bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 25
Matthew 25
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 26 →
1
Bithidh rioghachd fhlathanais an sin coltach ri deich oighean, a ghabh an lochrain, ʼsa chaidh a mach an coinneamh fear-na-bainnse us bean-na-bainnse.
2
Agus bha coignear dhiu gorach us coignear glic.
3
Ach a choignear ghorach a gabhail an lochran, cha tug iad ola leo:
4
Ach thug na h-oighean glice ola leo ʼnan soitheachan maille ri ʼn lochrain.
5
Ach fear-na-bainnse a dianamh moille, thuit iad uile ʼnan turra-chadal ʼs ʼnan suain.
6
Ach mu mhiadhon oidhche chualas glaodh: Seall fear-na-bainnse a tighinn, siubhlaibh ʼna choinneamh.
7
An sin dhʼeirich na h-oighean ud uile, us dhʼuidheamaich iad an lochrain.
8
Agus thuirt na h-oighean gorach ris an fheadhainn ghlic: Thugaibh dhuinn cuid dheʼr n-ola: oir tha na lochrain againn air dol as.
9
Fhreagair na h-oighean glice, a g-radh: Eagal ma dhʼfhaoidte nach bi gu leòr dhuinne agus dhuibhse, ʼs fhearr dhuibh falbh thun nam marsannan, agus ceannach dhuibh fhein.
10
Ach nuair a bha iad dol a cheannach, thainig fear-na-bainnse: agus chaidh iadsan a bha deas a stigh comhla ris thun na bainnse, us dhuineadh an dorus.
11
Agus mu dheireadh thainig a chuid eile de na h-oighean, a g-radh: A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne.
12
Ach a freagairt thuirt esan: Gu deimhinn tha mi radh ribh, cha n-aithne dhomh sibh.
13
Leis a sin dianaibh faire, a chionn ʼs nach aithne dhuibh an latha, no ʼn uair.
14
Oir ceart mar dhuine a dol gu cein-thir, ghairm e sheirbhisich, agus liubhair e dhaibh a mhaoin,
15
Agus do h-aon thug e coig talannan, agus do h-aon eile dhà, agus do h-aon eile a h-aon, do gach aon air reir a chàileachd, us dhʼfhalbh e san uair air a thurus.
16
Agus dhʼimich esan a fhuair na coig talannan, us rinn e ceannachd leo, agus choisinn e coig eile.
17
Mar an ciadna am fear a fhuair a dhà, choisinn e dhà eile.
18
Ach am fear nach dʼfhuair ach a h-aon, dhʼ fhalbh e, agus chladhaich e san talamh, agus dhʼfhalaich e airgiod a thighearna.
19
Agus an deigh moran uine, thainig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu.
20
Agus thainig am fear a fhuair na coig talannan, us thairg e dha coig talannan eile, a g-radh: A thighearna, thug thu dhomh coig talannan, seall coig eile, a choisinn mi a bharrachd.
21
Agus thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna.
22
Agus thainig am fear a fhuair an dà thalann, us thuirt e: A thighearna, thug thu dhomh dà thalann, seall dhà eile, a bhuannaich mi.
23
Thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna.
24
Ach nuair thainig am fear nach dʼfhuair ach aon talann, thuirt e: A thighearna, tha fios agam gur duine cruaidh thu; tha thu buain far nach do chuir thu, ʼsa cruinneachadh far nach do sgap thu:
25
ʼSa gabhail eagail, dhʼfhalbh mi, agus dhʼfhalaich mi do thalann san talamh: seall, so agad do chuid fhein.
26
Ach thuirt a thighearna ris, ʼs e freagairt: A sheirbhisich eucoraich agus leisg, bha fios agad gum buain mi far nach do chuir mi, ʼs gun cruinnich mi far nach do sgap mi:
27
Uime sin bu chòir dhut mo chuid airgid a thoirt doʼn luchd-mhalairt, agus nuair a thiginn, gheobhainn mo chuid fhein le riadh.
28
Thugaibh bhuaithe ma ta an talann, us thugaibh e doʼn fhear aig a bheil na deich talannan:
29
Oir doʼn h-uile fear, aig a bheil, bheirear, us bithidh lan-phailteas aige; ach bheirear bhuaithe-san, aig nach eil, an ni a shaoilear a bhith aige.
30
Agus tilgibh an seirbhiseach gun fheum an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal us giosgan fhiacal.
31
Agus nuair a thig Mac an duine ʼna mhoralachd, agus ainglean uile marris, an sin suidhidh e air cathair a ghloire:
32
Agus cruinnichear ʼna lathair na cinnich uile, us tearbaidh e bho cheile iad, mar a thearbas buachaille na caoraich bho na gobhair:
33
Agus cuiridh e na caoraich air a laimh dheis, ach na gobhair air a laimh chli.
34
An sin their an righ riusan, a bhios air a laimh dheis: Thigibhse, a mhuinntir bheannaichte mʼAthar, gabhaibh seilbh air an rioghachd, a chaidh uidheamachadh dhuibh bho steidheachadh an t-saoghail:
35
Oir bha mi acrach, agus thug sibh biadh dhomh; paiteach, agus thug sibh deoch dhomh; na mʼ choigreach, ʼs thug sibh stigh mi;
36
Ruisgte, us chomhdaich sibh mi; tinn, agus thainig sibh a shealltuinn orm; bha mi am priosan, agus thainig sibh gam ionnsuidh.
37
An sin freagraidh na daoine ionraic e, a g-radh: A thighearna, cuin a chunnaic sinn thu air acras, ʼsa thug sinn biadh dhut; air phathadh, ʼsa thug sinn deoch dhut?
38
Agus cuin a chunnaic sinn na dʼ choigreach thu, ʼsa ghabh sinn stigh thu? no ruisgte, ʼsa chuir sinn aodach ort?
39
No cuin a chunnaic sinn thu tinn, no am priosan, ʼsa thainig sinn ga tʼ ionnsuidh?
40
ʼSa freagairt their an righ riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cho tric ʼsa rinn sibh doʼn aon is lugha dhe mo bhraithrean so, rinn sibh dhomhsa e.
41
An sin their e ris an fheadhainn a tha air a laimh chli: Gabhaibh bhuam, a luchd nam mollachd, gu teine siorruidh, a chaidh uidheamachadh doʼn deomhan, ʼs dha ainglean.
42
Oir bha mi air acras, ʼs cha tug sibh biadh dhomh; air phathadh, ʼs cha tug sibh deoch dhomh;
43
Bha mi am choigreach, ʼs cha tug sibh a stigh mi; ruisgte, ʼs cha do chuir sibh aodach orm; gu tinn ʼs am priosan, ʼs cha tainig sibh a shealltuinn orm.
44
An sin freagraidh iadsan e cuideachd, a g-radh: A Thighearna, cuin a chunnaic sinn thu acrach, no paiteach, no ad choigreach, no ruisgte, no tinn, no am priosan, nach do fhritheil sinn dhut?
45
An sin freagraidh e iad, a g-radh: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: fhad ʼs nach dʼrinn sibh e doʼn aon is lugha dhiu so, cha dʼrinn sibh dhomhsa e.
46
Uime sin theid iad so gu pein shiorruidh: ʼs na daoine ionraic gu beatha shiorruidh.
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 26 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28