bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 2
2 Kings 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 3 →
1
Agus thachair, nuair a bha an Tighearna gu Eliah a thogail suas le iomaghaoith do na nèamhan, gun deachaidh Eliah maille ri Elisa o Ghilgal.
2
Agus thubhairt Eliah ri Elisa, Fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Betel. Agus thubhairt Elisa ris, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad sìos gu Betel.
3
Agus thàinig mic nam fàidh a bha ann am Betel a‑mach gu Elisa, agus thubhairt iad ris, A bheil fhios agad gun toir an Tighearna an‑diugh do mhaighistir air falbh od cheann? Agus thubhairt esan, Seadh, tha fhios agam air; bithibh‐se nur tosd.
4
Agus thubhairt Eliah ris, Elisa, fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Iericho. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, cha dealaich mi riut. Agus thàinig iad gu Iericho.
5
Agus thàinig mic nam fàidh a bha ann an Iericho gu Elisa, agus thubhairt iad ris, Nach eil fhios agadsa gun toir an Tighearna an‑diugh do mhaighistir air falbh od cheann? Agus fhreagair esan, Seadh, tha fhios agam air; bithibh‐se nur tosd.
6
Agus thubhairt Eliah ris, Fan, guidheam ort, an seo: oir chuir an Tighearna mise gu Iòrdan. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad nan dithis air an aghaidh.
7
Agus chaidh leth‐cheud fear de mhic nam fàidh, agus sheas iad fan comhair fad as: agus sheas iadsan nan dithis làimh ri Iòrdan.
8
Agus ghabh Eliah a fhallaing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus roinneadh iad a‑null agus a‑nall; agus chaidh iadsan nan dithis thairis air talamh tioram.
9
Agus nuair a bha iad air dol thairis, thubhairt Eliah ri Elisa, Iarr ciod as àill leat mise a dhèanamh air do shon, mun toirear mi air falbh uat. Agus thubhairt Elisa, Biodh, guidheam ort, cuibhreann dhùbailte ded spiorad orm.
10
Agus thubhairt esan, Is cruaidh an nì a dh’iarr thu: gidheadh, ma chì thu mise nuair a bheirear air falbh uat mi, bidh e dhut mar sin; ach mura faic, cha bhi e mar sin.
11
Agus nuair a bha iad a’ gabhail air an aghaidh agus a’ còmhradh, feuch, carbad teine, agus eich theine, agus dhealaich iad o chèile iad: agus chaidh Eliah suas le iomaghaoith do na nèamhan.
12
Agus chunnaic Elisa sin, agus ghlaodh e, M’athair, m’athair, carbad Israeil, agus a mharc‐shluagh! Agus chan fhaca e nas mò e: agus rug e air a aodach fhèin, agus reub e na dhà mhìr e.
13
Agus thog e suas fallaing Eliah a thuit uaithe, agus thill e, agus sheas e làimh ri bruaich Iòrdain;
14
Agus ghabh e fallaing Eliah a thuit uaithe, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus thubhairt e, Càit a‑nis a bheil an Tighearna, Dia Eliah? Agus nuair a bhuail e na h‑uisgeachan, roinneadh iad a‑null agus a‑nall, agus chaidh Elisa thairis.
15
Agus nuair a chunnaic mic nam fàidh e, a bha ann an Iericho fa chomhair, thubhairt iad, Dh’fhan spiorad Eliah air Elisa. Agus thàinig iad na choinneamh, agus chrom iad iad fhèin dha gu làr.
16
Agus thubhairt iad ris, Feuch a‑nis, tha maille rid sheirbhisich leth‐cheud fear treun; rachadh iad, guidheamaid ort, agus iarradh iad do mhaighistir, air eagal gun do thog spiorad an Tighearna suas e, agus gun do thilg e e air beinn‐eigin, no ann an gleann‐eigin. Agus thubhairt esan, Cha chuir sibh uaibh iad.
17
Agus nuair a chuir iad impidh air gus an robh nàire air, thubhairt e, Cuiribh uaibh iad. Agus chuir iad uapa leth‐cheud fear; agus dh’iarr iad e rè trì làithean, ach cha d’fhuair iad e.
18
Agus nuair a thàinig iad a‑rìs da ionnsaigh, agus e a chòmhnaidh ann an Iericho, thubhairt e riu, Nach dubhairt mise ribh, Na rachaibh?
19
Agus thubhairt fir a’ bhaile ri Elisa, Feuch a‑nis, tha suidheachadh a’ bhaile seo taitneach, mar a tha mo thighearna a’ faicinn; ach tha an t‑uisge olc, agus an talamh neo‐thorrach.
20
Agus thubhairt esan, Thugaibh am ionnsaigh soitheach nodha, agus cuiribh salann ann. Agus thug iad da ionnsaigh e.
21
Agus chaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh tobar nan uisgeachan, agus thilg e salann an sin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Shlànaich mi na h‑uisgeachan seo: cha bhi o sin nas mò bàs, no talamh neo‐thorrach.
22
Agus shlànaicheadh na h‑uisgeachan gus an là‑an‑diugh, a rèir facal Elisa a labhair e.
23
Agus chaidh e suas as a sin gu Betel: agus nuair a bha e a’ dol suas air an t‑slighe, thàinig clann bheag a‑mach as a’ bhaile, agus rinn iad fanaid air, agus thubhairt iad ris, Gabh suas, fhir mhaoil; gabh suas, fhir mhaoil.
24
Agus sheall e na dhèidh, agus chunnaic e iad, agus mhallaich e iad ann an ainm an Tighearna: agus thàinig dà mhath‐ghamhainn bhoireann a‑mach as a’ choille, agus reub iad a dhà agus dà‑fhichead duine cloinne dhiubh.
25
Agus chaidh e as a sin gu sliabh Charmeil: agus as a sin thill e gu Samaria.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25