bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 5
Job 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 6 →
1
Gairm a‑nis, ma tha e ann a fhreagras thu; agus cia de na naoimh ris an tionndaidh thu?
2
Oir marbhaidh fearg an t‑amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich.
3
Chunnaic mi an t‑amaideach a’ freumhachadh; ach mhallaich mi a àite‐còmhnaidh air ball.
4
Is fhad a bhios a mhic o thèarainteachd, agus bruthar iad anns a’ gheata, gun neach ann gu an teasairginn.
5
Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin.
6
Ged nach tig àmhghar a‑mach as an duslach, agus nach fàs carraid as an talamh,
7
Gidheadh, rugadh an duine a‑chum carraid, mar a dh’èireas na sradan suas.
8
Ach dh’iarrainn‐sa a dh’ionnsaigh Dhè, agus a‑chum Dhè chuirinn mo ghuth:
9
A tha a’ dèanamh nithean mòra agus do‑rannsachaidh; nithean iongantach gun àireamh:
10
A tha a’ toirt frasan uisge air aghaidh na talmhainn, agus a’ cur uisgeachan air aghaidh nam machraichean;
11
A‑chum iadsan a tha ìosal a chur an àirde, agus iadsan a tha dubhach a thogail suas an tèarainteachd:
12
A tha a’ toirt innleachdan nan cuilbheartach gu neoni, air chor is nach coilean an làmhan an gnìomh:
13
A tha a’ glacadh nan daoine glice nan cuilbheartachd fhèin, air chor is gun tilgear sìos comhairle nan daoine fiara.
14
Anns an là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad mu mheadhon‐là.
15
Agus saoraidh e am bochd on chlaidheamh, om beul, agus o làimh a’ chumhachdaich.
16
Agus aig a’ bhochd bidh dòchas, agus druididh aingidheachd a beul.
17
Feuch, is nèarrachd an duine a smachdaicheas Dia: air cronachadh an Uile‐chumhachdaich, matà, na dèan‐sa tàir.
18
Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus lèighsidh a làmhan.
19
Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut.
20
Ann an gorta tèarnaidh e thu on bhàs; agus ann an cogadh, o chumhachd a’ chlaidheimh.
21
O sgiùrsadh na teanga falaichear thu; agus cha bhi eagal ort ro sgrios nuair a thig e.
22
Ri sgrios agus ri gorta gàiridh tu: agus ro fhiadh‐bheathaichean na talmhainn cha bhi eagal ort.
23
Oir ri clachan na machrach bidh tu ann an coicheangal; agus bidh fiadh‐bheathaichean na machrach ann an sìth riut.
24
Agus aithnichidh tu gum bi do phàillean ann an sìth; agus amhaircidh tu air d’àite‐còmhnaidh, agus cha dèan thu gu h‑olc.
25
Aithnichidh tu mar an ceudna gum bi do shliochd lìonmhor, agus do ghineal mar fheur na talmhainn.
26
Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm.
27
Feuch, seo an nì a rannsaich sinn; mar sin tha e; èisd ris, agus biodh fhios agad air, air do shon fhèin.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42