bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 4
Matthew 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 5 →
1
An sin chaidh Iosa stiuradh leis an Spiorad doʼn fhasach, gus e bhith air a bhuaireadh leis an aibhistear.
2
ʼS nuair a thraisg e dàfhichead latha agus dàfhichead oidhche, an deigh sin bha acras air.
3
ʼS am buaireadair a tighinn, thuirt e ris: Maʼs tu Mac De, orduich do na clachan so a bhith ʼnan aran.
4
Os esan, a freagairt: Tha e sgribhte: Cha n-ann air aran a mhain a thig an duine beo, ach air a h-uile facal a thig a mach á bial De.
5
An sin thug an deomhan suas e gus am baile naomh, agus chuir e air binnein an teampuill e,
6
Agus thuirt e ris: Ma ʼs tu Mac De, tilg thu fhein sios: oir tha e sgribhte: Thug e fainte dha ʼainglean mu dʼ dheidhinn, us togaidh iad suas ʼnan lamhan thu, eagal ma dhʼfhaoidte gum buail thu do chas an aghaidh cloiche.
7
Thuirt Iosa ris: Tha e sgribhte rithist: Na buair an Tighearna do Dhia.
8
Thug an deomhan e rithist gu beinn gle ard, agus dhʼfhiach e dha rioghachdan an domhain uile agus an gloir,
9
Us thuirt e ris: Iad so uile bheir mi dhut, ma thuiteas tu sios agus aoradh a thoirt domh.
10
An sin thuirt Iosa ris: Gabh romhad, a shatain: oir tha e sgribhte: Doʼn Tighearna do Dhia bheir thu aoradh, agus dhasan a mhain ni thu seirbhis.
11
An sin dhʼfhag an deomhan e; agus, seall, thainig ainglean, agus fhreasdail iad dha.
12
Ach nuair a chual Iosa, gun do ghlacadh Eoin, dhʼfhalbh e do Ghalile.
13
ʼSa fagail baile Nasareth, thainig e agus ghabh e comhnuidh ann an Capharnaum ri taobh na mara, an criochan Shabuloin agus Nephtalim:
14
Gus an ni, a thuirt am faidh Isaias, a choimhlionadh:
15
Talamh Shabuloin us talamh Nephtalim ri oir na mara air taobh thall Iordain, Galile nan Cinneach:
16
Am pobull a shuidh an dorchadas, chunnaic iad solus mor: us dhaibhse, a shuidh an tir sgàil a bhais, dhʼeirich solus.
17
Bhoʼn àm sin thòisich Iosa ri teagasg, ʼs ri radh: Dianaibh peanas, oir tha rioghachd De faisg.
18
Us nuair a bha Iosa g-imeachd ri taobh muir Ghalile, chunnaic e dithis bhraithrean, Simon dhaʼn ainm Peadar, agus Aindris a bhrathair, a cur lin sa mhuir (oir bʼiasgairean iad).
19
Us thuirt e riu: Leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
20
Agus ghrad-dhʼfhag iad na lin, us lean iad e.
21
ʼSa falbh as a sin, chunnaic e dithis bhraithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eoin a bhrathair, ann am bàta maille riʼn athair Sebede, a càradh an lion: agus ghairm e iad.
22
ʼS air ball dhʼfhag iad an lin agus an athair, us lean iad e.
23
Agus dhʼimich Iosa mun cuairt feadh Ghalile uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile gné thinnis, ʼsa h-uile easlaint am measg an t-sluaigh.
24
Agus sgaoil a chliu feadh Shiria uile, us thug iad ga ionnsuidh an sluagh tinn uile, a bha air am pianadh le iomadh aiceid agus doruinn, us iadsan anns an robh deomhain, us iadsan air an robh an caothach, us iadsan air an robh a chrith, agus leighis e iad.
25
Agus lean cuideachda mhor e bho Ghalile, ʼs bho Dhecapolis, bho Ierusalem ʼs bho Iudéa, ʼs bho thaobh thall Iordain.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28