bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 14
Matthew 14
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 15 →
1
San àm sin chuala Herod an Tetrarch cliu Iosa:
2
Us thuirt e ri sheirbhisich: Se so Eoin Baiste; dhʼeirich e bho na mairbh, agus a bhrigh sin tha feartan air an dianamh leis.
3
Oir ghlac Herod Eoin, us cheangail e e, agus chuir e am priosan e air son Herodiais, bean a bhrathar.
4
Oir thuirt Eoin ris: Cha n-eil e laghail dhut i bhith agad.
5
ʼS ged a bha toil aige a chur gu bàs, bha eagal an t-sluaigh air: oir bha meas faidh aca air.
6
Ach air latha breith Heroid dhanns nighean Herodiais ʼnan lathair, agus thaitinn i ri Herod.
7
Ionnus guna gheall e le mionn gun tugadh e dhi ni sam bith, a dhʼiarradh i air.
8
Ach thuirt ise, ʼs i air a comhairleachadh roi sin le mathair: Thoir dhomh an so air meis ceann Eoin Baiste.
9
Agus bha an righ duilich: ach air son a mhionna, ʼs air son na feadhnach a bha ʼnan suidhe cuide ris, dhʼorduich e a thoirt di.
10
Agus chuir e, us thug e an ceann dhe Eoin anns a phriosan.
11
Agus ghiulaineadh a stigh a cheann air meis, us thugadh doʼn chailin e, agus thug ise dha mathair e.
12
Agus thainig a dheisciopuil, us thug iad leo a chorp, agus thiodhlaic iad e: ʼsa tighinn dhʼinnis iad do Iosa.
13
ʼS nuair a chuala Iosa so, dhʼfhalbh e as a sin air bàta gu aite fàs lethoireach: agus nuair a chual an sluagh so, lean iad air an cois e as na bailtean.
14
ʼSa falbh á sin, chunnaic e cuideachda mhor, us ghabh e truas riu, agus leighis e an daoine easlainteach.
15
ʼS nuair a thainig am feasgar, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Is aite fàs so, us tha an tim an nis air ruith; leig air falbh a chuideachda, los a falbh do na bailtean, gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein.
16
Ach thuirt Iosa riu: Cha ruig iad a leas falbh; thugaibh fhein biadh dhaibh gus ithe.
17
Fhreagair iad e: Cha n-eil againn an so ach coig builionnan us dà iasg.
18
Thuirt e riu: Thugaibh gam ionnsuidh an so iad.
19
Agus nuair a dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe sios air an fhiar, ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa g-amharc suas gu neamh bheannaich e, agus bhrist e, us thug e na builionnan dha dheisciopuil, agus thug na deisciopuil doʼn t-sluagh iad.
20
Us dhʼich iad uile, ʼs bha iad riaraichte. Agus thog iad lan dà chliabh dhiag de phronnaig, a bha dhʼ fhuighleach ann.
21
Agus bʼe aireamh na feadhnach a dhʼith, coig mile fear, a bharr air boirionnaich us cloinn.
22
ʼS air ball thug Iosa air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhàta, ʼs dhol roimhe thar a chaol, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.
23
ʼS an deigh dha an sluagh a sgaoileadh, chaidh e suas ʼna aonar do bheinn a dhianamh urnaigh, ʼs nuair a thainig am feasgar bha e an sin leis fhein.
24
Ach bha ʼm bàta am miadhon na fairge air a luasgadh leis na tuinn: oir bha ghaoth ʼnan aghaidh.
25
Ach air a cheathramh faire de ʼn oidhche thainig esan gan ionnsuidh a coiseachd air a mhuir.
26
Agus nuair a chunnaic iad e coiseachd air a mhuir, dhʼoilltich iad, a g-radh: Se tannasg a thʼann. Us dhʼeigh iad le geilt.
27
ʼS air ball labhair Iosa riu: Biodh misneach agaibh, is mise thʼ ann, na biodh eagal oirbh, os esan.
28
Agus thuirt Peadar, ʼs e freagairt: A Thighearna, ma ʼs tusa thʼann, iarr ormsa tighinn ad ionnsuidh air na h-uisgeachan.
29
Ach thuirt esan: Thig. Us Peadar a tighinn as a bhàta choisich e air an uisge gu Iosa ruighinn.
30
ʼSa faireachduinn na gaoith laidir, ghabh e eagal; ʼs nuair a theann e ri dol fodha, ghlaodh e, a g-radh: A Thighearna, teasraig mi.
31
Agus ghrad-shìn Iosa lamh, ʼs rug e air, us thuirt e ris: A lag-chreidiche, car-son a bha thu an teagamh?
32
Agus nuair a chaidh iad a stigh doʼn bhàta, sguir a ghaoth.
33
Agus thainig iadsan a bha sa bhàta agus thug iad aoradh dha, a g-radh: Gu firinneach is tu Mac Dhe.
34
Agus nuair a dhʼaisig iad a null, rainig iad talamh Ghenesair.
35
ʼS nuair a dhʼaithnich muinntir an aite sin e, chuir iad fios feadh na ducha sin uile, agus thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach;
36
Us ghuidh iad air leigeil leo a mhain beanailt do dhʼfhaitheam aodaich. Agus a mhiad ʼsa bhean, rinneadh slan iad.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28