falach do ghnùise, agus gam mheas mar nàmhaid dhut?
25
Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram?
26
Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.
27
Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur‐amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.
28
Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
Recommended Reading
Commentary
Job Commentaries
→
Devotional
Job Devotional Guide
→
Get This Bible
Scottish Study Bible
→