bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 19
Job 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 20 →
1
Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2
Cia fhada a chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathran?
3
Na deich uairean seo mhaslaich sibh mi: cha nàir leibh gu bheil sibh cho coimheach rium.
4
Agus gu deimhinn ma chaidh mi air seachran, fanaidh mo sheachran agam fhèin.
5
An àrdaich sibhse da‑rìribh sibh fhèin am aghaidh, agus an tagair sibh mo mhasladh am aghaidh?
6
Biodh fhios agaibh a‑nis gun do thilg Dia thairis mi, agus gun do chuir e a lìon mun cuairt orm.
7
Feuch, glaodhaidh mi, Eucoir, ach chan èisdear rium; èighidh mi gu h‑àrd, ach chan eil breitheanas ann.
8
Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman.
9
Bhuin e mo ghlòir dhìom, agus thug e an crùn bhàrr mo chinn.
10
Sgrios e mi air gach taobh, agus chaidh as dhomh; agus chuir e air falbh, mar chraoibh, mo dhòchas.
11
Agus las a fhearg am aghaidh, agus mheas e mi mar aon de a naimhdean.
12
Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe am aghaidh, agus champaich iad mun cuairt air mo phàillean.
13
Chuir e mo bhràithrean fada uam; agus tha mo luchd‐eòlais gu deimhinn air fàs coimheach rium.
14
Thrèig mo dhìlsean, agus dhìochuimhnich mo luchd‐eòlais mi.
15
Mheas muinntir mo thaighe agus mo bhanoglaich mi mar choigreach: am eilthireach bha mi nan sùilean.
16
Air mo sheirbhiseach ghairm mi, agus cha do fhreagair e: lem bheul fhèin ghuidh mi air.
17
Bha m’anail coimheach dom mhnaoi, ged a ghuidh mi as leth clann mo chuirp fhèin.
18
Rinn eadhon clann òg tàir orm: dh’èirich mi, agus labhair iad am aghaidh.
19
Ghabh luchd mo rùin uile gràin dhìom; agus tha iadsan a ghràdhaich mi air tionndadh am aghaidh.
20
Rim chraiceann agus rim fheòil dhlùth‐lean mo chnàmhan; agus chaidh mi as le craiceann m’fhiacal.
21
Gabhaibh truas dhìom, gabhaibh truas dhìom, O mo chàirdean, oir bhean làmh Dhè rium.
22
Carson a gheur‐leanas sibhse mi mar a nì Dia, agus lem fheòil nach sàsaichear sibh?
23
O nach robh mo bhriathran a‑nis air an sgrìobhadh! O nach robh iad air an cur sìos ann an leabhar!
24
Le peann iarainn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh!
25
Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear‐saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh:
26
Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia:
27
Neach a chì mise air mo shon fhèin, agus air an amhairc mo shùilean‐sa, agus chan e neach eile: seo uile chuir mi suas am chom fhèin.
28
Ach their sibhse, Carson a gheur‐leanamaid e, agus gun d’fhuaireadh freumh a’ ghnothaich ann?
29
Biodh eagal oirbh ron chlaidheamh; oir fàsaidh an claidheamh teth an aghaidh euceartan, a‑chum gum bi fhios agaibh gum bi breitheanas ann.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
Recommended Reading
Commentary
Job Commentaries
→
Devotional
Job Devotional Guide
→
Get This Bible
Scottish Study Bible
→