bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 8
Matthew 8
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 9 →
1
Agus nuair a theirinn e bhoʼn bheinn, lean moran sluaigh e.
2
Us, seall, thainig lobhar, agus thug e aoradh dha, a g-radh: A Thighearna ma ʼs aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.
3
Agus a sineadh a laimh bhean Iosa dha, a g-radh: Is aill: bi air do ghlanadh. Agus air ball bhaʼn luibhre air a glanadh.
4
Us thuirt Iosa ris: Fiach nach innis thu do neach air bith: ach falbh, us nochd thu fhein doʼn t-sagart, agus tairg an tobhartas a dhʼorduich Maois mar theisteanas dhaibh.
5
Agus nuair chaidh e stigh do Chapharnaum, thainig ceannard-ciad ga ionnsuidh a griosad air,
6
ʼSa g-radh: A Thighearna, tha mo ghille ʼna laidhe san tigh leis an tinneas-chritheach, ʼs air a phianadh gu h-olc.
7
Us thuirt Iosa ris: Ruigidh mise, agus leighisidh mi e.
8
Agus an ceannard-ciad a freagairt, thuirt e ris: A Thighearna, cha n-airidh mise, gun tigeadh tu stigh fo mʼfhardaich, ach abair am facal a mhain, agus bithidh mo ghille air a leigheas.
9
Oir is duine fo uachdranachd mi fhein, aig a bheil saighdearan fodham, us their mi ris an fhear so: Falbh, agus falbhaidh e; ʼs ri fear eile: Thig, agus thig e; agus ri mo sheirbhiseach: Dian so, ʼs ni e e.
10
Agus Iosa cluinntinn so, ghabh e iongantas, agus thuirt e ris an fheadhainn a bha ga leanailt: Gu fior tha mi g-radh ribh: cha dʼfhuair mi creideamh cho mor ann an Israel.
11
Agus tha mise cantuinn ribh, gun tig moran as an aird-an-ear, agus as an aird-an-iar, ʼs gun suidh iad maille ri Abraham, ʼs ri Isaac, ʼs ri Iacob an rioghachd fhlathanais:
12
Ach gun tilgear a mach clann na rioghachd gu dorchadas iomallach; an sin bithidh gal agus giosgan fhiacal.
13
Us thuirt Iosa ris a cheannard-chiad: Falbh, ʼs biodh e dhut a reir do chreidimh. Agus bha an gille air a leigheas sa cheart uair.
14
Agus nuair rainig Iosa tigh Pheadair, chunnaic e a mhathair-cheile ʼna laidhe, ʼs i ann an teasaich;
15
Agus bhean e dha ʼlaimh, us dhʼfhag an teasach i, us dhʼeirich i, agus fhritheil i dhaibh.
16
Agus nuair thainig am feasgar, thug iad ga ionnsuidh moran anns an robh deomhain; us thilg e mach na spioraid le fhacal, agus leighis e iadsan uile a bha tinn:
17
Gus an coimhlionteadh na labhair am faidh Isaias, a g-radh: Ghabh e air fhein ar laigsean, agus ghiulain e ar n-easlaintean.
18
Us Iosa faicinn moran sluaigh mun cuairt da, dhʼ orduich e dhaibh dol thar a chaolas.
19
Agus sgriobhach àraidh a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ris: A mhaighistir, leanaidh mi thu, ge bʼe aite an teid thu.
20
Agus thuirt Iosa ris: Tha saobhaidhean aig na sionnaich, us nid aig eoin an athair, ach cha n-eil aite aig Mac an duine far an leag e cheann.
21
Us thuirt fear eile dhe dhiesciopuil ris: A Thighearna, leig dhomh falbh an toiseach, us mʼathair a thiodhlaiceadh.
22
Ach thuirt Iosa ris: Lean mise; us leig leis na mairbh am mairbh fhein a thiodhlaiceadh.
23
ʼSa dol air bord saghaich, lean a dheisciopuil e.
24
Agus, seall, dhʼeirich stoirm mhor air an fhairge, ionnus gun robh na tuinn a tighinn thairis air an eathar, ach bha esan ʼna chadal.
25
Us thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, agus dhuisg iad e, a g-radh: A Thighearna, sabhail sinn, tha sinn a dol a dhith.
26
Agus thuirt Iosa riu: Car-son a tha eagal oirbh, sibhse air bheag creidimh? An sin dhʼeirich e, us smachdaich e na gaoithean agus a mhuir, us thainig fiath mor.
27
Ach ghabh na daoine iongantas, a g-radh: Ciod e an seorsa duine tha ʼn so, chionn tha na gaoithean agus a mhuir umhailt dha?
28
Us nuair a thainig e thar a chaolas gu tir nan Gerasenach, choinnich dithis e anns an robh deomhain, a tighinn a mach as na h-uaighean, ro-fhiadhaich, ionnus ʼs nach bʼurrainn duine air bith gabhail seachad an rathad sin.
29
Us, seall, ghlaodh iad, a g-radh: Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhe? An tainig thu an so gus ar pianadh roi ʼn àm?
30
Agus bha treud mhor mhuc teann orra a g-ionaltradh:
31
Agus ghrios na deomhain air, a g-radh: Ma thilgeas tu mach á so sinn, cuir san treud mhuc sinn.
32
Us thuirt e riu: Rachaibh. Agus air dol mach dhaibh, chaidh iad anns na mucan, us seall, ruith an treud ʼna deann le bruthach cas doʼn mhuir; agus bhàsaich iad sna h-uisgeachan.
33
Us theich na buachaillean; ʼsa dol a stigh doʼn bhaile, dhʼinnis iad gach ni, ʼs mar a thachair dhaibhse anns an robh na deomhain.
34
Agus, seall, chaidh am baile uile mach an coinneamh Iosa, ʼs nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air, e dhʼfhalbh as an criochan.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28