bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 12
Matthew 12
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 13 →
1
San àm sin chaidh Iosa tro arbhar air an t-sàbaid; agus thòisich a dheisciopuil, ʼs iad air acras, ri spionadh dhias, agus ri ʼn iche.
2
Ach na Phairisich a faicinn so, thuirt iad ris: Seall, tha do dheisciopuil a dianamh rud nach eil ceadaichte a dhianamh air laithean na sàbaid.
3
Ach thuirt esan riu: Nach do leugh sibh ciod a rinn Dài, ʼs e air acras, ʼs an fheadhainn a bha comhla ris:
4
Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe, us dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte dha iche, no dhaibhse a bha comhla ris, ach do na sagairt a mhain?
5
No nach do leugh sibh san lagh, gum beil na sagairt a bristeadh na sàbaid san teampull, ʼs iad saor bho choire?
6
Ach tha mise g-radh ribh gum beil neach nas mua na an teampull an so.
7
Ach nam bʼaithne dhuibh ciod e: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt: cha bhiodh sibh riamh air diteadh nan neochiontach.
8
Oir is Tighearna air an t-sàbaid fhein Mac an duine.
9
ʼS nuair a thriall e as a sin, thainig e stigh doʼn t-sinagog aca.
10
Agus fiach duine aig an robh lamh sheargte, agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: Am beil e laghail leigheas a dhianamh air latha na sàbaid? los coire chur as a leth.
11
Ach thuirt esan riu: Co an duine agaibhse aig a bheil aon chaora, ʼs ma thuiteas i ann an slochd air an t-sàbaid, nach beir oirre, ʼs nach tog as i?
12
Nach mor is fhearr duine na caora? Air an aobhar sin tha e laghail math a dhianamh air an t-sàbaid.
13
An sin thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Us shìn e i, agus rinneadh slan i mar an té eile.
14
Agus chaidh na Phairisich a mach, us ghabh iad comhairle ʼna aghaidh, ciamar a chuireadh iad a dhith e.
15
Ach Iosa a tuigsinn so, dhʼfhalbh e as a sin, us lean moran e, agus leighis e iad uile.
16
Agus dhʼ àithn e orra gun iad ga dhianamh follaiseach:
17
Los gun coimhlionteadh na chaidh a labhairt leis an fhaidh Isaias, a g-radh:
18
Seall mo sheirbhiseach a thagh mi, mʼannsachd, dheth na ghabh mʼanam mor-thlachd. Cuiridh mi mo spiorad air, us foillsichidh e breitheanas do na cinnich.
19
Cha dian e consachadh ʼs cha ghlaodh e, cha mhua chluinneas duine a ghuth air na straidean.
20
A chuilc bhruite cha bhrist e, agus an lion smuideach cha mhùch e, gus an cuir e breitheanas air adhart gu buaidh.
21
Agus ʼna ainm cuiridh na cinnich an earbsa.
22
An sin thugadh ga ionnsuidh duine anns an robh deomhan, ʼs e dall agus balbh; us leighis e e, ionnus guna bhruidhinn ʼs gum fac e.
23
Us ghabh an sluagh uile iongantas, us thuirt iad: Nach e so Mac Dhài?
24
Agus na Phairisich a cluinntinn so, thuirt iad: Cha n-eil an duine so a cur a mach dheomhan ach le Beelsebub prionnsa nan deomhan.
25
Ach Iosa a tuigsinn an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a thʼair a roinn ʼna h-aghaidh fhein, nitear ʼna fasach i: ʼsa h-uile baile no tigh a thʼ air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha sheas e.
26
Agus ma chuireas satan a mach satan, tha e air a roinn ʼna aghaidh fhein: cia-mar ma ta a sheasas a rioghachd?
27
Agus ma ʼsann le Beelsebub a tha mise tilgeil a mach dheomhan, co leis tha ur cloinn fhein gan tilgeadh a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsa ʼnam britheamhnan oirbh.
28
Ach ma ʼsann le Spiorad Dhe a tha mise tilgeadh a mach dheomhan, an sin thainig rioghachd Dhe guʼr n-ionnsuidhse.
29
No ciamar is urrainn do neach dol a stigh do thigh duine laidir, us ʼairneis a spuilleadh, mar ceangail e an toiseach an duine laidir? ʼs an sin creachaidh e a thigh.
30
An neach nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh, ʼs an neach nach eil a tional maille rium, tha e sgapadh.
31
Uime sin tha mi g-radh ribh: Mathar a h-uile peacadh agus blaisbheum do dhaoine, ach cha mhathar blaisbheum an aghaidh an Spioraid.
32
Agus neach air bith a their facal an aghaidh Mhic an duine, mathar dha e: ach an neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhathar dha e san t-saoghal so, no san t-saoghal ri tighinn.
33
An darna cuid, dianaibh a chraobh math, ʼs am meas math; no dianaibh a chraobh olc ʼs am meas olc: ʼs gur ann air a meas a dhʼaithnear a chraobh.
34
A ghineil nan nathraichean, ciamar is urrainn duibh nichean matha labhairt, nuair tha sibh fhein olc? ʼs gur ann bho phailteas a chridhe a labhras am bial.
35
Bheir duine math a mach bho iuntas math nichean matha: agus bheir duine olc a mach bho iuntas olc nichean olca.
36
Ach tha mi g-radh ribh, gun toir daoine cunntas latha bhreitheanais air a h-uile facal diomhain a labhras iad.
37
Oir ʼsann bho do bhriathran a shaorar thu, agus ʼsann bho do bhriathran a dhìtear thu.
38
An sin fhreagair cuid de na Sgriobhaich agus de na Phairisich, a g-radh: A mhaighistir, bu mhath leinn comharradh fhaicinn bhuat.
39
Thuirt esan, ʼs e gam freagairt: Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh; us comharradh cha toirear dhaibh, ach coniharradh Ionais am faidh.
40
Oir mar bha Ionas tri laithean ʼs tri oidhchean am broinn na muice-mara: is amhuil a bhios Mac an duine tri laithean agus tri oidhchean an cridhe an talmhuinn.
41
Eiridh muinntir Ninibhé am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh iad e: a chionn guna ghabh iad aithreachas ri searmonachadh Ionais. Agus, seall, tha nas mua na Ionas an so.
42
Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh i e: a chionn ʼs gun tainig i bho iomall an t-saoghail a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin. Agus seall nas mua na Solomon an so.
43
Nuair a theid deomhan neoghlan a mach á duine, siubhlaidh e feadh aiteachan tiorma a sireadh foise, ʼs cha n-fhaigh e i.
44
An sin their e: Tillidh mi gu mʼ fhardaich fhein as an tainig mi. ʼSa tighinn gheobh e i falamh, sguabte, us sgeadaichte.
45
An sin falbhaidh e us bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa dol a stigh fuirghidh iad an sin: us bithidh deireadh an duine sin nas miosa na thoiseach. Sin mar a dhʼeirgheas doʼn ghinealach choirbte so.
46
Nuair a bha e fhathast a labhairt ris an t-sluagh, seall sheas a mhathair ʼs a bhraithrean a muigh a g-iarraidh labhairt ris.
47
Us thuirt duine àraidh ris: Seall do mhathair us do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, ga dʼ iarraidh.
48
Ach esan a toirt freagairt do ʼn urra a dhʼinnis dha, thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?
49
ʼSa sineadh a laimh a dhʼionnsuidh a dheisciopul, thuirt e: Faic mo mhathair agus mo bhraithrean.
50
Oir co sa bith a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, is esan mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28