bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 2
Matthew 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 3 →
1
Nuair a rugadh ma ta Iosa ann am Bethlehem Iuda, an lài righ Herod, seall, thainig daoine glice as an aird-an-ear gu Ierusalem,
2
A g-radh: Càite a bheil esan a rugadh ʼna righ nan Iudhach? Oir chunnaic sinn a reul san aird-an-ear, agus thainig sinn a thoirt aoraidh dha.
3
Agus air do righ Herod so a chluinntinn, bha e fo bhruaillean, agus Ierusalem uile maille ris.
4
Agus a cruinneachadh nan ard-shagart uile, agus Sgriobhaichean a phobuill, dhʼfheoraich e dhiu càite an robh Criosta ri bhreith.
5
Us thuirt iad ris: Am Bethlehem Iuda: oir mar so chaidh a sgriobhadh leis an fhaidh:
6
Agus thusa Bhethlehem an tir Iuda, cha tu idir is lugha measg priomh-bhailtean luda: oir asadsa thig a mach ceannard, a riaghlas mo phobull Israel.
7
An sin Herod a gairm nan daoine glice fos n-iosail, dhʼfhiosraich e dhiu gu dichiollach an t-àm air am fac iad an reul:
8
Agus gan cur do Bhethlehem, thuirt e: Rachaibh, ʼs cuiribh forfhais gu dichiollach air an naoidhean, ʼs nuair a gheobh sibh e, thugaibh fios dhomh air ais, los gun teid mi fhein a thoirt aoraidh dha.
9
Nuair chual iadsan an righ, dhʼfhalbh iad: agus, seall, chaidh an reul a chunnaic iad san ear rompa, gus an tainig i, ʼs na stad i fos cionn an aite anns an robh an leanabh.
10
Agus a faicinn na reil rinn iad aoibhneas le mor thoil-inntinn.
11
ʼSa gabhail a stigh doʼn tigh, fhuair iad an naoidhean maille ri Moire a mhathair, agus a tuiteam sios thug iad aoradh dha; ʼsa fosgladh an ionmhais, thairg iad dha tiodhlacan, òr, tùis, agus mirr.
12
ʼSa faighinn freagairt ʼnan cadal, gun iad a thilleadh gu Herod, chaidh iad air ais rathad eile doʼn duthaich fhein.
13
ʼS an deigh dhaibh falbh, seall, chunnacas aingeal an Tighearna le Ioseph ʼna chadal, a g-radh: Eirich, ʼs gabh an leanabh ʼs a mhathair, agus teich doʼn Eipheit; us fan an sin gus an innis mi dhut. Oir tachraidh gun sir Herod an leanabh gus a sgrios.
14
Agus a g-eirigh ghabh e an leanabh ʼs a mhathair san oidhche, agus chaidh e lethtaobh doʼn Eipheit:
15
Agus bha e an sin gu bàs Heroid: los gun coimhlionteadh an ni a labhair an Tighearna leis an fhaidh, a g-radh: As an Eipheit ghairm mi mo Mhac.
16
An sin Herod a faicinn gun deach a mhealladh leis na daoine glice, dhʼeirich fhearg gu mor; ʼsa cur luchd-millidh mharbh e gach leanabh-gille, a bha am Bethlehem agus ʼna criochan gu leir, a bha dà bhliadhnʼ a dhʼaois us fodha, air reir na time a dhʼfheoraich e gu mean dhe na daoine glice.
17
An sin choimhlionadh na labhair am faidh Ieremias, a g-radh:
18
Chualas guth ann an Rama, tuireadh us bròn ro-mhor; Rachel a caoidh a cloinne, ʼs cha ghabhadh i furtachd, chionn nach maireann iad.
19
Ach nuair dhʼeug Hèrod, seall, chunnacas aingeal an Tighearna le Ioseph ʼna chadal san Eipheit,
20
A g-radh: Eirich, us gabh an leanabh ʼs a mhathair, agus falbh gu talamh Israil. Oir tha iad marbh a dhʼiarr beatha an leinibh.
21
Dhʼeirich e, us ghabh e an leanabh ʼs a mhathair, agus thainig e gu talamh Israil.
22
Ach a cluinntinn gun do righich Archelaus ann an Iudéa an aite ʼathar, Herod, bha sgàth air a dhol an sin: ʼs air dha rabhadh fhaighinn ʼna chadal, chaidh e a lethtaobh gu criochan Ghalile:
23
Agus thainig e, ʼs ghabh e comhnuidh ann am baile ris an canar Nasareth: chum gun coimhlionteadh na labhradh leis na faidhean: gun canar Nasaréach ris.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28