bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 39
Job 39
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 38
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 40 →
1
An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh?
2
An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad?
3
Cromaidh iad iad fhèin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do‑bhròn.
4
Tha an àl ann an culaidh mhaith, tha iad a’ fàs suas anns na cluainean; thèid iad a‑mach, agus cha till iad dan ionnsaigh.
5
Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich?
6
Don do rinn mi a thaigh den fhàsach, agus a àite‐còmhnaidh den fhearann neo‐thorrach.
7
Nì e tarcais air mòr‐shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir‐ghreasaidh chan èisd e.
8
Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine.
9
Am bi an t‑aon‐adharcach toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich?
10
An ceangail thu an t‑aon‐adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh?
11
An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?
12
An creid thu e gun aisig e do shìol, agus gun cruinnich e e dod ùrlar‐bualaidh?
13
An tusa a thug sgiathan brèagha do na peucagan? No sgiathan agus iteach don struth;
14
A dh’fhàgas a h‑uibhean anns an talamh, agus a bhlàthaicheas iad anns an duslach,
15
Agus a dhìochuimhnicheas gum faod cas am bruthadh, no fiadh‐bheathach na machrach am briseadh?
16
Cruadhaichear i an aghaidh a h‑àlaich, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal;
17
A chionn gun do dhiùlt Dia dhi gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe.
18
Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach.
19
An tug thusa neart don each? An d’èidich thu a mhuineal le tàirneanaich?
20
An dèan thu gealtach e mar an leumnach‐uaine? Is uamhasach glòir a chuinneinean.
21
Bùraichidh e le a chois anns a’ ghleann, agus nì e gàirdeachas na neart: thèid e air aghaidh an coinneamh an airm.
22
Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh.
23
Nì am balg‐saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath.
24
Le gairge agus feirg cladhaichidh e an talamh; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaid a tha ann.
25
Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich.
26
An ann led ghliocas‐sa a dh’itealaicheas an t‑seabhag, a shìneas i a sgiathan a làimh na h‑àird a deas?
27
An ann air d’àithne‐sa a dh’èireas an iolaire suas, agus a nì i a nead gu h‑àrd?
28
Gabhaidh i còmhnaidh anns a’ charraig, agus fanaidh i air sgòrr na carraig, agus anns an daingneach.
29
As a sin iarraidh i cobhartach; chì a sùilean fad as.
30
Agus sùgaidh a h‑àlach suas fuil; agus far am bi na mairbh, an sin bidh ise.
← Chapter 38
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 40 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42