bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 37
Job 37
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 36
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 38 →
1
Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e.
2
Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul.
3
Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn.
4
Na dhèidh sin beucaidh guth: nì e tàirneanach le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth.
5
Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn.
6
Oir ris an t‑sneachd their e, Bi‑sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus ri uisge mòr a neirt.
7
Air làimh gach duine cuiridh e seula, a‑chum gun aithnich na h‑uile dhaoine a obair‐san.
8
Agus thèid na fiadh‐bheathaichean a‑steach dan garaidhean, agus nan àitean‐tàimh laighidh iad.
9
As an àird a deas thig an ioma‑ghaoth, agus fuachd as an àird a tuath.
10
Le anail Dhè bheirear reodhadh; cumhangaichear leud nan uisgeachan.
11
Mar an ceudna le uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach.
12
Agus tionndaidhear mun cuairt e le a chomhairle; a‑chum gun dèan iad ge bè nì a dh’àithneas e dhaibh air aghaidh a’ chruinne‐chè.
13
Bheir e air teachd, mas ann a‑chum smachdachaidh, no airson a fhearainn, no airson tròcair.
14
Eisd ri seo, a Iob; seas, agus tabhair fa‑near obraichean iongantach Dhè.
15
A bheil fhios agad cuin a dh’òrdaich Dia iad, agus a thug e air solas a neòil dealrachadh?
16
A bheil fhios agad air cothromachadh nan neul, air obraichean iongantach an tì a tha iomlan ann an eòlas?
17
Cionnas a tha d’aodach blàth, nuair a chiùinichear an talamh leis a’ ghaoith a deas?
18
An do sgaoil thu a‑mach maille ris‐san na speuran, a tha làidir, mar sgàthan leaghte?
19
Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais.
20
An innsear dha nuair a labhras mi? Ma labhras duine, gu cinnteach sluigear suas e.
21
Agus a‑nis chan fhaic daoine an solas dealrach a tha anns na neòil: ach siùbhlaidh a’ ghaoth, agus glanaidh i iad.
22
As an àird a tuath thig soineann: aig Dia tha mòrachd uamhasach.
23
An t‑Uile‐chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e.
24
Uime sin bidh eagal air daoine roimhe: cha bhi meas aige air duine sam bith a bhios glic an cridhe.
← Chapter 36
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 38 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42