bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 32
Job 32
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 33 →
1
An sin sguir an triùir dhaoine seo de thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu robh e ionraic na shùilean fhèin.
2
Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil am Busitheach, de chinneadh Ram; an aghaidh Iob las a fhearg, a chionn gun d’fhìreanaich e e fhèin nas mò na Dia.
3
Mar an ceudna an aghaidh a thriùir chàirdean las a fhearg, a chionn nach d’fhuair iad freagradh, agus gun do dhìt iad Iob.
4
A‑nis dh’fheith Elihu gus an do labhair Iob, a chionn gum bu shine iad na esan.
5
Nuair a chunnaic Elihu nach robh freagradh air bith ann am beul an triùir dhaoine seo, an sin las a fhearg.
6
Agus fhreagair Elihu mac Bharacheil am Busitheach, agus thubhairt e, Tha mise òg, agus sibhse aosmhor; uime sin bha eagal orm, agus bha mi sgàthach mum bharail a nochdadh dhuibh.
7
Thubhairt mi, Labhradh làithean, agus teagaisgeadh lìonmhorachd bhliadhnachan gliocas.
8
Ach tha spiorad anns an duine, agus bheir anail an Uile‐chumhachdaich tuigse dha.
9
Cha bhi daoine mòra a‑ghnàth glic; agus cha tuig na h‑aosmhoir breitheanas.
10
Uime sin thubhairt mi, Eisdibh rium; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.
11
Feuch, dh’fheith mi ri ur briathran; dh’èisd mi ri ur reusanan, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh.
12
Seadh, thug mi fa‑near sibh; agus, feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathran;
13
Air eagal gun abradh sibh, Fhuair sinn a‑mach gliocas: is e Dia a thilgeas sìos e, chan e duine.
14
A‑nis cha do chuir e a bhriathran an òrdagh am aghaidh‐sa; agus le ur faclan‐se cha fhreagair mise e.
15
Bha uamhas orra; cha do fhreagair iad na bu mhò; sguir iad de labhairt.
16
Agus dh’fheith mi, ach cha do labhair iad; ach sheas iad, agus cha do fhreagair iad na bu mhò.
17
Freagraidh mise mar an ceudna mo chuid fhèin; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail.
18
Oir tha mi làn de bhriathran; tha spiorad mo chuim gam èigneachadh.
19
Feuch, tha mo chom mar fhìon gun dol as aige; mar shearragan nuadha, tha e ullamh gu bhith air a reubadh.
20
Labhraidh mi, agus bidh lasachadh agam; fosglaidh mi mo bhilean, agus freagraidh mi.
21
Na gabham‐sa, guidheam ort, ri gnùis duine air bith; agus ri duine na labhram gu miodalach.
22
Oir chan aithne dhòmhsa cainnt mhiodalach: nam b’aithne, gu h‑aithghearr bheireadh mo Chruithear air falbh mi.
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 33 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42