bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 6
Job 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 7 →
1
Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2
O nach robh mo dhoilgheas air a làn‐chothromachadh, agus mo dhòrainn togte anns na meidhean le chèile!
3
Oir a‑nis bhiodh e na bu truime na gaineamh na fairge: uime sin tha mo bhriathran air an slugadh suas.
4
Oir tha saighdean an Uile‐chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh.
5
An dèan am fiadh‐asal sitrich os cionn feòir? An dèan an damh geum os cionn a innlinn?
6
An gabh an nì a tha neo‐bhlasda ithe gun salann? A bheil blas air gealagan an uibhe?
7
Tha m’anam a’ diùltadh beantainn riu: tha iad sin mar mo bhiadh bròin.
8
O nach tugte dhomh m’athchuinge; agus gun deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann!
9
Agus gum bu toil le Dia mo sgrios; gun cuireadh e a‑mach a làmh, agus gun gearradh e as mi!
10
An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.
11
Ciod e mo neart, gum biodh dòchas agam? Agus ciod i mo chrìoch, gun sìninn mo bheatha?
12
An e neart nan clach mo neart? A bheil m’fheòil de umha?
13
Nach eil mo chobhair annam fhèin? Agus an d’fhuadaicheadh gliocas uam?
14
Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile‐chumhachdaich.
15
Mheall mo bhràithrean mi mar shruth: mar neart nan sruth ghabh iad seachad;
16
A bhios dubh le eigh; anns am falaichear an sneachd:
17
Nuair a leaghas iad, thèid as dhaibh; nuair a dh’fhàsas e teth, caithear as an àit iad.
18
Tha ceuman an slighe air claonadh: thig iad gu neoni, agus sgriosar iad.
19
Dh’amhairc buidhnean Thema, dh’fheith cuideachdan Shèba orra.
20
Bha iad fo amhluadh, a chionn ro sin gu robh dòchas aca: thàinig iad an sin, agus bha nàire orra.
21
Ach a‑nis tha sibhse nur neoni; chì sibh mo bhriseadh‐cridhe, agus tha eagal oirbh.
22
An dubhairt mi, Thugaibh am ionnsaigh? No dur maoin thugaibh tìodhlac air mo shon?
23
No tèarnaibh mi o làimh an nàmhaid? No o làimh nan cumhachdach saoraibh mi?
24
Teagaisgibh mi, agus bidh mi am thosd; agus ma chaidh mi a’ bheag am mearachd, thugaibh orm a thuigsinn.
25
Nach neartmhor briathran ceart? Ach ciod a chronaicheas esan a chronaicheas nur measg?
26
An smaoinich sibh air briathran a chronachadh, agus cainnt an eu‑dòchasaich, a tha mar ghaoith?
27
Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid.
28
A‑nis, uime sin, mas toil leibh, amhaircibh orm; agus bidh e soilleir dhuibh ma nì mi breug.
29
Tillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, tillibh fhathast, tha m’fhìreantachd‐sa ann.
30
A bheil ann am theangaidh euceart? Nach aithnich mo bhlas nithean fiara?
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42