bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Matthew 18
Matthew 18
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 19 →
1
ʼSa cheart uair sin thainig na deisciopuil gu Iosa, a g-radh: Co shaoileas tu is mua bhios ann an rioghachd fhlathanais?
2
Agus Iosa a gairm leinibh bhig ga ionnsuidh, chuir e ʼnam miadhon e.
3
Agus thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: mur tionndaidh sibh, ʼs mur fàs sibh mar leanabain, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais.
4
Co sam bith ma ta, a dhʼislicheas e fhein mar an leanabh so, se is mua ann an rioghachd fhlathanais.
5
Agus ge bʼe a ghabhas ri leanabh beag mar so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa.
6
Ach an neach a bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach-mhuilinn a bhith crochte mu ʼamhaich, ʼsa bhith air a bhathadh an doimhne na fairge.
7
Mo thruaighe an saoghal as leth sgainneil. Is fheudar gun tig sgainneal, ach se mo thruaighe am fear sin leis an tig sgainneal.
8
Le sin ma bheir do lamh, no do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha air lethlaimh, no air lethchois, na do thilgeadh le dà laimh, no le dà chois ann an teine siorruidh.
9
ʼS ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha le aon shuil, no do thilgeadh le dà shuil an teine iutharna.
10
Seallaibh nach cuir sibh suarach gin deʼn fheadhainn bheaga so: oir tha mi g-radh ribh, gum beil an ainglean air neamh a faicinn daonnan gnuis mʼAthar a tha air neamh.
11
Oir thainig Mac an duine a shabhaladh an ni a bha caillte.
12
Ciod e ur barail? ma bhios ciad caora aig duine, ʼs gun teid h-aon diu air seachran; nach fag e an ceithir-fichead us naoi-diag air na beanntan, agus nach teid e shireadh na té a chaidh air seachran?
13
Agus ma thachras gum faigh e i, gu dearbh tha mi radh ribh, gum bi tuille aighir air a son so, na air son a cheithir-fichead agus naoi-diag, nach deach air seachran.
14
Mar sin cha n-eil toil aig ur n-Athair, a tha air neamh, gun teid gin deʼn fheadhainn bheaga sin a dhith.
15
Ach ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, falbh, us cronaich e eadar thu fhein agus esan leibh fhein. Ma dhʼeisdeas e riut, bithidh tu air do bhrathair a chosnadh.
16
Ach mur eisd e riut, gabh fear no dithis eile comhla riut, los ann am bial dithis no triuir fhianuisean, gun seas a h-uile facal.
17
Agus mur eisd e riusan, innis doʼn eaglais, ʼs mur eisd e ris an eaglais, biodh e dhut mar phaganach ʼs mar chismhaor.
18
Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ge bʼe ni a cheanglas sibh air talamh, bithidh e ceangailte air neamh; agus ge bʼe ni a dhʼ fhuasglas sibh air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh.
19
A rithist tha mi g-radh ribh, ma chordas dithis agaibh air talamh mu dheidhinn ni air bith a dhʼiarras iad, gun toirear dhaibh e le mʼAthair a tha air neamh.
20
Oir far a bheil dithis no triuir cruinn am ainmse, tha mise an sin ʼnam miadhon.
21
An sin Peadar a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e: A Thighearna, co miad uair a pheacaicheas mo bhrathair am aghaidh, ʼsa mhathas mi dha? an ann gu ruig seachd uairean?
22
Thuirt Iosa ris: Cha n-ann gu ruig seachd uairean tha mise g-radh riut, ach gu ruig deich us tri-fichead seachd uairean.
23
Uime sin tha rioghachd fhlathanais air a samhlachadh ri righ, leis am bʼ aill cunntas a dhianamh ri sheirbhisich.
24
ʼS nuair a theann e ri cunntas a ghabhail, thugadh fear ga ionnsuidh, air an robh aige deich mile talann.
25
ʼS nuair nach robh a bheag aige leis am paidheadh e, dhʼorduich a thighearna e fhein, ʼs a bhean, ʼs a chlann, ʼs gach ni bhʼaige a reic, agus dioladh a dhianamh.
26
Ach an seirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan.
27
An sin ghabh tighearna an t-seirbhisich sin truas ris, ʼs leig e chead dha, agus mhath e dha na fiachan.
28
Ach nuair chaidh an seirbhiseach sin a mach, fhuair e fear dhe cho-sheirbhisich fhein, air an robh aige ciad peighinn: ʼsa breith air bha e ga thachdadh, a g-radh: Paidh tʼfhiachan.
29
Ach a cho-sheirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan.
30
Ach cha bʼaill leis; ach dhʼfhalbh e, agus sparr e am priosan e, gus am paidheadh e na fiachan.
31
Ach a cho-sheirbhisich a faicinn na thachair, bha iad ro-dhuilich; us thainig iad, agus dhʼinnis iad dhaʼn tighearna gach ni a chaidh dhianamh.
32
An sin ghairm a thighearna e, us thuirt e ris: A sheirbhisich eucoraich, mhath mise dhutsa na fiachan uile bho na ghrios thu sin orm.
33
Nach bu chòir dhutsa ma ta truas a ghabhail ri do cho-sheirbhiseach, mar a ghabh mise truas riutsa?
34
ʼS a thighearna a gabhail feirge, liubhair e seachad doʼn luchd-riaslaidh e, gus am paidheadh e na fiachan uile.
35
Is amhuil a ni mʼAthair neamhaidh ribhse, mur math gach aon agaibh dha bhrathair bho ʼr cridheachan.
← Chapter 17
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 19 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28