bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Job 18
Job 18
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 19 →
1
An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e,
2
Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathran? Tuigibh, agus na dhèidh sin labhramaid.
3
Carson a mheasar sinne mar ainmhidhean, agus a tha sinn tàireil ad shùilean‐sa?
4
Tha e a’ reubadh anama na chorraich: air do shon‐sa an trèigear an talamh? Agus an atharraichear a’ charraig as a h‑àite?
5
Seadh, cuirear solas an aingidh as: agus cha dealraich lasair a theine.
6
Dorchaichear an solas na phàillean, agus cuirear as a lòchran aige.
7
Cumhangaichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle fhèin sìos e:
8
Oir cuirear ann an lìon e le a chasan fhèin, agus air ribe imichidh e.
9
Glacaidh an còrd air shàil e; buadhaichidh am fear‐reubainn na aghaidh.
10
Falaichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal‐glacaidh air a shon air an t‑slighe.
11
Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e.
12
Bidh a neart air a chlaoidh le acras, agus lèirsgrios deas aig a thaobh.
13
Ithidh e suas neart a chraicinn; ithidh ciad‐ghin a’ bhàis suas a neart.
14
Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann.
15
Gabhaidh e còmhnaidh na phàillean, a chionn nach leis‐san e; crathar pronnasg air a àite‐còmhnaidh.
16
Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr.
17
Sgriosar a chuimhne as an talamh, agus cha bhi ainm aige air an t‑sràid.
18
Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.
19
Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas na àitean‐còmhnaidh.
20
Ri a là bidh ioghnadh orrasan a thig na dhèidh, mar a ghlac uamhas iadsan a thàinig roimhe.
21
Gu deimhinn is iad sin ionadan‐còmhnaidh an aingidh; agus is e seo a àite‐san, do nach aithne Dia.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
Recommended Reading
Commentary
Job Commentaries
→
Devotional
Job Devotional Guide
→
Get This Bible
Scottish Study Bible
→