bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 16
Matthew 16
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 17 →
1
Agus thainig na Phairisich ʼs na Sadusaich h-uige ga bhuaireadh; us dhʼ iarr iad air comharradh fhiachuinn dhaibh bho neamh.
2
Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Nuair a thig am feasgar, their sibh: Bithidh aimsir mhath ann; oir thaʼn t-athar dearg.
3
Agus sa mhaduinn: Bithidh stoirm ann an diugh; oir tha an t-athar ruadh agus gruamach.
4
Is aithne dhuibh ma ta aghaidh nan speur a bhreithneachadh: agus nach urrainn duibh comharran nan aimsir a thuigsinn? Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh: us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhàidh Ionas. Agus gam fagail dhʼfhalbh e.
5
ʼS nuair a thainig a dheisciopuil thar a chaol, dhiochuimhnich iad builionnan arain a thoirt leo.
6
Agus thuirt e riu: Bithibh faicilleach, us thugaibh an aire oirbh fhein bho thaois ghoirt nam Phairiseach ʼs nan Sadusach.
7
Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: ʼSann air son nach tug sinn builionnan leinn.
8
Ach Iosa a tuigsinn so, thuirt e: Car-son tha sibh a smaoineachadh agaibh fhein, O lag-chreidiche, gur h-ann air son nach eil aran agaibh?
9
Nach eil sibh a tuigsinn fhathast, no cuimhneachadh nan coig builionnan am measg choig mile fear, ʼs co miad cliabh a thog sibh?
10
No nan seachd builionnan am measg cheithir mile fear, agus co miad cliabh a thog sibh?
11
Car-son nach do thuig sibh nach ann muʼn aran a thuirt mi ribh: Bithibh air ur faicill bho thaois-ghoirt nam Phariseach ʼs nan Sadusach?
12
An sin thuig iad nach tuirt e, iad a bhith air am faicill bho thaois-ghoirt nam builionnan, ach bho theagasg nam Phairiseach ʼs nan Sadusach.
13
Agus thainig Iosa gu criochan Chesaréa Philippi; ʼs dhʼfharraid e dhe dheisciopuil, a g-radh: Co tha daoine a g-radh is e Mac an duine?
14
Agus thuirt iadsa: Cuid gur tu Eoin Baiste, us cuid Elias, us cuid eile Ieremias, no fear dhe na faidhean.
15
Thuirt Iosa riu: Ach co tha sibhse a g-radh is mi?
16
Simon Peadar a freagairt, thuirt e: Is tusa Criosta, Mac an De bheo.
17
Us Iosa a freagairt, thuirt e ris: Is beannaichte thusa, Shimoin Bhar-Iona; oir cha n-iad feoil us fuil a thaisbean sin dhutsa, ach mʼ Athair a tha air neamh.
18
Agus tha mise g-radh riut: Gur tusa Peadar, agus air a charraig so togaidh mi mʼ Eaglais, ʼs cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.
19
Us bheir mi dhut iuchraichean rioghachd fhlathanais. Agus ciod sa bith a cheanglas tu air talamh, bithidh e ceangailte air neamh: agus ciod sa bith a dhʼfhuasglas tu air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh.
20
An sin dhʼorduich e dha dheisciopuil, gun iad a dhʼ innse do neach air bith gum bʼ esan Iosa an Criosta.
21
Bho ʼn àm sin thòisich Iosa ri fhiachuinn dha dheisciopuil gum feumadh e dol gu Ierusalem, ʼs moran fhulang bho na seanairean, ʼs na Sgriobhaich, ʼs na h-ard-shagairt, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh air an treas latha.
22
An sin thug Peadar air leth e, agus theann e ri chronachadh, a g-radh: Gum bu fada so bhuat, a Thighearna: cha thachair so dhut.
23
Ach a tionndadh thuirt e ri Peadar: Falbh air mo chul, a shatain, tha thu na dʼ sgainnoal domh: a chionn nach blasda leat nichean Dhe, ach nichean dhaoine.
24
An sin thuirt Iosa ri dheisciopuil: Ma ʼs aill le neach air bith tighinn am dheigh, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi.
25
Oir an neach leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: ach an neach a chailleas a bheatha as mo lethse, gheobh e i.
26
Oir ciod e ʼs fheairrde duine, ged a choisneadh e an saoghal gu leir, ma chailleas e anam? No ciod e an eirig a bheir duine air son anma?
27
Oir thig Mac an duine an gloir Athar le ʼainglean: ʼs an sin bheir e do gach neach air reir ʼoibrichean.
28
Gu dearbh tha mi g-radh ribh: gum beil cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad Mac an duine tighinn ʼna rioghachd fhein.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28