bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 7
Job 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 8 →
1
Nach eil àm suidhichte aig an duine air thalamh, agus mar làithean fhir‐tuarasdail a làithean?
2
Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàil, agus mar a bhios sùil aig an fhear‐tuarasdail ri duais a obrach;
3
Mar sin fhuair mise mar sheilbh dhomh fhèin mìosan dìomhanais, agus àirmhear dhomh oidhcheannan cràidh.
4
Ma laigheas mi sìos, their mi, Cuin a dh’èireas mi, agus a thèid an oidhche thairis? Agus tha mi a’ làn‐luasgaidh a‑null agus a‑nall gu briseadh na fàire.
5
Tha m’fheòil air a còmhdachadh le cnuimhean agus spairtean ùire; bhris mo chraiceann, agus tha e breun.
6
Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.
7
Cuimhnich gur gaoth mo bheatha: cha till mo shùil a dh’fhaicinn maith.
8
Sùil an tì a chunnaic mi, chan fhaic i mi: bidh do shùilean orm, agus cha bhi mi ann.
9
Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos.
10
Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.
11
Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.
12
Am muir mi, no muc‐mhara, gun cuireadh tu faire orm?
13
Ma their mi, Bheir mo leabaidh furtachd dhomh; aotromaichidh m’uirigh mo ghearan;
14
An sin cuiridh tu fuathas orm le aislingean, agus uamhas le seallaidhean:
15
Agus is fheàrr lem anam tachdadh, bàs na beatha.
16
Tha mi a’ gabhail gràin dheth; cha b’àill leam a bhith beò gu bràth: leig leam, oir is dìomhanas mo làithean.
17
Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air?
18
Agus gum fiosraicheadh tu e gach madainn? Gach mionaid gun dearbhadh tu e?
19
Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? Agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile?
20
Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir‐coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?
21
Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42