bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 23
Matthew 23
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 24 →
1
An sin labhair Iosa ris an t-sluagh ʼs ri dheisciopuil,
2
A g-radh: Tha na Sgriobhaich ʼs na Phairisich ʼnan suidhe air cathair Mhaois.
3
Uime sin cumaibh us dianaibh a h-uile ni a their iad ribh: ach na dianaibh air reir an gniomhan: oir their iad agus cha dian.
4
Oir ceanglaidh iad eallaichean troma ʼs do-ghiulan, agus sparraidh iad air guaillnean dhaoine iad: ach cha dian iad fhein urad ʼs an carachadh leʼm miar fhein.
5
Agus an oibrichean uile tha iad a dianamh los gum faicear le daoine iad: oir tha iad a liadachadh am philacteria, ʼsa miadachadh am fraoidhneasan.
6
Oir is toil leo na ciad shuidheachain aig feisdean, ʼs na ciad chathraichean anns na sinagogan,
7
Agus fàilt air a mhargadh, agus Rabbi a chantuinn riu le daoine.
8
Ach na siribhse Rabbi a chantuinn ribh: oir is aon Mhaighistir a thʼagaibh, agus is braithrean sibh uile.
9
Agus na canaibh ur n-athair ri h-aon air talamh, oir is aon ur n-Athair, a tha air neamh.
10
Cha mhua theirear maighistirean ribh: oir is aon Mhaighistir a thʼagaibh, Criosta.
11
Am fear is mua ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh.
12
Ach am fear a dhʼardaicheas e fhein, theid isleachadh: agus am fear a dhʼislicheas e fhein, theid ardachadh.
13
Ach mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche ʼsa Phairisiche, a chealgairean; a chionn gum beil sibh a dunadh rioghachd neamh roi dhaoine; oir cha n-eil sibh fhein dol a stigh, agus an fheadhainn, a tha sireadh dol a stigh, cha leig sibh leo.
14
Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean; a chionn gum beil sibh a creachadh tighean bhantrach, a g-urnaigh urnaighean fada: air son so gheobh sibh breitheanas nas cruaidhe.
15
Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gun cuairtich sibh muir us tir, gu aon duine thionndadh: ʼs nuair a thionndaidhear e, ni sibh mac ifrinn deth dà chuairt nas mua na sibh fhein.
16
Mo thruaighe sibh, a chinn-iuil dhalla, a tha radh: Co sam bith a mhionnaicheas air an teampull, is neoni sin: ach esan a mhionnaicheas air òr an teampuill, is fiachan air e.
17
Amadana, ʼsa dhaoine dalla: Co dhiu is mua an t-òr no an teampuill, a tha naomhachadh an òir?
18
Agus neach sam bith a mhionnaicheas air an altair, is neoni sin: ach neach air bith a mhionnaicheas air an tiodhlac, a tha air an altair, tha e am fiachan.
19
A dhaoine dalla: Co dhiu is mua an tiodlac no an altair, a tha naomhachadh an tiodhlaic?
20
Esan ma ta a mhionnaicheas air an altair, tha e mionnachadh oirre fhein, ʼs air gach ni a thʼair a h-uachdar:
21
Agus neach air bith a mhionnaicheas air an teampull, tha e mionnachadh air, agus airsan a tha tamh san teampull.
22
Agus an neach a mhionnaicheas air neamh, tha e mionnachadh air cathair Dhe, us airsan a tha ʼna shuidhe oirre.
23
Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a tha toirt an deachaimh de mhionn, de dhʼainis, ʼs de chuimin, agus dhʼfhag sibh nichean nas cudtromaiche deʼn lagh, ceartas, us trocair, agus creideamh: iad so bu chòir dhuibh a dhianamh, gun iad sid a dhearmad.
24
A chinn-iuil dhalla, a shiolaidheas a mheanbh-chuileag, ʼsa shluigeas an camhall.
25
Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gum beil sibh a nighe taobh-mach a chupa ʼs na meise: ach air an taobh-stigh tha sibh lan reubainn agus truailleachd.
26
A Phairisich dhoill, glan an toiseach taobh-stigh a chupa ʼs na meise, chum gun cinn an taobh-mach glan cuideachd.
27
Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean: a chionn gum beil sibh coltach ri uaighean geala, a chithear boidheach le daoine air an taobh-mach, ach air an taobh-stigh a tha lan de chnaimhean nam marbh, ʼs deʼn h-uile salachar.
28
Mar sin air an taobh-mach tha sibhse gu dearbh a sealltuinn ionraie an lathair dhaoine: ach air an taobh-stigh, tha sibh lan ceilge ʼs eucoire.
29
Mo thruaighe sibh, a Sgriobhaiche agus a Phairisiche, a chealgairean, a tha togail uaighean nam faidhean, ʼsa sgeimheachadh cruislean nan ionracan,
30
Agus tha sibh a g-radh: Nam bithemid ann ri linn ar n-aithrichean, cha bhiodh comh-pairt againn riu ann am fuil nam faidhean.
31
Mar sin tha sibh a toirt teisteanais ʼnur n-aghaidh fhein, a chionn ʼs gur sibh mic na feadhnach a mharbh na faidhean.
32
Lionaibh suas ma ta tomhas ur n-aithrichean.
33
A nathraiche, a ghineil nan nathraichean, ciamar a sheachnas sibh binn iutharna?
34
Uime sin, seall, tha mise cur fhaidhean gu ʼr n-ionnsuidh, agus dhaoine glice, agus Sgriobhach, us cuid dhiu sin marbhaidh sibh agus ceusaidh sibh, us cuid sgiursaidh sibh ʼnur sinagogan, agus ni sibh geur-leanmhuinn orra bho bhaile gu baile:
35
Gus a h-uile fuil neo-chiontach a dhoirteadh air talamh a thighinn oirbh, bho fhuil Abeil an t-ionracan gu ruig fuil Shachariais, mac Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampull agus an altair.
36
Gu firinneach tha mi g-radh ribh: thig iad so uile air a ghinealach so.
37
A Ierusalem, Ierusalem, a mharbhas na fàidhean, ʼsa chlachas an fheadhainn a chuirear ad ionnsuidh, nach minic a bʼaill leam do chlann a chruinneachadh, mar a chruinnicheas a chearc a h-iseanan fo ʼsgiathan, ach cha bʼaill leat!
38
Seall, fagar ur tigh falamh dhuibh.
39
Oir tha mi a g-radh ribh: cha n-fhaic sibh mise á so suas, gus an abair sibh: Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28