bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 20
Matthew 20
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 21 →
1
Tha rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a chaidh a mach much sa mhaduinn a thuarasdalachadh luchd-oibre gu ghàradh-fiona.
2
Agus an deigh dha cordadh ris an luchd-oibre air son sgilinn san latha, chuir e gu ghàradh-fona iad.
3
ʼSa dol a mach muʼn treas uair, chunnaic e feadhainn eile ʼnan seasamh diomhain air a mhargadh.
4
Agus thuirt e riu: Theirigibhse mar an ciadna gu mʼ fhion-lios, ʼs an ni a bhios ceart bheir mi dhuibh.
5
Us dhʼfhalbh iad. Agus chaidh e mach a rithist muʼn t-siathamh, ʼs muʼn naoitheamh uair; agus rinn e mar an ciadna.
6
Agus mu aon uair-diag chaidh e mach, us fhuair e feadhainn eile ʼnan seasamh, us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur seasamh an so ré an latha diomhain?
7
Thuirt iad ris: A chionn nach do chuir duine air bith muinntireas oirnn. Thuirt e riu: Theirigibhse cuideachd gu mʼ fhion-lios.
8
ʼS nuair thainig am feasgar, thuirt Tighearna a ghàraidh-fhiona ris an stiubhart: Gairm an luchd-oibre, ʼs thoir an tuarasdal dhaibh, a toiseachadh aig an fheadhainn mu dheireadh gu ruig a chiad fheadhainn.
9
Nuair ma ta thainig iadsan a bhʼair tighinn mu aon uair-diag, fhuair iad sgilinn am fear.
10
Ach nuair thainig a chiad fheadhainn, shaoil iad gum faigheadh iad tuilleadh; ach fhuair iadsa mar an ciadna sgilinn am fear.
11
Agus ga fhaighinn rinn iad gearan an aghaidh fear-an-tighe,
12
A g-radh: Cha dʼoibrich an fheadhainn dheirionnach so ach aon uair, agus rinn thu iad ionann us sinne a ghiulain cudtrom an latha agus a bhruthainn.
13
Ach esan a freagairt, thuirt e ri fear dhiubh: A charaid, cha n-eil mi dianamh eucoir ort, nach do chord thu rium air son sgilinn?
14
Tog do chuid fhein ʼs bi falbh: oir is aill leam a thoirt doʼn fhear dheirionnach so urad us dhutsa.
15
Nach fhaod mi mo thoil fhein a dhianamh? am beil do shuilse olc, a chionn gum beil mise math?
16
Mar sin bithidh an fheadhainn mu dheireadh air thoiseach, ʼs an fheadhainn a tha air thoiseach air dheireadh. Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
17
Agus Iosa a dol suas gu Ierusalem, thug e an dà dheisciopul diag a lethtaobh, us thuirt e riu:
18
Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine seachad do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, agus ditidh iad gu bàs e.
19
Agus bheir iad seachad do na cinnich e gu magadh air, agus gu sgiursadh, ʼs gu cheusadh, agus eiridh e air an treas latha.
20
An sin thainig mathair mic Shebede le a mic ga ionnsuidh, a g-aoradh, ʼsa g-iarraidh rudeigin air.
21
Thuirt e rithe: Ciod is aill leat? Thuirt i ris: Abair gun suidh iad so mo dhà mhac, fear air do laimh dheis, agus fear air do laimh chli na dʼ rioghachd.
22
Ach thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh. An urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol? Thuirt iad ris: Is urrainn.
23
Thuirt e riu: Olaidh sibh gu dearbh mo chailis: ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gus a thoirt dhuibh, ach dhaibhse dha ʼn deach uidheamachadh le mʼAthair.
24
Nuair a chuala an deichnear so, bha iad diumbach dheʼn dà bhrathair.
25
Ach ghairm Iosa iad ga ionnsuidh, us thuirt e: Tha fios agaibh gum beil prionnsachan nan cinneach a gnathachadh tighearnais orra, ʼs gur h-ann aig na daoine mora tha chumhachd thairis orra.
26
Cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach fear sam bith leis an aill a bhith nas mua ʼnur measg, biodh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh.
27
Agus esan leis an aill a bhith ʼna chiad fhear ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh.
28
Amhuil mar nach eil Mac an duine air tighinn gu frithealadh fhaighinn, ach los frithealadh, ʼs a bheatha a thoirt seachad gu moran a shabhaladh.
29
Agus nuair a chaidh iad a mach á Iericho, lean moran sluaigh e.
30
Agus seall, chuala dithis dhall, a bha ʼnan suidhe aig taobh an rathaid, gun robh Iosa dol seachad; us ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, gabh truas ruinn, a Mhic Dhài.
31
Agus chronaich an sluagh iad, gus iad a bhith samhach. Ach ʼsann is mua ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, a Mhic Dhài, gabh truas ruinn.
32
Agus sheas Iosa, us ghairm e iad, us thuirt e: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?
33
A Thighearna, ars iadsan, ar suilean fhosgladh.
34
Agus ghabh Iosa truas riu, agus bhean e dhaʼn suilean. Agus air ball chunnaic iad, us lean iad e.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28