bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 11
Matthew 11
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 12 →
1
Agus thachair, nuair chriochnaich Iosa a chomhairleachadh a dhà dheisciopul diag, gun dʼfhalbh e á sin a theagasg ʼsa shearmonachadh sna bailtean aca.
2
A nis nuair a chual Eoin sa phriosan oibrichean Chriosta, chuir e dithis dhe dheisciopuil ga ionnsuidh,
3
Us thuirt e ris: An tu esan a tha ri tighinn, no am bi duil againn ri fear eile?
4
Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Falbhaibh agus innsibh do dhʼEoin na nichean a chuala ʼsa chunnaic sibh.
5
Tha na doill a faicinn, na bacaich a g-imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a cluinntinn, na mairbh a g-eirigh a rithist, ʼs an soisgeul air a theagasg do na bochdan.
6
Agus is beannaichte esan nach gabh sgainneal asamsa.
7
ʼS an deigh dhaibh-san falbh, thoisich Iosa ri labhairt ris an t-sluagh mu Eoin: Ciod a chaidh sibh a mach do ʼn fhasach a dhʼfhaicinn? an e cuilc air a crathadh leis a ghaoith?
8
Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼfhaicinn? an e duine air eideadh an aodach mìn? seall, tha iadsan, a tha caitheamh aodach mìn, an tighean righrean.
9
Ach ciod a chaidh sibh a mach a dhʼfhaicinn? an e faidh? Se, tha mi g-radh ribh, us tuilleadh na faidh.
10
Oir se so esan mu bheil e sgribhte: Fiach, tha mise cur mʼaingil romh do ghnuis, a reiticheas do rathad romhad.
11
Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Cha dʼeirich de shliochd nam ban nas mua na Eoin Baiste: ach an t-aon is lugha an rioghachd neamh se is mua na esan.
12
Agus bho lài Eoin Baiste gus a nis, tha rioghachd fhlathanais a fulang ainneirt, agus ʼsiad luchd an ainneirt a bheir a mach i.
13
Oir bha na faidhean uile agus an lagh ri faisneachd gu linn Eoin.
14
Agus ma ʼs math leibh a chluinntinn, se so Elias, a bha ri tighinn.
15
Am fear aig a bheil cluasan gu eisdeachd, eisdeadh e.
16
Ach co ris a shamlaicheas mi an ginealach so? Tha e coltach ri cloinn ʼnan suidhe sa mhargadh, ʼsa g-eigheach riʼn companaich,
17
A g-radh: Sheinn sinn dhuibh, agus cha do dhanns sibh: rinn sinn cumha, agus cha do ghuil sibh.
18
Oir thainig Eoin cha n-ann a g-icheadh no g-ol, ʼs tha iad a g-radh: Tha deomhan aige.
19
Thainig Mac an duine a g-icheadh ʼsa g-ol, ʼs tha iad a g-radh: Seall, fear a tha ʼna gheocaire, ʼs ʼna phoitear fiona, ʼna charaid chismhaor us pheacach. Agus tha gliocas air a firinneachadh le cloinn fhein.
20
An sin thòisich e ri cronachadh nam bailtean anns an dʼrinneadh a mhor chuid dhe mhiarailtean, a chionn nach dʼrinn iad aithreachas.
21
Mo thruaighe thu, Chorosain; mo thruaighe thu, Bhethsaida: oir nam bʼann an Tirus no an Sidon, a dhiante na miarailtean a rinneadh unnaibhse, is fhada bho na ghabhadh iad aithreachas an cainb-aodach ʼs an luath.
22
Ach tha mi g-radh ribh: Gum fiachar tuilleadh baigh do Thirus ʼs do Shidon latha bhreitheanais, na dhuibhse.
23
Agus thusa, Chapharnaum, an e gun togar suas gu ruig neamh thu? theid thu sios gu ruig iutharna. Oir nan diante na miarailtean a rinneadh unnadsa ann an Sodom, theagamh gum maireadh e gus an latha an diugh.
24
Ach tha mise g-radh ribh, gum bithear nas iochdoire latha bhreitheanais ri talamh Shodoim na riutsa.
25
San àm sin fhreagair Iosa, us thuirt e: Tha mi toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna neamh agus talmhuinn, a chionn ʼs gun dʼfhalaich thu na nichean so bho dhaoine glice agus tùrail, agus gun do thaisbean thu iad do leanabanan.
26
Seadh, Athair: a chionn gun robh sin taitneach ad shuilean-sa.
27
Liubhradh a h-uile ni dhomhsa le mʼAthair. ʼS cha n-aithne do dhuine air bith am Mac, ach do ʼn Athair; ʼs cha mhua is aithne do dhuine air bith an t-Athair, ach doʼn Mhac, ʼs an neach dha ʼn deonaich am Mac a thaisbeanadh.
28
Thigibh gam ionnsuidhse uile, a tha ri saothair, agus fo eallaich, us bheir mise furtachd dhuibh.
29
Togaibh mo chuing oirbh, us ionnsuichibh bhuam-sa, chionn gum beil mi ciuin us iriosal an cridhe, agus gheobh sibh fois dha ʼr n-anmannan.
30
Oir tha mo chuing mìn, agus mʼeallach aotrom.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28