bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 7
Matthew 7
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 8 →
1
Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh.
2
Oir a reir na breth a bheir sibh, bheirear breth oirbh: ʼsa reir an tomhais leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh air ais.
3
Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein an suil do bhrathar, ʼs nach leir dhut an t-sail na dʼshuil fhein?
4
No ciamar a their thu ri do bhrathair: Leig dhomh an caimein a thoirt á do shuil: us, seall, tha sail na dʼshuil fhein?
5
A chealgaire, spion an toiseach an t-sail á do shuil fhein, us chi thu an sin an caimein a thoirt á suil do bhrathar.
6
Na tugaibh ni naomh do na coin; cha mhua chuireas sibh ur seudan priseil air bialaobh mhuc, eagal ma dhʼ fhaoidte gun saltair iad orra leʼn casan, agus a tionndadh gun riab iad sibhse.
7
Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh: buailibh, agus fosglar dhuibh.
8
Oir gach aon a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs am fear a shireas, gheobh e: agus do ʼn fhear, a bhuaileas, fosglar.
9
Oir co am fear agaibhse, ma dhʼiarras a mhac aran air, a shineas clach dha?
10
No ma dhʼiarras e iasg, an sìn e nathair dha?
11
Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta, a tha olc, dea-thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor nas mua na sin a bheir ur n-Athair, a tha air neamh, nichean matha dhaibhse a dhʼiarras iad air?
12
A h-uile ni ma ta bu mhath leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh. Oir se so an lagh agus na faidhean.
13
Rachaibh a stigh air a gheata chumhann: a chionn gur leathan an geata ʼs gur farsuinn an rathad, a tha gabhail gu sgrios, agus is lionor iad a tha dol a stigh air.
14
Nach cumhann an geata, ʼs nach aimhlean an rathad, a tha gabhail gu beatha, agus nach tearc iad a tha g-amas air!
15
Bithibh air ur faicill roi fhaidhean-breige, a thig gu ʼr n-ionnsuidh an eideadh chaorach, ach air an taobh-stigh is madaidhean-alluidh riabach iad.
16
Air an toradh aithnidh sibh iad. An tionailear dearcan-fiona dheʼn droighionn, no figisean dhe na drisean?
17
Mar sin bheir a h-uile deagh chraobh a mach deagh mheas: ach bheir droch chraobh a mach droch mheas.
18
Cha n-urrainn deagh chraobh droch mheas a thoirt a mach: cha mhua ʼs urrainn droch chraobh deagh mheas a thoirt a mach.
19
A h-uile craobh nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios i, agus tilgear san teine i.
20
Uime sin air am meas aithnidh sibh iad.
21
Cha teid a h-uile fear a their riumsa, a Thighearna, a Thighearna, a stigh do rioghachd fhlathanais: ach se am fear a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, a theid a stigh do rioghachd fhlathanais.
22
Their moran rium san latha sin: A Thighearna, a Thighearna, nach dʼrinn sinn faisneachd ad ainm, ʼs nach do thilg sinn a mach deomhain ad ainm, ʼs nach dʼrinn sinn moran mhiarailtean ad ainm?
23
Agus an sin their mi riu: Cha bʼaithne dhomh riamh sibh: deilichibh rium, a luchd-dianamh an uilc.
24
Air an aobhar sin, h-uile h-aon a chluinneas na briathran so agamsa, ʼsa ni iad, samhlaichear e ri duine glic, a thog a thigh air creig;
25
Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, ʼs cha do thuit e, oir bha e air a steidheachadh air carraig.
26
Agus gach aon a chluinneas iad so mo bhriathran-sa, ʼs nach dian iad, tha e coltach ri duine gorach, a thog a thigh air a ghainmhich:
27
Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, us thuit e; agus bu mhor an sgrios a bhʼaige.
28
Agus thachair nuair a chriochnaich Iosa na briathran so, guna ghabh an sluagh iongantas ri theagasg.
29
Oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich aca agus na Phairisich.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28