bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 15
Matthew 15
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 16 →
1
An sin thainig Sgriobhaich us Phairisich á Ierusalem ga ionnsuidh, a g-radh:
2
Car-son a tha na deisciopuil agadsa a bristeadh air beul-aithris nan seanairean? oir cha n-eil iad a nigheadh an lamhan nuair a dhʼicheas iad aran.
3
Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Car-son a tha sibhse bristeadh air fainte Dhe le ur beul-aithris? Oir thuirt Dia:
4
Thoir onair dha tʼ athair, ʼs dha dʼ mhathair; agus: An neach a mholluicheas athair, no mhathair, cuirear gu bas e.
5
Ach tha sibhse radh: Neach sam bith a their ri athair, no ri mhathair, Tiodhlac sam bith bhuamsa do Dhia, thig e gu feum dhutsa;
6
ʼS cha toir e onair dha ʼathair, no dha mhathair: us rinn sibh fàinte Dhe gun bhrigh le ur beul-aithris.
7
A chealgairean, is math a rinn Isaias faisneachd muʼr deidhinn, a g-radh:
8
Tha ʼm pobull so toirt onair dhomhsa leʼm bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
9
Ach ʼsann gun fheum a tha iad a toirt aoraidh dhomhsa, a teagasg reachdan agus faintean dhaoine.
10
ʼSa gairm an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riu: Eisdibh, agus tuigibh.
11
Cha n-e an rud a theid a stigh air a bhial a shalaicheas an duine: ach se an rud a thig a mach as a bhial a shalaicheas an duine.
12
An sin thainig a dheisciopuil, us thuirt iad ris: Am beil fios agad guna ghabh na Phairisich sgainneal le cluinntinn an fhacail ud?
13
Ach esan a freagairt, thuirt e: A h-uile plannta nach do shuidhich mʼAthair a tha air neamh, spionar as a bhun e.
14
Leigibh leo: is doill iad, agus cinn-iuil nan dall. ʼS ma ni dall ceann-iuil do dhall, tuitidh iad le cheile san t-slochd.
15
Us Peadar a freagairt, thuirt e ris: Minich dhuinn an dubhfhacal so.
16
Ach thuirt esan: A bheil sibhse fhathast gun tuigse?
17
Nach eil sibh a tuigsinn, gum beil h-uile ni, a tha dol a stigh air a bhial, a dol sios doʼn bhroinn, ʼs air a thilgeadh a mach air an dun?
18
Ach na nichean a tha tighinn a mach as a bhial, ʼsann bhoʼn chridhe tha iad a tighinn, agus ʼsiad sin a tha salachadh an duine.
19
Oir ʼsann as a chridhe thig droch smaointean, murt, adhaltras, striopachas, goid, fianuis-bhreige, blaisbheum.
20
ʼSiad so na nichean a shalaicheas an duine. Ach cha shalaich e an duine a bhith g-icheadh le lamhan gun an ionnlad.
21
Us thriall Iosa á sin, us thainig e gu criochan Thiruis agus Shidoin.
22
Us, seall, thainig ban-Chanàanach a mach as na criochan sin, agus ghlaodh i, a g-radh ris: Gabh truas rium, a Thighearna, a mhic Dhài: tha mo nighean air a cradh gu goirt le deomhan.
23
Ach cha tug e facal freagairt dhi. ʼSa dheisciopuil a tighinn ga ionnsuidh, ghuidh iad air, a g-radh: Leig air falbh i, oir tha i g-eigheach ʼnar deigh.
24
Ach thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha do chuireadh mise ach a dhʼionnsuidh nan caorach a chailleadh de thigh Israil.
25
Ach thainig ise, ʼs thug i aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, dian mo chomhnadh.
26
Thuirt esa, ʼs e freagairt: Cha n-eil e math breith air aran na cloinne, ʼsa thilgeadh thun nan con.
27
Ach thuirt ise: Tha, a Thighearna: oir tha na cuileinean a g-ithe nan criomag a thuiteas bho bhord am maighistirean.
28
An sin fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: O bhean, is mor do chreideamh: biodh e dhut mar is aill leat. Us bhoʼn uair sin bhaʼn nighean aice air a leigheas.
29
Agus nuair a thriall Iosa as a sin, thainig e lamh ri muir Ghalile, ʼsa direadh beinne, shuidh e an sin.
30
Us thainig moran sluaigh ga ionnsuidh, a toirt leo nam balbhan, nan dall, nam bacach, nan ciorramach, us morain eile; agus thilg iad aig a chasan iad, agus leighis e iad.
31
Air chor ʼs guna ghabh an sluagh iongantas a faicinn nam balbhan a labhairt, nam bacach a g-imeachd, nan dall a faicinn; agus thug iad gloir do Dhia Israil.
32
Ach Iosa a gairm a dheisciopul ri cheile, thuirt e: Tha truas agam ris an t-sluagh, a chionn ʼs gun dʼfhan iad a nis tri latha comhla rium, ʼs cha n-eil ni aca a dhʼitheas iad: agus cha mhath leam an leigeil air falbh ʼnan trasgadh, eagal gum fannaich iad air an rathad.
33
Us thuirt a dheisciopuil ris: Co as ma ta a gheobh sinn cho liuthad builionn san fhasach, ʼs gun riaraich sinn cuideachda cho mor?
34
Agus thuirt Iosa riu: Co miad builionn a thʼagaibh? Agus thuirt iad: Seachd, agus beagan de dhʼiasg meanbh.
35
Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe sios air an làr.
36
ʼSa glacail nan seachd builionnan ʼs an éisg, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil, agus thug na deisciopuil doʼn t-sluagh.
37
Us dhʼith iad uile, agus shasuicheadh iad. Agus thog iad dheʼn phronnaig, a chaidh fhagail, seachd cleibh lan.
38
Agus bʼiad, an fheadhainn a dhʼith, ceithir mile fear, a bharr air cloinn agus mnathan.
39
ʼS an deigh dha an sluagh a sgaoileadh, chaidh e stigh do bhàta, agus thainig e gu criochan Mhagedain.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28