bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 28
Matthew 28
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 27
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
1
Agus deireadh oidhche na sàbaid, mu bhristeadh na fàire a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig Mairi Magdalen agus a Mhairi eile a shealltuinn na h-uaighe.
2
Us, seall, bha crith-thalmhuinn mhor ann. Oir thainig aingeal an Tighearna bho neamh, agus air dha tighinn charaich e a chlach air a h-ais, agus shuidh e oirre.
3
Agus bha ʼaodann mar dhealanach, agus ʼeideadh mar shneachda.
4
Agus le fiamh roimhe dhʼoilltich an luchd-faire, agus dhʼfhas iad mar dhaoine marbha.
5
ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e ris na boirionnaich: Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam, gum beil sibh a sireadh Iosa, a chaidh a cheusadh:
6
Cha n-eil e an so: oir dhʼeirich e mar a thuirt e. Thigibh, us faicibh an t-aite anns na chuireadh an Tighearna.
7
ʼSa falbh gu luath, innsibh dha dheisciopuil, gun dʼeirich e; us, fiach, imichidh e roimhibh do Ghalile: an sin chi sibh e. Seall, tha mise air innse dhuibh roimh laimh.
8
Agus ghrad-dhʼimich iad bhoʼn uaigh le fiamh ʼs le mor aoibhneas, agus ruith iad a dhʼinnse dha dheisciopuil.
9
Agus, seall, choinnich Iosa iad, a g-radh: Fàilt oirbh. Us thainig iadsa faisg, agus rug iad air a chasan, agus thug iad aoradh dha.
10
An sin thuirt Iosa riu: Na biodh eagal oirbh. Siubhlaibh, agus abraibh ri mo bhraithrean, iad a dhol do Ghalile, chi iad an sin mi.
11
An deigh dhaibh falbh, faic, thainig cuid deʼn luchd-faire a stigh doʼn bhaile, agus dhʼinnis iad do na h-ard-shagairt h-uile ni a thachair.
12
ʼS air dhaibhse cruinneachadh comhla ris na seanairean, ʼs an comhairle a chur ri cheile, thug iad suim mhor airgid do na saighdearan,
13
A g-radh: Abraibh gun tainig a dheisciopuil feadh na h-oidhche, us ghoid iad e, agus sinne ʼnar cadal.
14
Agus ma thig so gu cluasan an uachdrain, cuiridh sinne impidh air, agus saoraidh sinn sibhse.
15
ʼSa gabhail an airgid, rinn iad mar a chaidh a sheoladh dhaibh. Agus tha ʼn sgial so air sgaoileadh am measg nan Iudhach gus an latha an diugh.
16
An sin chaidh an t-aon deisciopul diag do Ghalile, gu beinn far an dʼorduich Iosa dhaibh.
17
Agus ga fhaicinn thug iad aoradh dha; ach bha cuid dhiu ann an teagamh.
18
Us Iosa a tighinn, labhair e riu, a g-radh: Thugadh dhomhsa a h-uile cumhachd air neamh ʼs air talamh.
19
Falbhaibh ta, us teagaisgibh a h-uile cinneadh, gam baisteadh an ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh;
20
A teagasg dhaibh a h-uile ni chumail, a dhʼàithn mise oirbh: agus, seall, tha mise maille ribh h-uile latha gu deireadh an t-saoghail.
← Chapter 27
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28