bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 24
Matthew 24
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 25 →
1
Agus chaidh Iosa mach as an teampull, us dhʼ imich e. Agus thainig a dheisciopuil gu aitreamh an teampuill fhiachuinn da.
2
Ach thuirt esan riu, ʼs e freagairt: A bheil sibh faicinn so uile? gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-fhagar an so clach air muin cloiche, nach tilgear sios.
3
ʼS nuair a shuidh e air beinn Olibheit, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh fos n-iosal, a g-radh: Innis dhuinn cuin a thachras iad so? agus ciod e an comharradh air do thighinn, ʼs air deireadh an t-saoghail?
4
Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Thugaibh an aire nach meall duine air bith sibh.
5
Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise Criosta; us meallaidh iad moran.
6
Agus cluinnidh sibh cogaidhnean, agus fathunn chogaidhnean. Thugaibh an aire nach bi sibh fo bhruaillean: oir feumaidh na nichean so tachairt, ach cha n-eil a chrioch ann fhathast:
7
Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, us rioghachd an aghaidh rioghachd, agus bithidh plaighean, us gorta, us crithean-talmhuinn feadh aiteachan.
8
Ach cha n-eil an so uile ach toiseach nan truaighean.
9
An sin liubhraidh iad seachad sibh gu doruinn, agus marbhaidh iad sibh: agus bithidh fuath aig a h-uile cinneadh oirbh as leth mʼainmse.
10
An sin gabhaidh moran sgainneal, agus brathaidh iad a cheile, agus bheir iad fuath do gach a cheile.
11
Agus eiridh moran fhaidhean-breige, us meallaidh iad moran.
12
Agus a chionn gum bi an drochbheart pailt, fuaraichidh carrantachd mhorain.
13
Ach an neach a bhuanaicheas thun na criche, bithidh e sabhailte.
14
Agus searmonaichear soisgeul so na rioghachd feadh an domhain uile, mar theisteanas do na cinnich gu leir: an sin thig a chrioch.
15
Nuair a chi sibh ma ta graineileachd an leir-sgrios, mun do labhair am faidh Daniel, ʼna seasamh san ionad naomh: am fear a leughas, tuigeadh e.
16
An sin teicheadh iadsan a thʼ ann an Iudéa thun nam beann.
17
ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e a thoirt a bheag leis as a thigh:
18
ʼS am fear a tha san achadh, na tilleadh e a thoirt leis a chota.
19
Ach mo thruaighe iadsan, a tha lethtromach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin.
20
Ach guidhibh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh no air an t-sàbaid.
21
Oir san àm sin is mor an t-amhghar a bhios ann, a leithid ʼs nach robh bho thùs an t-saoghail, agus nach bi.
22
ʼS mar rachadh na lài sin a ghiorrachadh, cha bhiodh feoil air bith sabhailte: ach air son nan daoine taghte giorraichear na lài sin.
23
An sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, no ʼn sid, na creidibh e.
24
Oir eiridh criostan-breige us faidhean-breige, agus ni iad comharran mora agus beartan iongantach, ann an rathad ʼs gum mealladh iad (nam faodadh e bhith) na daoine taghte fhein.
25
Seall, dhʼinnis mise dhuibh roimh laimh.
26
Ma their iad ma ta ribh, seall, tha e san fhasach, na rachaibh a mach, seall e sna seomraichean, na creidibh.
27
Oir mar a thig an dealanach bhoʼn aird-an-ear, ʼsa chithear e gu ruig aird-an-iar: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine.
28
Ge bʼe aite am bi a chairbh, ʼsann an sin a chruinnichear na h-iolairean.
29
Air ball as deigh anradh nan laithean sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus, us tuitidh na reultan bho neamh, agus bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad.
30
An sin chithear comharradh Mhic an duine san athar: an sin guilidh treubhan an talmhuinn gu leir; agus chi iad Mac an duine a tighinn ann an neoil nan speur le mor-chumhachd agus le gloir.
31
Us cuiridh e ʼainglean le trombaid ʼs le guth mor: agus cruinnichidh iad a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean, bho iomall nan neamh gus an iomall eile.
32
ʼS bhoʼn chrann-fhige ionnsaichibh dubhfhacal: nuair a tha a mheangan a nis maoth, ʼs an duilleach a bristeadh a mach, tha fios agaibh gum beil an samhradh faisg.
33
Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so uile, tuigibh gum beil e faisg, seadh aig na dorsan.
34
Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile.
35
Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid mo bhriathran-sa seachad.
36
Ach air an là sin no air an uair cha n-eil fios aig duine, no aig ainglean fhlathanais, ach aig an Athair ʼna aonar.
37
Mar a thachair an lài Noé, ʼsann a bhios aig tighinn Mhic an duine.
38
Oir mar a bha iad sna laithean romh ʼn tuil, a g-iche, ʼsa g-ol, a posadh, ʼs toirt am posadh, gus a cheart latha anns an deach Noé stigh doʼn àirc,
39
Agus cha tug iad toighe, gus an tainig an tuil, ʼs an tug i leatha iad uile: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine.
40
An sin bithidh dithis san achadh: gabhar fear dhiu, agus fagar fear.
41
Bithidh dithis bhan a bleith sa mhuilionn: gabhar té dhiu, agus fagar té.
42
Air an aobhar sin dianaibh faire: a chionn ʼs nach eil fhios agaibh ciod an uair san tig ur Tighearna.
43
Ach biodh fios agaibh air so, nam bitheadh brath aig fear-an-tighe dé an uair aig an tigeadh am meirleach, gun dianadh e faire, ʼs nach fuiligeadh e a thigh a bhristeadh.
44
Uime sin bithibhse deas: oir thig Mac an duine an uair nach saoil sibh.
45
Co shaoileas tu is e an seirbhiseach dileas agus glic, a dhʼorduich a thighearna fos cionn a theaghlaich, gu biadh a thoirt daibh na àm?
46
Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheobh a thighearna, nuair a thig e, a dianamh mar sin.
47
Gu dearbh tha mi radh ribh, gun cuir e fos cionn a mhaoin uile e.
48
Ach ma their an droch sheirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo thighearna a dianamh moille ʼna thighinn:
49
ʼS gun teann e ri cho-sheirbhisich a bhualadh, agus ri iche ʼs ri ol comhla ri misgearan:
50
Thig tighearna an t-seirbhisich sin an latha air nach bi duil ris, ʼs air an uair nach saoil e:
51
Agus tearbaidh e e, agus cuiridh e a chrannchur am measg chealgairean: an sid bithidh gal us giosgan fhiacal.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28