bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 9
Job 9
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 10 →
1
Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2
Gu deimhinn tha fhios agam gu bheil e mar sin: oir cionnas a shaoras duine e fhèin am fianais Dhè?
3
Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle.
4
Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?
5
A dh’atharraicheas na beanntan, agus cha bhi fios aca air, a thilgeas bun‐os‑cionn iad na fheirg:
6
A chrathas an talamh as a àit, agus criothnaichidh a phuist:
7
A dh’àithneas don ghrèin, agus chan èirich i; agus air na reultan a chuireas seula:
8
A sgaoileas a‑mach na nèamhan na aonar, agus a shaltras air tonnan na fairge:
9
A tha a’ dèanamh Arcturuis, Orioin, agus Phleiades, agus seòmraichean na h‑àird a deas:
10
A tha a’ dèanamh nithean mòra, nach bi e an comas fhaghail a‑mach, agus nithean iongantach nach gabh àireamh.
11
Feuch, thèid e seachad orm, agus chan fhaic mi e; agus gabhaidh e thairis, ach cha mhothaich mi e.
12
Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?
13
Cha tionndaidh Dia air falbh a fhearg: foidhe cromaidh fir‐chuideachaidh an àrdain;
14
Nach ro‑lugha na sin a fhreagras mise e, a thaghas mi mo bhriathran ris?
15
Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn.
16
Nan gairminn, agus gum freagradh e mi, cha chreidinn gun d’èisd e rim ghuth:
17
Oir le doineann tha e gam bhruthadh, agus a’ dèanamh mo lot lìonmhor gun adhbhar.
18
Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe.
19
Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm air mo shon?
20
Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi.
21
Foirfe ged bhithinn, chan aithnichinn e: am anam dhèanainn tàir air mo bheatha.
22
Is aon nì e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t‑aingidh tha e a’ sgrios.
23
Ma mharbhas an t‑slat gu h‑obann, ri deuchainn nan neochiontach gàiridh e.
24
Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh: aghaidhean a bhritheamhan còmhdaichidh e: mura dèan e mar seo, càite, cò esan a nì?
25
Bha mo làithean na bu luaithe na gille‐ruith: theich iad air falbh, chan fhaca iad math.
26
Ghabh iad seachad mar na longan luatha; mar an iolair a’ dol air iteig a‑chum cobhartaich.
27
Ma their mi, Dìochuimhnichidh mi mo ghearan, leigidh mi dhìom mo dhubhachas, agus bheir mi comhfhurtachd dhomh fhèin;
28
Tha eagal orm ro mo dhoilgheasan uile; tha fhios agam nach meas thu neochiontach mi.
29
Ma bhios mi aingidh, carson, matà, a shaothraichinn gu dìomhain?
30
Ma nigheas mi mi fhèin ann an uisgeachan sneachda, agus ma ghlanas mi gu glan mo làmhan;
31
An sin tumaidh tu mi anns an t‑sloc, agus gabhaidh m’aodach fhèin gràin dhìom.
32
Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas.
33
Chan eil fear‐rèite eadarainn, a chuireadh a làmh oirnn le chèile.
34
Thugadh e air falbh a shlat dhìom, agus na cuireadh eagal roimhe uamhas orm.
35
An sin labhrainn, agus cha bhiodh eagal orm roimhe: ach chan eil mi mar sin agam fhèin.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42