bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 33
Job 33
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 34 →
1
Uime sin, a Iob, cluinn, guidheam ort, mo bhriathran, agus èisd rim bhriathran uile.
2
Feuch, a‑nis dh’fhosgail mi mo bheul; labhair mo theanga ann am bheul.
3
O ionracas mo chridhe thig mo bhriathran; agus labhraidh mo bhilean eòlas gu soilleir.
4
Rinn spiorad Dhè mi, agus thug anail an Uile‐chumhachdaich beatha dhomh.
5
Mas urrainn thu, freagair mi, cuir do bhriathran an òrdagh am làthair, seas suas.
6
Feuch, tha mise, mar a tha thu fhèin, o Dhia; as a’ chrèidh dhealbhadh mise mar an ceudna.
7
Feuch, cha chuir m’uamhas‐sa eagal ort, agus cha bhi mo làmh trom ort.
8
Gu cinnteach labhair thu am èisdeachd, agus chuala mi guth do bhriathrar, ag ràdh,
9
Glan tha mi, gun easaontas; neo‐chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.
10
Feuch, tha e a’ faghail chùisean am aghaidh; tha e gam mheas mar a nàmhaid;
11
The e a’ cur mo chas anns a’ cheap; tha e a’ geur‐amharc air mo cheuman gu lèir.
12
Feuch, an seo chan eil thu ceart; freagraidh mi thu gur mò Dia na duine.
13
Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas.
14
Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair chan amhairc e thairis air.
15
Ann an aisling, ann an sealladh na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, nuair a bhios iad nan suain air an leabaidh;
16
An sin fosglaidh e cluasan dhaoine, agus seulaichidh e an teagasg,
17
A‑chum gun tarraing e duine o a dhèanadas, agus gum falaich e uabhar o dhuine;
18
Gun cùm e a anam on t‑sloc, agus a bheatha o sgrios leis a’ chlaidheamh.
19
Oir smachdaichear e le pèin air a leabaidh, agus lìonmhorachd a chnàmh le pèin làidir:
20
Air chor is gun gabh a bheatha gràin de aran, agus a anam de bhiadh deagh‐bhlasda.
21
Caithear a fheòil air chor is nach faicear i; agus a chnàmhan nach facas, seasaidh a‑mach.
22
Agus tàirngidh a anam am fagas don uaigh, agus a bheatha do na milltearan.
23
Ma bhios teachdaire aige, eadar‐theangair, aon am measg mhìle, a nochdadh a ionracais do dhuine;
24
An sin gabhaidh e truas dheth, agus their e, Saor e o dhol sìos don t‑sloc; fhuair mi èirig.
25
Bidh a fheòil nas ùire na feòil leinibh; thig e air ais gu làithean a òige:
26
Nì e ùrnaigh ri Dia, agus gabhaidh e gu coibhneil ris; agus chì e a ghnùis le gàirdeachas; oir ìocaidh e do dhuine a ionracas.
27
Amhaircidh e air daoine, agus ma their aon duine, Pheacaich mi, agus chlaon mi an nì a bha ceart, agus cha robh e a‑chum tairbhe dhomh;
28
Saoraidh e a anam o dhol sìos don t‑sloc, agus chì a bheatha solas.
29
Feuch, na nithean sin uile obraichidh Dia gu minig a‑thaobh duine.
30
A thoirt a anama air ais on t‑sloc gu bhith air a shoillseachadh le solas nam beò.
31
Thoir fa‑near, a Iob, èisd rium; bi ad thosd, agus labhraidh mi.
32
Ma tha a’ bheag agad ri ràdh, freagair mi: labhair, oir bu mhiann leam do shaoradh.
33
Mura eil, èisd thusa riumsa: bi ad thosd, agus teagaisgidh mise dhut gliocas.
← Chapter 32
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 34 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42