bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 16
Job 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 17 →
1
Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2
Chuala mi mòran den leithidean sin: is luchd‐comhfhurtachd truagh sibh uile.
3
Am bi crìoch air briathran gaoithe? No ciod a tha a’ toirt an dànadais dhut gu bheil thu a’ freagairt?
4
Dh’fhaodainn‐sa mar an ceudna labhairt cosmhail ribhse: nam biodh ur n‑anam an àite m’anama‑sa, dh’fhaodainn briathran a chur cuideachd nur n‑aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh:
5
Ach neartaichinn sibh lem bheul, agus lùghdaicheadh gluasad mo bhilean ur doilgheas.
6
Ged labhair mise, cha lùghdaichear mo dhoilgheas; agus ma bhios mi am thosd, ciod am fuasgladh a gheibh mi?
7
Ach a‑nis sgìthich e mi: sgap thu mo chuideachd uile.
8
Agus rinn thu mi làn phreasag‐aodainn; mar fhianais tha sin: agus dh’èirich mo chaoile am aghaidh; rim aodann freagraidh i.
9
Reub a chorraich mi, agus tha fuath aige dhomh: chas e a fhiaclan rium; tha mo nàmhaid a’ geurachadh a shùl orm.
10
Chas iad am beul rium; le masladh bhuail iad mo ghiallan; cuideachd chruinnich iad am aghaidh.
11
Thug Dia mi thairis don an‑diadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi.
12
Ann an sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air mo mhuineal, agus chrath e as a chèile mi, agus chuir e suas mi dha fhèin mar chuspair.
13
Tha a luchd‐shaighead gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’àirnean o chèile, agus cha chaomhain e; taomaidh e a‑mach mo dhomblas air an talamh.
14
Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh.
15
Dh’fhuaigh mi sac‐aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach.
16
Tha m’aodann air at le gal, agus air mo rosgan tha sgàil a’ bhàis;
17
Chan ann airson euceirt am làmhan: mar an ceudna tha m’ùrnaigh glan.
18
A thalaimh, na còmhdaich thusa m’fhuil, agus na biodh àit aig mo ghlaodh.
19
Mar an ceudna a‑nis, feuch, anns na nèamhan tha m’ fhianais, agus esan a bheir teisteas orm anns na h‑àrdan.
20
A’ fanaid orm tha mo chàirdean; a‑chum Dhè tha mo shùil a’ taomadh dheur.
21
O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach!
22
Nuair a thig beagan de bhliadhnachan, an sin anns an t‑slighe air nach till mi siùbhlaidh mi.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
Recommended Reading
Commentary
Job Commentaries
→
Devotional
Job Devotional Guide
→
Get This Bible
Scottish Study Bible
→