bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 35
Job 35
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 34
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 36 →
1
Fhreagair Elihu a‑rìs, agus thubhairt e,
2
An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd‐sa os cionn fìreantachd Dhè;
3
Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe a bhios ann dhutsa? Agus, ciod a’ bhuannachd a bhios ann dhòmhsa, ma shaorar mi om pheacadh?
4
Freagraidh mise thu, agus do chompanaich maille riut.
5
Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu.
6
Ma pheacaicheas tu, ciod a nì thu na aghaidh‐san? Agus ma dh’fhàsas d’easaontais lìonmhor, ciod a nì thu airsan?
7
Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dhàsan? No ciod a gheibh e od làimh?
8
Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine.
9
Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, èighidh iad airson gàirdean na mòr‐chuideachd.
10
Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,
11
A tha gar teagasg nas mò na ainmhidhean na talmhainn, agus gar dèanamh nas glice na eunlaith nan speur?
12
An sin èighidh iad, ach cha fhreagair neach air bith iad, airson uabhar dhroch dhaoine.
13
Gu cinnteach chan èisd Dia ri dìomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile‐chumhachdach air.
14
Ged their thu nach faic thu e, tha breitheanas na làthair; uime sin earb thusa as.
15
Ach a‑nis a chionn nach eil e mar sin, dh’fhiosraich e na chorraich; gidheadh chan aithne dha sin ann an deuchainn mhòir.
16
Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas.
← Chapter 34
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 36 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42