bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 40
Job 40
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 39
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 41 →
1
A thuilleadh air seo fhreagair an Tighearna Iob, agus thubhairt e,
2
An teagaisg esan a nì strì ris an Uile‐chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.
3
Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e,
4
Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.
5
Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh.
6
An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt‐ghaoith, agus thubhairt e,
7
Crioslaich a‑nis mar dhuine do leasraidh: feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.
8
An toir thusa mo bhreitheanas‐sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?
9
A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris‐san?
10
Sgeadaich thu fhèin a‑nis le mòrachd agus le òirdheirceas, agus èidich thu fhèin le glòir agus maise.
11
Taom a‑mach fraoch d’fheirge, agus faic gach neach a tha uaibhreach, agus irioslaich e.
12
Faic gach neach a tha uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine nan àite.
13
Falaich iad anns an duslach le chèile, ceangail an aghaidhean ann an diamhaireachd.
14
An sin mar an ceudna aidichidh mise dhut gun saor do dheaslàmh fhèin thu.
15
Feuch a‑nis Behemot, a rinn mise maille riut; ithidh e feur mar dhamh.
16
Feuch a‑nis, tha a neart na leasraidh, agus a spionnadh ann an imleig a bhronn.
17
Gluaisidh e a earball mar sheudar: tha fèithean‐luthaidh a shlèisdean ceangailte ri chèile.
18
Tha a chnàmhan làidir mar umha; tha a chnàmhan mar chroinn iarainn.
19
Is e tùs slighean Dhè e: an tì a chruthaich e, faodaidh esan a chlaidheamh a thoirt am fagas dha.
20
Gu cinnteach bheir na slèibhtean dha feur, far am bi uile bheathaichean na machrach ri sùgradh.
21
Fo na croinn dhubharach laighidh e, ann am falach na cuilce agus na làthaich.
22
Còmhdaichidh na croinn dhubharach e len sgàil: cuartaichidh seileach an t‑sruthain e.
23
Feuch, thig abhainn gu cruaidh air, agus cha dèan e deifir: bidh dòchas aige nuair a thig Iòrdan a‑mach ga bheul.
24
Na shùilean an glac duine e? Le dubhain an toll e a shròn?
← Chapter 39
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 41 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42