bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 21
Matthew 21
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 22 →
1
Agus nuair a thainig iad teann air Ierusalem, ʼsa rainig iad Bethphage aig sliabh Olibheit, an sin chuir Iosa dithis dhe dheisciopuil,
2
A g-radh riu: Rachaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus gun dàil gheobh sibh asal an ceangal, us loth comhla rithe, fuasglaibh iad, agus thugaibh gam ionnsuidh iad.
3
Agus ma their duine facal ribh, abraibh gum beil feum aig an Tighearna orra, agus leigidh e bhuaithe san uair iad.
4
Us thachair so uile, gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh, a g-radh;
5
Abraibh ri nighean Shioin: Seall, tha do righ a tighinn dha tʼionnsuidh ciuin, ʼna shuidhe air asail ʼs air bioraiche, mac na té a chaidh fo chuing.
6
Agus dhʼfhalbh na deisciopuil, agus rinn iad mar a dhʼorduich Iosa dhaibh.
7
ʼS thug iad leo an asal agus am bioraiche; us chuir iad an aodach orra, agus thug iad air suidhe air am muin.
8
Agus sgaoil moran sluaigh am falluinnean air an rathad, agus ghearr feadhainn eile giagan bharr nan craobh, agus sgap iad air an rathad iad.
9
Agus ghlaodh an sluagh a bha roimhe ʼs ʼna dheigh, a g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: Is beannaichte esan, a tha tighinn an ainm an Tighearna; hosanna anns na h-airdibh.
10
ʼS nuair a chaidh e stigh do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, a g-radh: Co e so?
11
Ach thuirt an sluagh: Se so Iosa, faidh bho Nasareth Ghalile.
12
Agus chaidh Iosa a stigh do theampull Dhe, ʼs thilg e mach iadsan uile a bha reic ʼsa ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-mhalairt an airgid, agus cathraichean luchd-reic chalman.
13
Agus thuirt e riu: Tha e sgribhte: Theirear tigh urnaigh ri mo thighse, ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth.
14
Agus thainig doill us bacaich ga ionnsuidh san teampull, agus leighis e iad.
15
Ach nuair chunnaic na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich na miarailtean a rinn e, ʼsa chlann a g-eigheach san teampull, ʼsa g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: las am fearg,
16
Us thuirt iad ris: Am beil thu cluinntinn ciod a tha iad sin a cantuinn? Agus thuirt Iosa riu: Tha mi. An do leugh sibh riamh: A bial naoidhean agus chiochran choimhlion thu moladh?
17
Agus dhʼfhag e iad, ʼs chaidh e mach as a bhaile gu Bethania, agus dhʼfhan e an sin.
18
ʼSa tilleadh sa mhaduinn thun a bhaile, bha acras air.
19
ʼSa faicinn craoibh-fige aig taobh an rathaid, thainig e ga h-ionnsuidh; ʼs cha dʼfhuair e dad oirre ach duilleach a mhain, us thuirt e: Gu bràth na fasadh meas ortsa. Agus shearg a chraobh-fhige sa cheart uair.
20
ʼS na deisciopuil a faicinn so, ghabh iad iongantas, a g-radh: Ciamar a shearg i as ann an tiota?
21
ʼSa freagairt thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ma bhios creideamh agaibh, ʼs nach cuir sibh ag ann, cha n-ann a mhain air craoibh-fhige, a ni sibh so, ach ma their sibh ris a bheinn so: Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, nithear e.
22
Agus a h-uile ni a dhʼ iarras sibh ann an urnaigh, ma chreideas sibh, gheobh sibh e.
23
An deigh dha an teampull a ruighinn, thainig ga ionnsuidh, agus esan a teagasg, na h-ard-shagairt us seanairean a phobuill, a g-radh: Ciod e an t-ughdaras leis am beil thu dianamh nan nichean so? Us co thug an t-ughdaras so dhut?
24
Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Faighnichidh mise aon fhacal dhibhse; ʼs ma dhʼ innseas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.
25
Co as a bha baisteadh Eoin? an ann bho neamh, no bho dhaoine? Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh:
26
Ma their sinn bho neamh, their e ruinn: Car-son ma ta nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall iad uile air Eoin mar fhaidh.
27
Agus fhreagair iad Iosa, agus thuirt iad: Cha n-aithne dhuinn. Agus thuirt esan riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.
28
Ach ciod e ur barail? Aig duine àraidh bha dithis mhac, agus chaidh e dhʼionnsuidh a chiad fhir, us thuirt e: A mhic, falbh an diugh a dhʼobair na mʼ fhion-lios.
29
Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Cha teid. Ach le gluasad an aithreachais dhʼ fhalbh e an deigh sin.
30
ʼSa dol a dhʼionnsuidh an fhir eile, thuirt e an ni ciadna. Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Theid mi, a thighearna; ʼs cha deach e.
31
Co dheʼn dithis a rinn toil ʼathar? Thuirt iad ris: A chiad fhear. Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi a g-radh ribh, gun teid cismhaoir agus striopaichean do rioghachd Dhe roimhibhse.
32
Oir thainig Eoin guʼr n-ionnsuidh air slighe a cheartais, agus cha do chreid sibh e: ach chreid cismhaoir agus striopaichean: agus sibhse, a chunnaic so, cha do ghabh sibh aithreachas an deigh sin, los gun creideadh sibh e.
33
Eisdibh ri dubhfhacal eile: Bha fear-tighe àraidh ann a phlanntaich fion-lios, ʼsa chuartaich le gàradh e, ʼsa chladhaich amar-fìona ann, ʼsa thog tùr, agus a shuidhich air tuath e, ʼsa dhʼfhalbh do dhuthaich choigrich.
34
Agus nuair a dhluthaich àm nam meas, chuir e sheirbhisich thun na tuatha, gus a mheas fhaighinn.
35
Ach rug an tuath air na seirbhisich, agus bhuail iad fear dhiu, mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile.
36
A rithist chuir e seirbhisich eile na bu lionoire na chiad fheadhainn, agus rinn iad orrasan air an alt chiadna.
37
Ach mu dheireadh chuir e mhac gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh do mʼ mhac.
38
Ach air doʼn tuath am mac fhaicinn, thuirt iad ʼnam measg fhein: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e, ʼs bithidh ʼoighreachd againn fhein.
39
Agus ga ghlacadh thilg iad a mach as an fhion-lios e, agus mharbh iad e.
40
Nuair thig ma ta tighearna an fhion-lios, ciod a ni e air an tuath sin?
41
Thuirt iad ris: Bheir e na droch dhaoine sin gu droch chrich, agus suidhichidh e fhion-lios air tuath eile, a bheir dha na measan ʼnan àm fhein.
42
Thuirt Iosa riu: Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobturan: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn dhi? Rinneadh so leis an Tighearna, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean?
43
Uime sin tha mi g-radh ribh, gun toirear bhuaibhse rioghachd Dhe, agus bheirear i do chinneach a bheir mach a toradh.
44
Agus an neach a thuiteas air a chloich so, pronnar e, ach an neach air an tuit i, min-bhleithear e.
45
ʼS nuair a chuala na h-ard-shagairt, ʼs na Phairisich a dhubhfhaclan, thuig iad gum bʼann muʼn deidhinn fhein a bha e labhairt.
46
ʼS ged bha toil aca a ghlacadh, bha eagal an t-sluaigh orra: oir bha iad coimhead air mar fhaidh.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28