bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 3
Matthew 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
1
Anns na laithean sin thainig Eoin Baiste, a searmonachadh am fasach Iudéa,
2
ʼSa g-radh: Dianaibh aithreachas: oir tha rioghachd fhlathanais faisg.
3
Oir se so esan mun do labhair am faidh Isaias, a g-radh: Guth neach a g-eigheach san fhasach, Reitichibh slighe an Tighearna, dianaibh direach ʼaisridhean.
4
Agus bha eideadh Eoin de chalg chamhal, us crios leathrach timchioll a leasraidh: agus bʼe bhiadh locuist us mil fhiadhaich.
5
An sin chaidh Ierusalem a mach ga ionnsuidh agus Iudéa gu leir, ʼs an duthaich uile mun cuairt do Iordan:
6
Agus bhaisteadh iad leis ann an Iordan, a g-aideachadh am peacannan.
7
Ach a faicinn morain de na Phairisich ʼs de na Sadusaich a tighinn gu bhaisteadh, thuirt e riu: A ghineil nan nathraichean, co dhʼ fhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg a tha ri tighinn?
8
Thugaibh a mach ma ta toradh freagrach doʼn aithreachas.
9
ʼS na smaoinichibh air a radh umaibh fhein: ʼSe Abraham ar n-athair-ne. Oir deiream ribh gum beil Dia comasach air mic a thogail suas do Abraham de na clachan sin.
10
Oir a nis tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh. Uime sin a h-uile craobh nach toir mach dea-mheas, theid a gearradh sios, ʼsa tilgeadh san teine.
11
Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge gu aithreachas: ach esan a thig am dheigh se is cumhachdaiche na mise, ʼs cha n-airidh mi air a bhrogan a ghiulan: baistidh esan sibh san Spiorad Naomh agus ann an teine.
12
Aigesan tha ghuit ʼna laimh, us glanaidh e gu buileach ʼurlar-bualaidh, agus tionailidh e a chruithneachd gu shabhal; ach loisgidh e am moll le teine nach gabh diocladh.
13
An sin thainig Iosa bho Ghalile gu Iordan dhʼionnsuidh Eoin, gu bhith air a bhaisteadh leis.
14
Ach bhac Eoin e, a cantuinn: Bu chòir dhomhsa bhith air mo bhaisteadh leatsa, ʼsa bheil thusa tighinn h-ugamsa?
15
Us Iosa freagairt, thuirt e ris: Ceadaich e an drasda: oir ʼsann mar so is còir dhuinn a h-uile ceartas a choimhlionadh. An sin leig e leis.
16
Agus nuair bhaisteadh Iosa, thainig e air ball nuas as an uisge: agus, seall, dhʼfhosgladh neamh dha: agus chunnaic e Spiorad De a tearnadh mar chalaman, ʼsa tighinn air.
17
Agus, seall, guth bho neamh, a g-radh: Se so mo Mhac ionmhuinn, agus is mor mo thlachd dheth.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28