bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 10
2 Kings 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 11 →
1
Agus bha aig Ahab deich agus trì‐fichead mac ann an Samaria. Agus sgrìobh Iehu litrichean, agus chuir e do Shamaria iad, a dh’ionnsaigh uachdaran Iesreeil, a dh’ionnsaigh nan seanair, agus dan ionnsaigh‐san a thog clann Ahaib, ag ràdh,
2
A‑nis nuair a thig an litir seo dur n‑ionnsaigh, o tha mic ur tighearna maille ribh, agus carbadan agaibh, agus eich, agus baile daingnichte, agus airm,
3
Amhaircibh a‑mach eadhon air a shon‐san as fheàrr agus as iomchaidh de mhic ur tighearna, agus cuiribh e air rìgh‐chathair a athar, agus cogaibh airson taigh ur tighearna.
4
Ach bha eagal ro‑mhòr orrasan, agus thubhairt iad, Feuch, cha do sheas dà rìgh roimhe, agus cionnas a sheasas sinne?
5
Agus chuir esan a bha os cionn an taighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus nì sinn gach nì a dh’iarras tu oirnn; cha dèan sinn rìgh air bith: an nì a tha taitneach ad shùilean‐sa, dèan e.
6
Agus sgrìobh e dan ionnsaigh litir an dara uair, ag ràdh, Mas leamsa sibh, agus ma dh’èisdeas sibh rim ghuth, gabhaibh cinn mic ur tighearna, agus thigibh am ionnsaigh‐sa mun tràth seo a‑màireach gu Iesreel: (a‑nis bha mic an rìgh, deich agus trì‐fichead fear, maille ri daoine mòra a’ bhaile a thog iad).
7
Agus nuair a thàinig an litir dan ionnsaigh, ghabh iad mic an rìgh, agus mharbh iad deich agus trì‐fichead fear, agus chuir iad an cinn ann am basgaidean, agus chuir iad da ionnsaigh iad gu Iesreel.
8
Agus thàinig teachdaire, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Thug iad leo cinn mic an rìgh. Agus thubhairt esan, Cuiribh iad nan dà dhùn aig dol a‑steach a’ gheata gu madainn.
9
Agus anns a’ mhadainn chaidh e a‑mach agus sheas e, agus thubhairt e ris an t‑sluagh uile, Tha sibhse ionraic: feuch, rinn mise ceannairc an aghaidh mo thighearna, agus mharbh mi e; ach cò a bhuail iad seo uile?
10
Biodh fhios agaibh a‑nis, nach tuit lide de fhacal an Tighearna gu làr, a labhair an Tighearna mu thaigh Ahaib; oir rinn an Tighearna an nì sin a labhair e le làimh a sheirbhisich Eliah.
11
Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair de thaigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd‐dàimh, agus a shagartan, gus nach d’fhàg e duine beò aige.
12
Agus dh’èirich e, agus dh’imich e, agus chaidh e do Shamaria. Agus nuair a bha e aig taigh‐bearraidh nam buachaillean air an t‑slighe,
13
Thachair Iehu air bràithrean Ahasiah rìgh Iùdah, agus thubhairt e, Cò sibhse? Agus thubhairt iadsan, Is sinne bràithrean Ahasiah, agus tha sinn a’ dol sìos a chur fàilte air cloinn an rìgh, agus air cloinn na bànrighinn.
14
Agus thubhairt esan, Glacaibh beò iad. Agus ghlac iad beò iad, agus mharbh iad iad aig sloc an taigh‐bhearraidh, dà‑fhichead agus dithis fhear; agus cha d’fhàg e duine beò dhiubh.
15
Agus nuair a dh’fhalbh e as a sin, thachair e air Iehonadab mac Rechaib a’ teachd na choinneamh; agus chuir e fàilte air, agus thubhairt e ris, A bheil do chridhe‐sa dìreach, mar a tha mo chridhe‐sa led chridhe‐sa? Agus thubhairt Iehonadab, Tha. Ma tha, arsa esan, thoir dhomh do làmh. Agus thug e dha a làmh, agus thog e suas e da ionnsaigh don charbad.
16
Agus thubhairt e, Thig maille riumsa, agus faic m’eud airson an Tighearna. Agus thug e air marcachd na charbad.
17
Agus thàinig e do Shamaria, agus bhuail e iadsan uile a mhair de Ahab ann an Samaria, gus an do sgrios e e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e ri Eliah.
18
Agus chruinnich Iehu an sluagh uile, agus thubhairt e riu, Rinn Ahab beagan seirbhis do Bhàal, ach nì Iehu mòran seirbhis dha.
19
A‑nis, matà, gairmibh am ionnsaigh‐sa fàidhean Bhàail uile, a sheirbhisich uile, agus a shagartan uile; na biodh duine dhiubh air chall; oir tha ìobairt mhòr agam ra dèanamh do Bhàal: ge bè neach a bhios air chall, cha mhair e beò. Ach rinn Iehu seo ann an seòltachd, a‑chum gun sgriosadh e luchd‐adhraidh Bhàail.
20
Agus thubhairt Iehu, Gairmibh fèill naomh do Bhàal. Agus ghairm iad i.
21
Agus chuir Iehu fios air feadh Israeil uile, agus thàinig uile luchd‐adhraidh Bhàail; cha d’fhàgadh duine dhiubh nach tàinig: ach chaidh iad a‑steach do thaigh Bhàail, agus lìonadh taigh Bhàail o cheann gu ceann.
22
Agus thubhairt e ris‐san a bha os cionn seòmar nan culaidh, Thoir a‑mach culaidhean do uile luchd‐adhraidh Bhàail. Agus thug e a‑mach dhaibh culaidhean.
23
Agus chaidh Iehu agus Iehonadab mac Rechaib a‑steach do thaigh Bhàail, agus thubhairt e ri luchd‐adhraidh Bhàail, Rannsaichibh agus faicibh nach bi an seo maille ribh neach air bith de sheirbhisich an Tighearna, ach luchd‐adhraidh Bhàail a‑mhàin.
24
Agus nuair a chaidh iad a‑steach a thoirt suas ìobairtean agus thabhartasan‐loisgte, shuidhich Iehu ceithir‐fichead fear leis a‑muigh, agus thubhairt e, Ma thèid fear air bith as de na daoine a thug mise thairis dur làimh, thèid anam an neach a leigeas as e airson a anama‑san.
25
Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt‐loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardan, Rachaibh a‑steach, buailibh iad, na tigeadh duine dhiubh a‑mach. Agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a‑mach iad, agus chaidh iad gu baile taigh Bhàail.
26
Agus thug iad a‑mach na dealbhan à taigh Bhàail, agus loisg iad iad.
27
Agus bhris iad sìos dealbh Bhàail, agus bhris iad sìos taigh Bhàail, agus rinn iad e na thaigh‐salchair gus an là‑an‑diugh.
28
Mar seo sgrios Iehu Bàal a‑mach à Israel.
29
Gidheadh ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, cha do dhealaich Iehu, eadhon ris na laoigh òir a bha ann am Betel, agus a bha ann an Dan.
30
Agus thubhairt an Tighearna ri Iehu, A chionn gun do rinn thu gu math anns an nì sin a dhèanamh a tha ceart ann am shùilean‐sa, agus gun do rinn thu ri taigh Ahaib a rèir gach nì a bha ann am chridhe‐sa, suidhidh do mhic den cheathramh ginealach air rìgh‐chathair Israeil.
31
Ach cha tug Iehu an aire air imeachd ann an lagh an Tighearna Dia Israeil le a uile chridhe; oir cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh.
32
Anns na làithean sin thòisich an Tighearna air Israel a ghearradh goirid: agus bhuail Hasael iad ann an uile chrìochan Israeil;
33
O Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, fearann Ghilead uile, na Gadaich, agus na Reubenich, agus na Manasaich, o Aroer (a tha làimh ri sruth Arnoin), eadhon Gilead agus Basan.
34
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehu, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine uile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
35
Agus chaidil Iehu maille ra athraichean; agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria: agus rìghich Iehoahas a mhac na àite.
36
Agus b’i an ùine a rìghich Iehu os cionn Israeil ann an Samaria, ochd‐bliadhna‑fichead.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25