bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 19
Matthew 19
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 20 →
1
Agus thachair, nuair a chriochnaich Iosa na briathran sin, gun dʼfhalbh e á Galile, ʼs gun tainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain.
2
Us lean moran sluaigh e, agus leighis e an sin iad.
3
Us thainig na Phairisich ga ionnsuidh ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: Am beil e laghail do dhuine a bhean a chur bhuaithe air son a h-uile aobhair?
4
Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Nach do leugh sibh, esan a chruthaich an duine bho thoiseach, gun dʼrinn e firionn agus boirionn iad? Us thuirt e:
5
Air an aobhar so dealaichidh duine ri athair ʼs ri mhathair, agus leanaidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil.
6
Uime sin cha dithis iad tuille, ach aon fheoil. An ni ma ta, a cheangail Dia, na fuasgladh duine.
7
Thuirt iad ris: Car-son ma seadh a dhʼorduich Maois litir-dhealachaidh a thoirt seachad, ʼsa cur air falbh?
8
Thuirt e riu: ʼSann air son cruas ur cridhe a thug Maois cead duibh ur mnathan a chur air falbh: ach cha robh e mar sin bho thoiseach.
9
Agus tha mise g-radh ribh, co sa bith a chuireas bhuaithe a bhean, ach air son striopachais, ʼsa phosas té eile, gu bheil e dianamh adhaltranais; ʼs gum beil am fear, a phosas an té a chuireadh air falbh, a dianamh adhaltranais.
10
Thuirt a dheisciopuil ris: Ma se sin cor an duine a thaobh a mhna, cha n-eil e iomchuidh posadh.
11
Thuirt e riu: Cha n-eil daoine uile a gabhail an fhacail so, ach iadsan dha ʼn tugadh e.
12
Oir tha caillteanaich ann, a rugadh mar sin bho bhroinn am mathar; ʼs tha caillteanaich ann, a rinneadh mar sin le daoine; agus tha caillteanaich ann, a rinn caillteanaich dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais. Am fear is urrainn a ghabhail, gabhadh e e.
13
An sin thugadh ga ionnsuidh clann bheag gus a lamhan a chur orra ʼs urnaigh a dhianamh. Agus chronaich na deisciopuil iad.
14
Ach thuirt Iosa riu: Leigibh leis a chloinn bhig, ʼs na bacaibh iad a thighinn gam ionnsuidhse; oir ʼsann dhaʼn leithidean a bhuineas rioghachd fhlathanais.
15
Agus an deigh dha a lamhan a chur orra, dhʼfhalbh e as a sin.
16
Agus, seall, thainig fear ga ionnsuidh, us thuirt e ris: A Mhaighistir mhath, ciod am math an ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?
17
Tʼhuirt e ris: Car-son tha thu cur ceisd ormsa mu mhath? Tha h-aon math, Dia. Ach ma ʼs aill leat dol a stigh gu beatha, cum na faintean.
18
Thuirt esan ris: Co iad? Us thuirt Iosa: Na dian marbhadh: Na dian adhaltranas: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige.
19
Thoir onair dha tʼ Athair ʼs dha dʼmhathair: agus bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein.
20
Thuirt an t-oganach ris: Chum mi iad sin uile bho mʼoige, ciod tuille a tha dhith orm?
21
Ars Iosa ris: Ma ʼs aill leat a bhith coimhlionta, falbh, reic na thʼagad, us thoir do na bochdan, agus bithidh iuntas agad am flathanas, us thig, lean mise.
22
Ach nuair a chual an t-oganach am facal so, dhʼ fhalbh e gu muladach; oir bha moran sheilbh aige.
23
Agus thuirt Iosa ri dheisciopuil: Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur h-ann air eiginn a theid duine beartach a stigh do rioghachd fhlathanais.
24
ʼSa rithist tha mi g-radh ribh: Gur fhasa do chamhall dol ro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd fhlathanais.
25
ʼSa cluinntinn so ghabh na deisciopuil moran iongantais, a g-radh: Co is urrainn ma ta a bhith sabhailte?
26
Thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-chomasach do dhaoine, ach tha h-uile ni comasach do Dhia.
27
An sin fhreagair Peadar, us thuirt e: Seall, threig sinne a h-uile ni, agus lean sinn thu; ciod ma ta gheobh sinn?
28
Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, sibhse a lean mise, gun suidh sibh, anns an ath-bhreith nuair a shuidheas Mac an duine air cathair a mhoralachd, air dà chathair dhiag, a toirt breith air dà threibh dhiag Israil.
29
Agus duine sa bith, a dhʼfhag a thigh, no bhraithrean, no pheathraichean, no athair, no mhathair, no bhean, no chlann, no fhearann, air son mʼainmse, gheobh e ciad fillte, agus sealbhaichidh e a bheatha mhairionnach.
30
Agus tha moran air thoiseach a bhios air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhios air thoiseach.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28